Sia mìosan chun a' Mhòid!

Cèilidh teaghlaichTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh cèilidh teaghlaich ann an Oilthigh Ghlaschu air an 24mh là den Ghiblean

  • Air fhoillseachadh

Tha sia mìosan gus an tòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.

Ma tha fadachd oirbh na gabhaibh dragh, oir tha pailteas a' dol san eadraiginn a chumas Gàidheil a' bhaile sàsaichte agus a' chomataidh ionadail a' cur sreath de thachartasan air dòigh.

Chaidh am Mòd a chumail ann an Glaschu mu dheireadh ann an 2019.

Thug an naidheachd nach robh ach leth-bhliadhna air fhàgail clisgeadh air fear-gairm na comataidh, Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn.

"Uill mar a chuir Annabel fòn thugam an là roimhe 's thuirt i 'tha sia mìosan ann Diardaoin seo tighinn' cha mhòr nach do thuit mi!" thuirt e.

'S math nach do thuit, bhon tha tòrr roimhe.

"Tha sinn ag ullachadh glè mhath, agus tha sinn a' dèanamh fiughair mhòir ri fàilte a chur air na caraidean agus a h-uile duine a Ghlaschu mar a bhiodh dùil.

"Tha am Mòd gu math eadar-dhealaichte ma tha e ann am baile mòr mar Ghlaschu no àiteigin mar sin."

Tha mar sin a' chomataidh ionadail a' feuchainn ri ìomhaigh a' Mhòid a thogail san ùine mus tòisich e, agus feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi dìleab mhaireannach aig an fhèis.

Calum MacColla a' seinn na pìobaTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil ri àireamhan mòra aig Mòd na bliadhna seo

Tòisichidh sin le cèilidh teaghlaich air an 24mh là den Ghiblean.

"Sin an Oilthigh Ghlaschu, agus tha sinn an dùil gum bi gu leòr dhaoine a thig chun an sin," thuirt e.

"'S e Eriskay Lilt a bhios a' cur chùisean gu dol an oidhche sin a' tòiseachadh aig 7:30f."

Tha cuideachd farpais cheist gu bhith ann air a' 14mh là den Chèitean sa Phark Bar.

"An uair sin air an t-6mh là den Ògmhios, tha sinn a' dol a dhèanamh rudeigin a rinn sinn ann an 2019, far an do chuir sinn air dòigh blasad sinèabhair, agus tha sin a' tòiseachadh aig 2:00f agus a' dol gu ge b' e cuin a chrìochnaicheas an sinèabhar!

"Tha sinn air bruidhinn ri cuid de na taighean-staile air Ghàidhealtachd agus a' faighneachd dhaibh an urrainn dhaibh ar cuideachadh le sin, agus bidh ticeadan ri fhaighinn airson sin cuideachd."

'S ann orrasan a bhios fadachd 's gun iad air druthag a bhlasadh bho 2019...

Tha gu deireadh a' Chèitein aig daoine airson cur a-steach gu farpaisean, agus ann am Baile Mòr nan Gàidheal tha dùil aig Dòmhnall Iain gum bi gu leòr a' cur a-steach.

"Bha àireamhan mòra againn ann am 2019, agus tha sin dùbhlanach, ach 's e dùbhlan math a th' ann.

"Tha sinn an dòchas gum bi sinn a' cheart dòigh am-bliadhna."

Faodar cur a-steach airson a' Mhòid an seo, taobh a-muigh.

Bidh am Mòd ann eadar Dihaoine an 9mh là den Damhar agus Disathairne an 17mh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo