Spòrs

Latest updates

  1. Na Baghlaich aig bàrr na lìogair fhoillseachadh aig 09:53 TSB 12 An Lùnastal

    Pàirce an Eilein Duirche ann am Beinn na Fadhla

    'S iad Beinn nam Fadhla a th'aig bàrr Lìog Uibhist & Bharraigh fhathast as dèidh dhaibh puing a thogail an aghaidh Bharraigh an-raoir.

    Chrìochnaich an geama eadar iad aig 1 - 1 aig Pàirc an Eilein Duirche.

    Tha sin air Beinn nam Fadhla fhàgail puing air thoiseach air Uibhist a Tuath aig mullach na lìge, ged a tha iad air geama a bharrachd a chluiche. Tha na Barraich san treasamh àite, puing air thoiseach air Èirisgeigh.

    Ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd, ghluais sgioba A' Ghearasdain suas don chòigeamh àite a raoir.

    Rinn iad a chùis air Loch Aillse 3 - 2 anns A' Chaol.

    Tha Loch Aillse aig bonn na lìog fhathast, le dìreach trì puingean a-mach as na deich geamannan aca gu ruige seo.

  2. An Rubha, Am Bac, An Taobh Siar is United troimhe an Cupa Jock Steinair fhoillseachadh aig 12:33 TSB 11 An Lùnastal

    Thàinig iomairt sgioba Chàrlabhaigh gus Cupa Jock Stein a dhìon gu ceann a-raoir, agus iad a' call ris an Rubha aig Cnoc a' Choilich.

    Thug dà thadhal bho Aonghas Dòmhnallach, agus aonan eile bho Mhàrtainn Dòmhnallach na Rubhaich troimhe gu iar-chuairtean deireannach farpais na bliadhna seo, agus iad a' buannachadh 3 - 1.

    Am measg nan geamannan eile, fhuair sgioba A' Bhac dìoghaltas air na Hearaich as dèidh call riutha ann an Cupa Mholdòbha Leòdhais air a' mhìos seo chaidh. Thàinig na Bacaich am bàrr 5 - 2 air an Tairbeart.

    Coinnichidh iadsan An Taobh Siar san ath-chuairt, le na Siaraich a' buannachadh 2 - 1 an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

    Chaidh cùisean na b' fheàrr do United Steòrnabhaigh ge-tà, agus iadsan a' dèanamh a' chùis air Nis 2 - 1 aig Na Còig Peighinnean. Thèid iadsan an aghaidh An Rubha air an 24mh den Lùnastal airson àite anns a' chuairt dheireannaich aig toiseach na h-ath-mhìos.

  3. Cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 11:27 TSB 10 An Lùnastal

    Thèid cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich air adhart air an 29mh den Lùnastal.

    Thèid an geama, eadar Na Hearadh agus am Bac, a chluiche air a' Bhac.

    Bha còir an geama a chluiche ann an Nis Disathairne an 8mh den mhìos, ach chaidh a chur dheth ri linn na droch aimsire.

    Thèid na geamannan lìog a bh' aig an dà sgioba oidhche Haoine 28mh den Lùnastal a-nise a chluiche Diciadain 2mh den t-Sultain.

    Bidh Am Bac an aghaidh nan Lochan agus tha Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar.

  4. Cuairt dheireannach Eilean an Fhraoich dhethair fhoillseachadh aig 14:37 TSB 7 An Lùnastal

    Na Hearadh air buannachadh an aghaidh an Rubha air breaban peanais

    Cha tèid an geama eadar na Hearadh agus Am Bac air adhart Disathairne ann an Nis mar a bha còir anns a' chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich.

    Tha seo ri linn droch shìde ris a bheil dùil.

    Thèid ceann-là eile a chur air dòigh air a shon fhathast.

    Thèid ceithir geamannan a chluiche anns na cairteal-cuairtean deireannach de Chupa Jock Stein oidhche Luain.

    'S iad sin:

    Nis - United

    Càrlabhagh - An Rubha

    Na Hearadh - Am Bac

    Aths - An Taobh Siar

  5. Gleann Urchadain ceum nas fhaisge air a' Phrìomh Lìog san iomainair fhoillseachadh aig 13:53 TSB 6 An Lùnastal

    Bhuannaich Gleann Urchadain 3-1 an aghaidh Lòbhat ann an Roinn Nàiseanta na h-iomain oidhche Chiadain.

    Tha sin gan cuir sia puingean air thoiseach air sgioba Chill Tharaglain aig mullach na lìog agus ceum nas fhaisge air tilleadh dhan Phrìomh Lìog an ath sheusan.

    Thàinig na tadhail do sgioba Dhruim na Drochaid o Neale Reid, Daniel MacIllEathain is Alfie MacLeòid, mus d'fhuair Lewis Tawse tadhal air ais do Lòbhat an dèidh 76m.

    Bha aona gheama sa Phrìomh Lìog oidhche Chiadain cuideachd. Rinn Camanachd an Òbain an gnothach air Caol Bhòid 4-1.

    Tha Caol Bhòid aig bonn a' Phrìomh Lìog 's gun iad ach dìreach air aona gheama a bhuannachadh air an t-seusan seo.

    Tha An Gearsadan gu bhith a' cluiche Ceann Loch Seile oidhche Haoine aig 7f aig An Àird sa Phrìomh Lìog.

    Agus anns an 2na Roinn a Tuath oidhche Haoine cuideachd, cuiridh Cill Mhàilidh fàilte air sgioba na Manachainn dhan Chaol.

  6. Slèite & An t-Srath a' gluasad gu bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 15:28 TSB 5 An Lùnastal

    Ghluais Slèite is an t-Srath gu mullach Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd às dèidh a' chùis a dhèanamh air Caol Àcainn 6-2 oidhche Mhàirt.

    Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Malaig aig a' mhullach ach air thoiseach orra air sgàrradh thadhail, ged a tha Slèite is an t-Srath air geama a bharrachd a chluich.

    Thèid Malaig agus Slèite is an t-Srath an aghaidh a chèile ann an geam mòr san lìog Disathairne a dh'fhaodadh buaidh gu math mòr a thoirt air far an tèid an tiotal am-bliadhna.

    Cuideachd, thèid an sgioba a tha san treasamh àite, Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich, an aghaidh Loch Aillse oidhche Haoine, is sgioba an Iar Thuath airson na cothroman aca fhèin air an lìog a bhuannachadh a chumail beò.

    Agus anns a' gheama eile Dihaoine, cuiridh an Gearasdan fàilte air Port Rìgh.

  7. Ceiltich an Òbain air tarraing a-mach às an Lìg Nàiseantaair fhoillseachadh aig 19:15 TSB 4 An Lùnastal

    Suaicheantas Cheiltich an ÒbainTùs an deilbh, Oban Celtic

    Dh'ainmich Comann na Camanachd gu bheil Ceiltich an Òbain air innse dhaibh nach urrainn dhaibh crìoch a chur air an t-seusan aca san Lìg Nàiseanta air sgàth ghainnead chluicheadairean.

    Thuirt an cluba, a dh'aindeoin gach oidhirp sgioba fhaighinn air a phàirc, gu bheil e air a bhith doirbh dhaibh na geamaichean aca a choileanadh.

    Thuirt Comann na Camanachd gun toir iad cuideachadh don sgioba fhad 's a tha iad a' feuchainn ri cùisean a leasachadh aig a' chluba.

    "Tha sinn a' tuigsinn nach e co-dhùnadh furasta a bha seo do Cheiltich an Òbain agus tha sinn a' cur taic ri na planaichean a th' aca airson an cluba a dhèanamh nas seasmhaiche airson seusan 2027", thuirt neach-labhairt bho Chomann na Camanachd.

    "Tha sinn a' dèanamh fiughair rim faicinn a' tilleadh nas làidire an ath-sheusan."

    A rèir riaghailtean a' chomainn thèid na geamaichean a chluich iad san Lìg Nàiseanta a sguabadh às a' ciallachadh gun tèid na puingean a thog sgiobaidhean nan aghaidh a thoirt air falbh.

    Cha do thog Celtich an Òbain iad fhèin puing sam bith air an t-seusan seo agus chaidh 2 phuing a thoirt bhuapa leis nach b'urrainn dhaibh cluich an aghaidh Eilean Bhòid air an 25mh den Iuchar.

  8. Am Bac a' fulang buille nan iomairt san lìogair fhoillseachadh aig 10:40 TSB 4 An Lùnastal

    Suaicheantas Chomann Ball-coise Leòdhais is na HearadhTùs an deilbh, Lewis & Harris Football Association

    Thug Na Hearadh buille do dh'iomairt a' Bhac Lìog Leòdhais agus Na Hearadh a bhuannachadh le bhith a' dèanamh a' chùis orra oidhche Luain.

    Thàinig na Hearaich am bàrr 3-2 air an Tairbeart a' ciallachadh gu bheil Am Bac a' fuireach san treasamh àite, sia puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach, ged a tha aon gheama a bharrach aig na Bacaich ri chluich.

    Tha Na Hearadh fhathast sa chòigeamh àite, ach a-niste dìreach puing air cùlaibh Chàrlabhaigh os an cionn.

    Bha beagan de bhuille ann cuideachd don sgioba san dàrna àite, Aths, a leig puingean às an aghaidh Chàrlabhaigh.

    Chrìochnaich an dà sgioba 3-3, le Aths a' tilleadh bho a bhith 3-1 air dheireadh airson puing a thogail.

    Tha sin a' fàgail Aths puing far a' mhullaich, ach tha iad air geama a bharrachd a chluich air an Rubha.

    Cuideachd, thug an Taobh Siar droinneadh, 5-1, do Nis.

    Agus anns a' chiad chuairt de Chupa Jock Stein fhuair United troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Na Lochan, 4-0.

  9. Golspie Stafford is Whalsay ann an cuairt dheireannach Chupa Amataireach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 12:43 TSB 3 An Lùnastal

    Chaill Malaig ri Golspie Stafford 3-1 ann an iar-chuairt dheireannach Chupa Amataireach na Gàidhealtachd aig an deireadh-sheachdain.

    Bha Malaig air thoiseach gu na diogan mu dheireadh le tadhal o Sam MacKenzie mus tug Kevin Cairns co-ionnan na Cataich ann an 97m.

    Fhuair Golspie Stafford dà thadhal eile ann an ùine a bharrachd tro Gary MacKenzie is an sgiobair Luke MacBeath, gan cur troimhe chun na cuairte deireannaich.

    Bidh iad a' cluiche Whalsay à Sealtainn a rinn a' chùis air Black Rock Rovers à Baile Eòghainn 3-1 ann am Baile a' Chaisteil.

    Chan eil ann an Whalsay ach an dàrna sgioba à Sealtainn a th' air an ìre seo den fharpais a' ruighinn.

    Thèid a' chuairt dheireannach a chluiche Disathairne 15mh den Lùnastal.

  10. Treasamh bonn Gàidhealach aig Glaschu 2026air fhoillseachadh aig 11:21 TSB 1 An Lùnastal

    Fin Greumach (deas) le bhonn umha còmhla ri Devon Briggs a thog am bònn òir, agus Gòrdan Allan a fhuair am bonn airgidTùs an deilbh, Getty Images
    Fo-thiotal an deilbh,

    Fin Greumach (deas) le bhonn umha le Devon Briggs a thog am bònn òir, agus Gòrdan Allan a fhuair am bonn airgid

    'S e Fin Greumach, à Srath Pheofhair, an treasamh lùth-chleasaiche Gàidhealach a th' air bonn a bhuannachadh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu.

    Bhuannaich e bonn umha ann an rèis C1-C3 1000m TT ann a velodrom Sir Chris Hoy Dihaoine

    Thàinig seo às dèidh do Stephen MacCoinnich, à Ullapul, bonn umha a thogail san leum fhada agus Megan Keith, à Inbhir Nis, an aon bhonn a bhuannachadh san 5000m aig Scotstoun.

    Chrìochnaich Greumach àir cùlaibh Devon Briggs à New Zealand, a thog am bonn òir, agus Gòrdan Allan à Astràilia a bhuannaich am bonn airgid.

    "Mar lùth-chleasaichean para chan eil sinne cleachdte ris an t-seòrsa slòigh a tha seo," thuirt Fin.

    "Tha e dìreach iongantach a' cluinntinn na fuaime ud fhad 's a tha sinn a' rothaireachd.

    "Tha e a' ciallachadh gun urrainn dhut putadh nas cruaidhe buileach is tha e dìreach sònraichte math tighinn air falbh le bonn umha," thuirt e.

    Bidh Fin a' farpais a-rithist Là na Sàbaid san C1-C3 3000m Individual Pursuit.

  11. Aths a' gluasad gu bhith dà phuing far mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 10:42 TSB 1 An Lùnastal

    Tha Aths Steòrnabhaigh dìreach dà phuing far mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air United oidhche Haoine.

    Thug Aths droinneadh air na nàbaidhean aca sa bhaile, 7-0, airson na trì puingean a thogail agus cuideam a chumail air na Rubhaich.

    Anns a' gheam eile oidhche Haoine rinn na Hearadh a' chùis air Nis 3-1 aig Pàirc nan Còig Pèighinnean.

    Tha sin a' ciallachadh gu bheil Na Hearadh a' gluasad suas chun a' chòigeamh àite san lìog le Nis fhathast san dàrna àite bhon bhonn.

    Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Thèid na h-iar-chuairtean deireannach ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd a chumail an diugh.

    Tha Malaig a' siubhal a Bhaile Eòghainn airson cluich an aghaidh Golspie Stafford aig 2f.

    'S e seo a' chiad turas a tha Malaig air an ìre seo den fharpais a ruighinn.

    Cuideachd, thèid Whalsay an aghaidh Black Rock Rovers ann am Baile a' Chaisteil aig 12:30f.

  12. Malaig a' gluasad air thoiseach aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 14:35 TSB 29 An t-Iuchar

    Ghluais Malaig trì puingean air thoiseach aig bàrr lìog taobh siar na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh a' chùis air Loch Aillse, 4-3, oidhche Mhàirt.

    Thug an sgioba aig a' bhonn deagh gheama dhan sgioba aig a' mhullach ach 's iad Malaig a thog na puingean air a' cheann thall.

    Aig a' cheart àm shreap Slèite is an Srath suas chun an dàrna àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Port Rìgh, 7-0.

    Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich ach air thoiseach orra air sgaradh thadhail.

    Tha Slèite is an Srath trì puingean far a' mhullaich is iad air an aon àireamh gheamaichean a chluich ri Malaig, le Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich air geama a bharrachd a chluich.

    Tha geama fìor mhòr eile air thoiseach air Malaig air an deireadh-sheachdain, nuair a chluicheas iad ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd airson a' chiad uair an aghaidh Golspie Stafford.

    Cuideachd an là sin, cluichidh Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Phort Rìgh ann an cuairt dheireannach Cupa Rois.

  13. MacGriogair air ais aig Caley Thistleair fhoillseachadh aig 12:44 TSB 29 An t-Iuchar

    Roddy MacGriogairTùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air Roddy MacGriogair a thoirt air ais chun a' chluba air cùmhnant dà bhliadhna.

    Chuir MacGriogair an dà bhliadhna mu dheireadh seachad aig Queen's Park às dèidh dha Caley Thistle fhàgail ann an 2024.

    Rugadh is thogadh MacGriogair ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhalach.

    Thàinig e tro shiostam òigridh Chaley Thistle sa bhaile is e a' cosnadh cliù aig aois òg mar chluicheadair.

    Chluich e dhan sgioba airson a' chiad turas ann an 2018 agus uile gu lèir nochd e dhaibh 113 turas tron chiad ghreis aige aig a' chluba, a' faighinn 6 tadhail.

    Thuirt MacGriogair: "Tha mi cho toilichte a bhith air ais. Tha mi air bhioran faighinn gu dol leis gur e àite cho math a th' ann ball-coise a chluich.

    "Tha mi eòlach air a' mhanaidsear, Scott Kellachar, agus an leas-mhanaidsear, Billy MacAoidh, agus cuideachd air an t-seòrsa buill-choise a tha iad ag iarraidh a chluich.

    "Tha e cho math gan coimhead a' cluich agus thug sin buaidh air a' cho-dhùnadh agam.

    "Tha mi eòlach air a' chluba san fharsaingeachd, agus tha mi a' leantainn Inbhir Nis, so bha sin cuideachd am measg nan adhbharan gun do roghnaich mi tilleadh."

  14. Tadhail gu leòr an Lìog Leòdhais & Na Hearadhair fhoillseachadh aig 11:02 TSB 28 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn An Rubha a' chùis air Na Hearadh 7-2. Dealbhan bho Island Footie.

    Bha 35 tadhail anns na ceithir geamaichean ann an Lìog Leòdhais agus Na Hearadh oidhche Luain.

    Ghluais an Rubha nas fhaide air thoiseach aig a' mhullach às dèidh a' chùis a dhèanamh air Na Hearadh, 7-2, ann an Garrabost.

    Tha sin a' fàgail nan Rubhach sia puingean air thoiseach air a' Bhac, nach do chluich an-raoir, ged a tha an Rubha air dà gheam a bharrachd a chluich.

    Dh'fhuirich Aths Steòrnabhaigh san treasamh àite le bhith a' dèanamh a' chùis air United ann an dearbaidh a' bhaile, 5-0.

    Tha e a' ciallachadh gu bheil iad ochd puingean far a' mhullaich ach coltach ris a' Bhac tha dà gheam a bharrachd aca ri chluich.

    Bha droinneadh ann cuideachd don sgioba aig a' bhonn is na Lochan a' call 10-1 ri Càrlabhagh.

    Cha robh an sgòr buileach cho dona dhan sgioba san dàrna àite bhon bhonn, ach fhathast chaill Nis gu dona cuideachd, 9-1 ris an Taobh Siar.

  15. Na Hearadh a' togail cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhnaair fhoillseachadh aig 12:27 TSB 27 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Fhuair Tyler Gillies an aon tadhal sa gheama airson an cupa a bhuannachadh do na Hearaich. Dealbhan bho Island Footie.

    Bhuannaich Na Hearadh cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhna air an deireadh-sheachdain is iad a' dèanamh a' chùis air a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Moldòbha Leòdhais.

    Bha an tadhal aig Tyler Gillies le dìreach beagan mhionaidean ri dhol gu leòr airson an geama a bhuannachadh do na Hearaich, 1-0.

    Cha robh na Hearadh air cupa a thogail bho bhuannaich iad Cupa Eilean an Fhraoich ann an 2011.

    Bha iad air ceithir cuairtean-deireannach a ruighinn san dà bhliadhna mu dheireadh ach chaill iad gach tè dhiùbh.

    Thèid Na Hearadh agus Am Bac an aghaidh a' chèile a-rithist ann an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich Disathairne an 8mh den Lùnastal.

    Tha ceithir geamaichean ann oidhche Luain ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh le na Lochan a' cur fàilte air Càrlabhagh, An Rubha aig an taigh an aghaidh na Hearadh, dearbaidh Steòrnabhaigh eadar Aths is United agus Nis a' siubhal a chluich an Taobh Siar.

    Malaig gu mullach na lìge

    Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd ghluais Malaig chun a' mhullaich às dèidh a' chùis a dhèanamh air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 3-1.

    Tha sin a' fàgail an dà sgioba co-ionann aig a' mhullach air an aon àireamh phuingean ach le Malaig air thoiseach air sgaradh thadhail.

    Tha cuideachd dà gheama a bharrachd aig Malaig ri chluich.

  16. Aths a' fuireach san rèis aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:30 TSB 25 An t-Iuchar

    Rinn Aths Steòrnabhaigh a' chùis air Càrlabhagh 2-1 oidhche Haoine airson gluasad nas fhaisge air an dà sgioba os an cionn ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh.

    Ann an geama teann, 's iad Càrlabhagh a chaidh air thoiseach às dèidh 48 mionaidean.

    Le cairteal na h-uaireach ri chluich ge-tà bha Aths co-ionann agus ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheama fhuair iad an tadhal a thog na trì puingean dhaibh.

    Tha sin gam fàgail san treasamh àite san lìog air 20 puing, còig puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach ged a tha geama a bharrachd aig Aths ri chluich.

    Tha am Bac san dàrna àite air 22 puing is iad air an aon àireamh gheamaichean ri Aths ri chluich.

    Chluich an dà sgioba aig bonn na lìge a chèile cuideachd a-raoir le Nis a' dèanamh na cùis air na Lochan, 3-1.

    Tha sin a' fàgail nan Lochan fhathast aig a' bhonn gun phuing sam bith, le Nis a' gluasad nas fhaide air falbh bhuapa air sia puingean a-niste.

  17. Ceithir buinn san amar do dh'Alba aig Glaschu 2026air fhoillseachadh aig 11:18 TSB 25 An t-Iuchar

    Donnchadh Scott le bhonn òirTùs an deilbh, Getty Images

    Thòisich iomairt na h-Alba san amar-snàimh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis le brag oidhche Haoine is iad a' togail ceithir buinn.

    'S e fear de shàr-rionnagan na sgioba, Donnchadh Scott, a thòisich cùisean is e faighinn bonn òir san 200m individual medley agus bhrist e clàr nan geamaichean aige fhèin cuideachd.

    An uair sin, thog am fear-snàimh-para, Stephen Clegg, bonn airgid san 100m freestyle S13 mus d'fhuair Katie Shanahan bonn airgid cuideachd san 200m backstroke.

    Le ionad Tollcross air bhoil, thog Faye Rodgers an dàrna bonn òir den oidhche do dh'Alba goirid às dèidh sin anns an 200m individual medley SM10.

    Bha mòran den bheachd gur e Scott am fear a bu choltaiche a' chiad bonn òir a bhuannachadh do dh'Alba aig na geamaichean is a-niste air 14 buinn a bhuannachaidh aig ìre gheamaichean a' cho-fhlaitheis.

    "Tha mi glè thoilichte às dèidh siud," thuirt Scott às dèidh dha bhonn fhaighinn is fonn nàiseanta na h-Alba a sheinn. "Chaidh an rèis mar a mhiannachainn, agus a' dh'innse na fìrinn, 's e faochadh a th' ann a bharrachd air rud sam bith eile."

    Tha là trang aig na geamaichean Disathairne cuideachd le naoi buinn òir rim buannachadh, ochd dhiubh sin anns an amar-snàimh.

  18. A' chiad là slàn de dh'fharpaisean aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 14:38 TSB 24 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  19. "Buzz" an Glaschu air thoiseach air Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 17:01 TSB 23 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Fosglaidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis a-nochd ann an Glaschu le cuirm aig an OVO Hydro.

    Tha Alastair Condie am measg na tha air bhioran na farpaisean fhaicinn.

  20. Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh le bobhladhair fhoillseachadh aig 14:26 TSB 23 An t-Iuchar

    Bobhladh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

    Tha Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh ann an Glaschu le na farpaisean bobhlaidh.

    Tha e a' ciallachadh gun do thòisich farpaisean tron là Diardaoin mus tèid na geamaichean fhosgladh gu h-oifigeil aig a' chuirm aig an Hydro an oidhche sin.

    Chaidh seisean a bharrachd den bhobhladh a chur dhan chlàr an t-seachdain a chaidh leis gun robh barrachd fharpaiseach air cur a-steach air a shon na bha dùil.

    Thabhainn Glaschu na geamaichean a chumail, às dèidh do stàit Bhictoria ann an Astràilia tarraing a-mach, is iad a' coireachdadh chosgaisean àrda.

    Bha na geamaichean air an cumail roimhe an Glaschu ann an 2014, ged a tha nas lugha spòrsan na lùib am-bliadhna.

    Bidh farpaisean a' dol ann an 10 spòrsan ann an ceithir àitichean.

    Tòisichidh làn-chlàr nan geamaichean Dihaoine, le dùil gun tèid na ciad bhuinn a thoirt seachad sam para togail-chuideim.

    Bha farpais shingilte nam fear agus farpais nan càraid do na boireannaich am measg nan ciad gheamaichean sa bhobhladh Diardaoin.

    Thuirt Brett O'Riley, Ceann-suidhe World Bowls, gun robh e na urram mòr gur e bobhladh a' chiad spòrs a bha ri fhaicinn aig na geamaichean.

    Aig a' chuirm-fhosglaidh aig an OVO Hydro bidh luchd-ciùil leithid KT Tunstall, Nathan Evans, Calum Beattie agus Nina Nesbitt am measg na bhios mar phàirt dhith.

    Tha mu 3,000 luth-chleasaiche bho 74 dùthaich a' gabhail pàirt sna geamaichean, le 215 buinn òir rim buannachadh.

  21. Uibhist a Tuath puing air thoiseach aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 11:31 TSB 23 An t-Iuchar

    Ghluais Uibhist a Tuath puing air thoiseach aig mullach Lìog Uibhist is Bharraigh às dèidh crìochnachadh 3-3 le Barraigh oidhche Chiadain.

    Tha geama a bharrachd aig Beinn na Faoghla, a th' anns an dàrna àite, ri chluich.

    Chuir Ben Shepherd Uibhist a Tuath air thoiseach mus d' fhuair Steven Davidson Barraigh co-ionann iad.

    Chuir James Davidson Barraigh air thoiseach iad tràth san dàrna leth, ach do mhair sin fada le Alex Troughton a' faighinn Uibhist a Tuath co-ionann mionaid às dèidh sin.

    Chaidh na Barraich air thoiseach a-rithist le cairteal na h-uarach ri dhol tro AJ MacNeacail.

    Ach, fhuair Uibhist a Tuath breab-peanais faisg air deireadh a' gheama is cha do rinn Kieran MacÌosaig mearachd bhon an spot airson puing a thogail dhan sgioba aige.

    Anns a' gheama eile san lìog an-raoir rinn an sgioba aig a' bhonn, Southend, a' chùis air Saints an Ìochdair, a tha aon àite os an cionn, 4-1.

    Lìog Leòdhais & Na Hearadh

    Ann an Lìog Leòdhais agus Na Hearadh an-raoir ghluais am Bac nas fhaisge air an Rubha aig mullach na lìge le bhith a' dèanamh a' chùis air United Steòrnabhaigh, 6-0.

    Tha sin a-niste a' fagail a' Bhac trì puingean far a' mhullaich le geama a bharrachd aca ri chluich.

    Anns a' gheama eile thug An Taobh Siar droinneadh, 10-0, do na Lochan.

  22. Na Hearadh & Am Bac an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 13:08 TSB 21 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e breaban-peanais a bha a dhìth ann an Garrabost airson An Rubha agus Na Hearadh a sgaradh

    Thèid na Hearadh an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich às dèidh dhan dà sgioba faighinn tro na geamaichean aca oidhche Luain.

    Bha Na Hearaich 3-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan dàrna geam eatorra san iar-chuairt dheireannaich.

    Ach, thug dà thadhal bho Josh Mac a' Ghobhainn agus aonan bho Chailean MacLeòid na Rubhaich co-ionnan thar an dà gheam.

    Chaidh an geam gu ùine a bharrachd ach cha d' fhuair aig sgioba seach sgioba air tadhal fhaighinn a' ciallachadh gun robh feum air breaban-peanais.

    'S iad na Hearaich a thàinig am bàrr an sin, 7-6, airson faighinn troimhe chun na cuairt deireannaich.

    Bha Am Bac cuideachd 3-0 air thoiseach às dèidh a' chiad gheam acasan an aghaidh an Taobh Siar.

    Coltach ris a' gheam aig Pàirce an Rubha thill na Siaraich gu bhith co-ionnan le na trì tadhail uile a' tighinn bho Ali "Barvas" MacLeòid.

    Ach le dusan mionaid ri dhol, chuir Jamie MacFhionghain Am Bac air thoiseach a-rithist, 4-3, agus bha sin gu leòr airson an cur troimhe.

    Thèid a' chuairt-dheireannach a chumail Disathairne an 8mh là den Lùnastal aig Pàirce nan Còig Peighinnean ann an Nis.

  23. Uibhist a Tuath a' gluasad co-ionann le Beinn na Faoghla aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:13 TSB 18 An t-Iuchar

    Ghluais Uibhist a Tuath gu bhith co-ionnann le Beinn na Faoghla aig bàrr Lìog Uibhist is Bharraigh, às dèidh a' chùis a dhèanamh air Saints an Iochdair, 2-1, oidhche Haoine.

    'S iad Saints a chaidh air thoiseach sa gheama tro Anthony MhicAonghais.

    Ach, fhuair Ruairidh MacLeòid agus an uairsin Lewis Dòmhnallach na tadhail airson an geama a bhuannachadh do dh'Uibhist a Tuath.

    Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Beinn na Faoghla aig a' mhullach, ach air an cùlaibh air sgarradh-thadhail.

    Anns a' gheama eile an-raoir thog Southend a' chiad phuing aca dhen t-seusan is iad a' crìochnachadh 2-2 le Èirisgeigh.

    'S iad Èirisgeigh a chaidh air thoiseach sa chiad leth, ach thill Southend gu làidir is bha iad co-ionnann ro leth-ùine.

    Chaidh Southend an uairsin air thoiseach nuair a fhuair Dòmhnall MacGuaire a' chiad tadhal aigesan aig ìre "senior" bhon spot-pheanais.

    Fhuair Èirisgeigh an geama co-ionnan a-rithist ge-tà, agus 's ann mar sin a chrìochnaich e is gach sgioba a' togail puing.

    Tha sin a' fàgail Southend aig a' bhonn fhathast, còig puingean air cùlaibh Saints os an cionn.

    Tha Èirisgeigh a' sreap os cionn Bharraigh chun an treasamh àite, ged a tha na Barraich air trì geamaichean nas lugha a chluich.

  24. Mac an t-Saoir ann an deagh shuidheachadh aig an Openair fhoillseachadh aig 18:48 TSB 17 An t-Iuchar

    Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty Images

    Tha Raibeart Mac an t-Saoir ann an deagh àite a' dol a-steach dhan deireadh-sheachdain aig Farpais Fhosgailte a' Ghoilf aig Royal Birkdale.

    Às dèidh sgòr de 67 air a' chiad là fhuair an t-Albannach cuairt de 69 Dihaoine, ga fhàgail ceithir fo phàr son na farpais air fad.

    Bha e air faighinn gu còig fo phàr ach thuit e air ais beagan às dèidh bogey air an 18mh toll.

    Le dà chuairt ri dhol ge-tà tha e fhathast ann an deagh shuidheachadh is e ceithir stròcan air cùlaibh Lucas Herbert a th'aig a mhullach air ochd fo phàr.

    Cuiridh e an treasamh cuairt aige gu dol aig 15:00 Disathairne, is e a' cluich còmhla ri Alex Fitzpatrick a th'air an aon sgòr ris agus a bha còmhla ris thar a' chiad dà là.

    A' bruidhinn às dèidh a' chuairt thuirt Mac an t-Saoir: "Bha mi foighidneach is chùm mi smachd orm fhèin.

    "Shaoil mi gur e deagh chuairt a bh'ann - cha robh càil "flashy". Fhuair mi am putt 'ud air an 17mh airson iolaire.

    "Tha mi smaoineachadh gu bheil mi ann an suidheachadh fìor mhath a dol a steach dhan deireadh sheachdain. Feuchaidh mi ri cumail orm a' dèanamh an aon rud, agus gabhail ri ge-brith dè thachras."

    Lucas HerbertTùs an deilbh, Getty Images
    Fo-thiotal an deilbh,

    Lucas Herbert às dèidh dha fàilnigeadh putt a chur a-steach air 18mh toll airson sgòr de 61

    Bha cothrom aig eachdraidh aig an Astràlianach, Herbert, is feum aige air par air an toll mu dheireadh airson crìochnachadh le sgòr de 61 - rud nach deach a dhèanamh a-riamh roimhe ann am farpais major.

    Ach, shlaod e am putt chun làimh chlì a' ciallachadh gun d' fhuair e sgòr de 62.

    'S e sin an siathamh turas a tha cluicheadair air an sgòr sin fhaighinn aig farpais major.

    Ach, cha robh fada ri feitheamh son an t-seachdamh turas, nuair a chuir an t-Aimeireaganach, Sam Burns, am balla a-steach bhon a bhuncair air an 18mh toll son an dearbh sgòr fhaighinn.

    Tha sin ga fhàgail còig fo phàr son na farpais air fad.