Buinn 'Murt Ghleann Comhann' rim faicinn an taigh-tasgaidh na sgìre

Na buinn a lorgadh agus a' phoit san robh iad agus a' chlachag a bha mar mhullach air a' phoitTùs an deilbh, GARETH BEALE/OILTHIGH GHLASCHU
  • Air fhoillseachadh

Tha buinn-airgid a bha 's dòcha le cuideigin a chaill am beatha ann an Murt Ghleann Comhann gu bhith air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh ionadail.

Chaidh faisg air 40 de Chlann Dòmhnaill Ghleann Comhann a mharbhadh sa Ghearran 1692 an dèidh mar a fhuair saighdearan òrdugh ionnsaigh a thoirt orra.

'S e oileanach a bha a' dèanamh a' chiad rannsachaidh arc-eòlaich aice a lorg na 36 buinn-airgid ann an 2023. Bha iad am broinn poite air falach fo theallach ann an tobhta a bha ceangailte ri ceann-feadhna Chlann Dòmhnaill a chaidh a mhurt.

Bidh na nithean mar phàirt de thaisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann nuair a dh'fhosglas e às ùr an ath-bhliadhna an dèidh obair leasachaidh mhòr.

Dealbh le Seumas Hamilton a rinn e sna 1880an a' sealltainn a' mhòir-mhuirt Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh le Seumas Hamilton den mhurt a rinn e sna 1880an

Bha na buinn am broinn crogain le clachag chruinn air mar mhullach a bha e air a bhith air a chur fo leac-theallaich sa chagailt.

'S e oileanach, Lucy Ankers, a lorg iad san Lùnastal 2023 nuair a bha arc-eòlaichean bho Oilthigh Ghlaschu a' dèanamh rannsachaidh air tobhta.

Bha an taigh ceangalite ris a' cheann-fheadhna Alasdair Ruadh "MacIain" aig Clann Dòmhnaill Ghleann Comhann.

Bha e air fear de na 38 daoine a thathar am beachd a chaill am beatha sa mhòr-mhurt.

Bha Clann Dòmhnaill ann an suidheachadh lag air sgàth 's gun robh iad a' cur taic ris an 7mh Rìgh Seumas de dh'Alba a bha cuideachd na dhàrna Rìgh Seumas de Shasainn.

Bha Clann Dòmhnaill airson agus gum biodh na Stiùbhartaich air an cur air ais air an rìgh-chathair agus bha iad an sàs ann an ciad Aramach nan Seumasach ann an 1689.

Tha eachdraichean ag ràdh gun robh iad air dheireadh ann a bhith a' toirt seachad bòid dìlseachd don Rìgh Phròstanach Uilleamh III, agus gun deach ainmeachadh mar reubaltaich le Rùnaire na h-Alba, Sir Iain Dalrymple.

Ìomhaigh neach-ealain a' sealltainn cò ris a bhios Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann coltach nuair a bhios an obair ùrachaidh deiseilTùs an deilbh, TAIGH-TASGAIDH DUALCHAIS GHLEANN CHOMHANN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann air uidheamachd shònraichte fhaighinn a leigeas leotha na buinn a thaisbeanadh gu sàbhailte

Shoirbhich le tagradh Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann na nithean a bhith sa chruinneachadh aca tro Treasure Trove, buidheann a bhios a' dèanamh measaidh air rudan air ùr-lorg agus a cho-dhùineas cò na taighean-tasgaidh agus gailearaidhean dhan tèid an cur.

Thuirt an neach-glèidhidh Catriona Davidson: "Tha sinn sinn air ar dòigh gun tèid na buill a chur ris a' chruinneachadh againn.

"'S e fear de dh'amasan a' phròiseict ath-leasachaidh goireasan adhartach agus tèarainte a bhith againn a leigeas leinn nithean cudromach fhaighinn - agus tha sinn air leth toilichte gun do dh'obraich sin.

"Tha nithean mar seo a' toirt dhuin ceangal so-bheantainn ris an t-sluagh a bha uair a' còmhnaidh an seo agus 's urrainn na h-uimhir innse dhuinn mu bheatha làitheil a' ghlinn."

Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann Tùs an deilbh, TAIGH-TASGAIDH DUALCHAIS GHLEANN CHOMHANN
Fo-thiotal an deilbh,

Fosglaidh Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann an ath-bhliadhna an dèidh obair leasachaidh mhòr.

Tha grunn bheachdan aig Oilthigh Ghlaschu a mhìneachas ciamar a dh'fhaodadh ceangal a bhith ann eadar na buinn agus am mòr-mhurt.

Chaidh deach gin dhiubh a bhualadh an dèidh na 1680an, agus mar sin tha arc-eòlaichean den bheachd gur e as coltaiche a thachair gun deach an cur fon teallach mus robh am murt ann neo nuair a bha ionnsaigh ga toirt airson an cumail sàbhailte.

Thuirt na h-arc-eòlaichean cuideachd nach do thill an neach a chuir am falach iad air an son, agus gur dòcha gu bheil sin a' ciallachadh gun robh iad am measg an fheadhain a mharbhadh.

Tha na buinn a' dol air ais cho fada ri na bliadhnaichean mu dheireadh den 15mh Linn suas gu na 1680an, agus nam measg tha buinn bho linn Ealasaid 1, Seumas VI agus I, Teàrlach I, Co-fhlaitheis Chromwell agus àm Thèarlaich II.

Bha buinn ann cuideachd às an Fhraing agus Tìrean Ìosal na Spàinne, cho math ri aon bhonn agus dùil gur ann bho na Stàitean Pàpach san Eadailt a thàinig e.

Tha an Dr Eddie Stiùbhart, bho Phròiseact Arc-eòlach Ghleann Comhann aig Oilthigh Ghlaschu, ag ràdh gun do chuidich na chaidh a lorg ann an 2023 iad gus "dealbh soilleir a pheantadh" de shaoghal chinn-chinnidh Chlann Dòmhnaill Ghleann Comhann.

Thuirt e: "Seach a bhith nan luchd-cinnidh borb ann an gleann iomallach, bha iad foghlamaichte agus bha iad air tòrr siubhail a dhèanmh - agus cothrom aca air oideachadh fhaighinn san Roinn Eòrpa, air fìon agus tombaca à dùthchannan cèine, agus truinnsearan grinn às a' Ghearmailt, an Fhraing agus Sasainn."

Carragh-chuimhne ann an Gleann Comhann dhaibhsan a chaill am beatha san sgriosTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha carragh-chuimhne ann an Gleann Comhann dhaibhsan a chailleadh sa mhurt

Tha am mòr-mhurt air fear de na h-amannan as miosa ann an eachdraidh na h-Alba.

Aig deireadh an Fhaoillich 1692, ràinig mu 120 saighdear bho Rèiseamaid Coise Iarla Earra-Ghàidheal Gleann Comhann às Inbhir Gharadh le Caiptean Raibeart Caimbeul Ghleann Lìobhann aig an ceann.

Fhuair na feachdan aoigheachd le buill den chinneadh, mus tug iad ionnsaigh orra air an 13mh den Ghearran.

A dh'aindeoin agus gun robh gailleann-shneachda ann dh'fheuch cuid ri teicheadh gu glinn eile, nam measg Gleann Leac-na-Muidhe, far an deach na buinn a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo