Ionad Eilean na h-Òige "an ceann dà bhliadhna gu leth eile"

- Air fhoillseachadh
Tha dùil aig Comann Eachdraidh Èirisgeidh gum bi Ionad Eilean na h-Òige deiseil an ceann dà bhliadhna gu leth.
Bidh ionad-dualchais, café, goireasan airson na coimhearsnachd agus oifisean a bhios rim faighinn air màl an lùib an leasachaidh.
Dhùin an sgoil ann an 2014, agus tha planaichean air a bhith gan ullachadh o chionn ùine a-niste gus rudeigin a dhèanamh leis an t-seann togalach.
Thàinig adhartas mòr air a' mhìos seo chaidh le taic-airgid cha mhòr £1m bho Mhaoin Grant Calpa Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais Albannaich
"Bha sinn cho toilichte, bhon tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòir," thuirt Niall Dòmhnallach, bhon chomann eachdraidh.
"Tha e a' ciallachadh gum faodar a-niste a dhol a-mach gu tairgse, agus tachraidh sin ro dheireadh na bliadhna.
"Tha sinn an dùil gum bi an t-àite deiseil ann an dà bhliadhna, 's dòcha dà bhliadhna gu leth eile."
Cookin' leams' a dh'Èirisgeigh
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2024
Cothroman "seanchais agus sòisealta" an cois Ionad Eilean na h-Òige
- Air fhoillseachadh10 Am Màrt
32 pròiseactan coimhearsnachd a' faighinn £36m o mhaoin Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt
'S e a' chiad phàirt den ath-cheum den phròiseact leasachadh a thoirt air taobh a-staigh an t-seann togalaich, a dh'fhosgail ann an 1881, agus air an deach mullach gus uinneagan ùra a chur mar thà.
"Sin far am bi an t-ionad-dualchais, na tasglannan, an seòmar taisbeanaidh, oifisean obrach is gnothaichean mar sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Am pàirt sin den obair feumaidh e a bhith cho tarraingeach 's as urrainn dha a bhith."
Thèid pìos ùr a chur ris an t-seann togalach cuideachd airson an leasachadh a choileanadh, agus tha companaidh às an eilean fhèin air a bhith ag obair air sin.
Tha sùil ri obraichean a chruthachadh do mhuinntir an àite, gach cuid an lùib na h-obrach togail agus a bhith a' ruith an ionaid ùir.

'S e rùn nan eileanach gum bi an seann sgoil aig cridhe na coimhearsnachd mar a bha i uair
Tha turasachd air leth cudromach do dh'eaconomaidh an eilein, agus air muin a h-uile càil eile a tha a' tàladh dhaoine ann, thathas an dòchas gun dèan an t-ionad ùr Èirisgeigh nas tarraingiche dha daoine, agus an gnìomhachas air fulang bho àm Chovid.
"Tha eachdraidh gu math annasach aig Èirisgeigh mar-thà, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn a' tàladh luchd-turais gu leòr dhan eilean," thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Ach tha sinn daonnan ag iarraidh tuilleadh.
"Chan e àm furasta a th' ann an-dràsta a thaobh luchd-turais, ach tha sinn an dòchas, mum fosgail na togalaichean, gum bi cùisean air ais mar a b' àbhaist agus gum bi barrachd luchd-turais a' tighinn dha na h-eileanan.
"Airson am pròiseact a bhith seasmhach, feumaidh sinn barrachd fhaighinn, agus tha sinn an dòchas gun dèan sinn sin."