Staid nan aiseagan: "Duilgheadas a bh' ann agus cha do dh'èist iad"

- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba ri choireachadh airson staing nan aiseagan air feadh lìonra ChalMac a dh'fhàg, am measg eile, gu bheil Eilean Leòdhais gun sheirbheis, a rèir Cathraiche na Còmhdail aig Comhairle nan Eilean Siar.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Ùisdean Robasdan gur e Riaghaltas na h-Alba is coireach ris an t-suidheachadh a dh'fhaodadh a bhith air a sheachdnadh.
"Duilgheadas a bh' ann agus cha do dh'èist iad," thuirt e.
Thug Mgr Robasdan iomradh air aithisgean HiTrans agus CalMac, ann an 2005 agus 2010, "a' mìneachadh na dh'fhaodadh a bhith a' tachairt mura biodh aiseagan gan togail".
Rinn Còmhdhail Alba dìon air an obair aca agus thuirt iad gun tug iad seachad maoineachadh airson "còrr agus an treas cuid de chabhlach ChalMac ùrachadh".
CalMac a' gluasad an Glen Sannox gu seirbheis Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Trioblaidean ChalMac a' leantainn 's soitheach Steòrnabhaigh a-nis briste
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Tha an Loch Seaforth air a bhith briste on ràinig i Steòrnabhagh feasgar na Sàbaid agus trioblaid le ramp a' chinn-toisich aice a dh'fhàg luchd-siubhail glacte air deic nan càraichean aison uair de thìde.
Tha e a' cur ris an troimh-chèile air feadh lìonra ChalMac o chionn ghoirid agus cha mhor an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis aig an àm.
Tha dùil ris an naidheachd as ùire mun Isle of Seaforth aig 11:00m.
Thuirt CalMac gun cuireadh iad an Glen Sannox gu tuath airson slighe Steòrnabhaigh a ghabhail thairis nas fhaide dhen là Dimàirt ma bhios sin a dhìth.
Suidheachadh "do-chreidsinneach"
Tha an suidheachadh a' fàgail nam bùthan gann de stuth agus a' toirt buaidh air turasachd.
Tha e "do-chreidsinneach" a rèir Àrd-oifigear Buidheann Turasachd Innse Gall, Sarah NicIllEathain.
"Tha sinn a' crochadh air an Loch Seaforth a bhith na shoitheach as earbsaiche a th' ann.
"Leis gu bheil i sin cuideachd a-mach à seirbheis aig an aon àm 's a tha troimh-chèile mòr air na slighean eadar-eileanach 's e suidheachadh gu math dùbhlanach a th' ann," thuirt i.

Tha sgeilfichean sna bùthan gun càil orra agus staing an aiseig a' toirt buaidh air lìbhrigeadh bathair
Tha Ùisdean Robasdan ag ràdh nach eil misneachd sam bith aige gu bheil plana aig an riaghaltas airson an suidheachadh a chur ceart.
'S e aiseagan ùra am fuasgladh, na bheachd: "Chanainnsa gu bheil còir aig an riaghaltas coimhead san aithghearrachd air dhà neo trì aiseagan eile òrdachadh neo bidh sinn san aon duilgheadas 's a tha seo airson bliadhnaichean ri thighinn."
Tha e cuideachd ag iarraidh gun coimhead an riaghaltas san aithghearrachd air aiseagan ùra airson an dà chuid Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearradh.
Aiseagan air aire luchd-poileataigs is iomairt an taghaidh a' leantainn
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Ann am brath, thuirt Còmhdhail Alba gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cosg airgid air 13 soithichean ùra "as urrainn seòladh an sìde nas miosa agus muir nach gairbhe".
Thuirt neach-labhairt: "Tha na sia soithichean mòra agus seachd bàtaichean nas lugha a' ciallachadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a thoirt airson còrr agus an treas cuid de chabhlach ChalMac ùrachadh, agus tha obair a' dol aig na calachan agus puirt a chumas taic ri seirbheisean aiseig riatanach agus coimhearsnachdan eileanach."