Leasachadh an NHS aig cridhe manifesto Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

Dh'fhoillsich Anas Sarwar manifesto a' phàrtaidh aige aig tachartas ann an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannard nan Làbarach ann an Alba Anas Sarwar gur e piseach a thoirt air seirbheisan slàinte am prìomhachas air thoiseach air taghah Holyrood sa Chèitean.
Tha manifesto a' phàrtaidh a' gealltainn cùmhnant ùr le dotairean-teaghlaich airson dèiligeadh ris an iarrtas mhòr airson choinneamhan aig 08:00m, amannan-feitheimh a ghearradh agus lùghdachadh a thoirt air na tha de bhiurocrasaidh san NHS.
Gheall Mgr Sarwar cuideachd faochadh-cìse do phàrantan, gun tèid tuill sna rathaidhean a chàradh agus gun tog iad casg Riaghaltas na h-Alba air cumhachd niùclasach ùr.
A' bruidhinn aig foillseachadh a' mhanifesto ann an Dùn Èideann thuirt e gun do chaill an SNP "an slighe".
Thuirt e: "Tha 20 bliadhna air a bhith aca, tha mi ag iarraidh oirbh còig a thoirt dhomh."
Prìomh gheallaidhean manifsto nan Làbarach Albannach
Amannan-feitheimh an NHS a ghearradh
Coinneamh le dotair-teaghlaich taobh a-staigh 48 uairean de thìde
Teicneòlas a chleachdadh airson piseach a thoirt air leigheas agus dearbhadh tràth agus airson cùisean a dhèanamh nas fhasa do dh'euslaintich
Seirbheis èiginn ùr airson dèiligeadh ri daoine le trioblaidean slàinte-inntinn
Cùram-chloinne gun chìs suas gu £3,000 airson gach pàiste agus maoineachadh airson cola-deug de chlubaichean samhraidh
Gun a' chìs-chosnaidh a chur suas thairis air an ath chòig bliadhna
Maoineachadh "cothromach" do choimhearsnachdan ionadail
Lùghdachadh a thoirt air biurocrasaidh riaghaltais
Clubaichean bracaist sa h-uile bun-sgoil, casg air fònaichean-làimhe sna seòmraichean-teagaisg agus 1,500 a bharrachd luchd-taice sna sgoiltean
9,000 preantasan ùra
125,000 dachaighean a thogail
Cìs-ghnothachais ionadail a' cur an àite siostam reataichean gnothachais
An casg air cumhachd niùclasach a thogail
Ceangal Rèile Port-adhair Ghlaschu a thogail
Oifigearan-poilis coimhearsnachd anns gach nàbachd
£350m airson suas ri 5,000,000 toll sna rathaidean a chàradh
An cothrom a thoirt do luchd-bhòtaidh buill-phàrlamaid nach cùm ri inbhean poblach ath-ghairm
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean

- Air fhoillseachadh19 Am Màrt
