Manifesto nan Uaineach a' gealltainn Alba "a chruth-atharrachadh"

Gillian NicAoidh agus Ross GreerTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Gheall Pàrtaidh Uaine na h-Alba cruth-atharrachadh a thoirt air an dùthaich 's iad a' cur am manifesto, taobh a-muigh air bhog airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Tha na h-Uainich an dòchas gun dèan iad nas fheàrr na rinn iad riamh san taghadh an ath-mhìos.

A' bruidhinn aig tachartas ann an Glaschu gheall co-cheannardan a' phàrtaidh, Gillian NicAoidh agus Ross Greer, siubhal bus an-asgaidh agus 40,000 obair a chruthachadh ann an roinn a' chumhachd uaine.

Chuireadh iad cuideachd cìs air na daoine agus na companaidhean as beartaiche san dùthaich, a thuilleadh air gnìomhachasan truaillidh, airson airgead fhaighinn mu choinneimh cosgais sheirbheisean poblach.

Agus gheall iad an t-àrdachadh as motha ann an ginealach a thoirt air cùram-chloinne an-asgaidh - 1,240 uair an uaireadair don a h-uile pàiste aois a dhà.

Sin a tha ri fhaighinn an-dràsta do chloinn aois trì.

Còmhdhail

Tha iad airson 's gum bi mun dàrna leth dheth sin cuideachd ri fhaighinn do chloinn aois sia mìosan gu dà bhliadhna.

Tha iad ag ràdh an-dràsta gu bheil cosgaisean mar a tha iad a' putadh bhoireannach a-mach à saoghal na h-obrach, is ga dhèanamh doirbh do phàrantan nach eil cho math dheth a bhith ag obair.

Bheireadh iad atharrachadh air prìosanan na h-Alba, le lùghdachadh air na tha de bhinn-phrìosain ghoirid gan cur air eucoirich.

Gheall iad obrachadh a dh'ionnsaigh siubhal bus an-asgaidh don a h-uile duine, leis na busaichean gan cur dhan roinn phoblaich, agus dheadh cur às do charbadan Ciad Chlas air trèanaichean ScotRail, 's am pàrtaidh ag ràdh nach eil 98% de na ticeadan sin gan reic.

Leigeadh iad le daoine aon ticead a chleachdadh thairis air diofar sheirbheisean còmhdhail na dùthcha gu lèir cuideachd.

Dhaingnich iad an seasamh gum bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich agus na ball às ùr den Aonadh Eòrpach.

Geallaidhean

Am measg nam poileasaidhean eile aig na h-Uainich, tha:

  • Seachdain obrach ceithir làithean a leudachadh anns an roinn phoblaich

  • Casg gu tur air raointean ola is gas ùra sa Chuan a tuath

  • Prìomhachas a thoirt do sgìrean dùthchail agus eileanach ann am pròiseactan bun-structair

  • Sgeama ath-thrèanaidh do luchd-obrach a' Chuain a Tuath air a mhaoineachadh gu poblach

  • Alba a chur air ais air slighe a dh'ionnsaigh Net Zero ro 2045

  • Lùghdachadh a thoirt air eimiseanan càrboin le bhith a' cur cìs fearainn air eimiseanan càrboin

  • Sgìrean Sònraichte Cànain a leasachadh a rèir Achd nan Cànanan Albannach

  • Cur às don Chìs-Chomhairle, a' cur cìse ùir na h-àite stèidhichte air luach thaighean

  • Tuathanaich a bhrosnachadh a dh'ionnsaigh dhòighean àitich a tha math dha nàdar

  • Goireasan a chruthachadh feadh na dùthcha far an gabh daoine drugaichean gu sàbhailte - a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann agus Dùn Dè

  • Iarr air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte smachd iomlan a thoirt do Holyrood air taigheadas agus taic do luchd-siridh comraich agus làn-mhaoineachadh poblach do chomhairlean mu choinneimh seo

  • Cur as do dh'obair-dachaigh aig ìre na bun-sgoile, agus deuchainnean aig ìre na h-àrd-sgoile, le obair sgoilearan thairis air a' bhliadhna gu lèir ga measadh nan àite

  • Aois toiseach na sgoile a chur air ais gu seachd

  • Cìs 15% a chur air reic fearainn no thaighean luach còrr air £1m

Tuilleadh air an sgeulachd seo