A' chiad urchair moirteir nach do spreadh air a lorg aig raon Blàr Chùl Lodair

Thuirt ceannard arc-eòlais Derek Sutherland gu bheil na fhuaireadh "iongantach"
- Air fhoillseachadh
Cha mhòr 280 bliadhna bho bha Blàr Chùil Lodair ann tha arc-eòlaichean air lorg fhaighinn air urchair moirteir nach do spreadhadh agus dùil gur e feachdan an Riaghaltais a loisg i.
Bha an urchair - còig òirlich gu leth de dh'fhaid agus sa bheil cuideam 17 puinnd gu leth - làn fùdair-ghunna nuair a chaidh a toirt às an talamh agus 's e a' chiad òrdanas riaghaltais slàn a lorgadh air an làraich.
Tha dùil gun deach a losgadh bho fhear de na sia gunnaichean beaga ìosal Coehorn a bh' aig arm Diùc Chumberland.
Fhuair arc-eòlaichean an urchair nuair a bha iad a' rannsachadh an raoin an-uiridh agus chaidh a dèanamh sàbhailte le eòlaichean uidheaman spreadhaidh.

Fhuaireadh na ceudan de spealgan urchairean is peilearan air an achadh ach seo a' chiad turas a fhuaireadh òrdanas slàn nach robh air spreadhadh
Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil an talamh, ag ràdh gur e fianais ùr a th' ann air an t-sabaid eadar na saighdearan riaghaltais agus feachdan nan Seumasach aig amannan cudromach den bhatal.
Thuirt Derek Alexander, Ceannard Arc-eòlais aig Urras Nàiseanta na h-Alba, gu bheil e a' toirt dhaibh dealbh nas soilleire air na thachair tron là.
"Nuair nach do loisg i mar a bha dùil, feumaidh gur e faochadh mòr don luchd-sabaid Seumasach a bha faisg air làimh," thuirt e.
Rinn feachdan an riaghaltais aig Diùc Chumberland ruaig air na Seumasaich aig Teàrlach Òg Stiùbhairt air an 16mh den Ghiblean 1746.

Tha arc-eòlaichean ag ràdh gu bheil gach rud a lorgas iad a' toirt dhaibh dealbh nas soilleire air an t-sabaid
'S e talamh bog a th' ann am pàirtean den achadh bhlàir agus thathar den bheachd gun do land an urchair ann am boglach agus gun deach am fiùsa a chur às mus b' urrainn dha am fùdar a lasadh.
Chaidh a lorg le arc-eòlaichean agus saor-thoilich a bha a' gabhail pairt ann an obair rannsachaidh fad seachdain air an làraich san Dàmhair an-uiridh.
Lorg iad còrr agus 100 de dh'urchairean, peilearan agus spealgan de shligean moirtear - buill musgaid luaidh nam measg.
Bidh an urchair moirteir ga taisbeandh rè ùine aig Ionad-tadhail Chùil Lodair.
Claidheamh bho Bhlàr Chùil Lodair ga reic aig rùp
- Air fhoillseachadh6 Am Màrt 2024
Dh'fhàg eachdraiche £1m 'son raon Bhlàr Chùil Lodair a dhìon
- Air fhoillseachadh12 An t-Sultain 2025
'S e seo an còigeamh bliadhna a rinn na h-eòlaichean cladhach aig Cùil Lodair.
Thuirt Derek Alexander: "Cha robh sinn a' sùileachadh gum faigheamaid mòran bhon phàirt seo den bhlàr-chatha nach deach a rannsachadh roimhe - bha dùil gum biodh an ùir shearbh air droch bhuaidh a thoirt air nithean, agus tha an talamh briste a' fàgail rannsachadh duilich.
"Mar sin, 's e togail mòr dhuinn gun d' fhuair sinn rud ris nach robh dùil. Tha e follaiseach gu bheil fhathast mòran rudan fallaichte agus sgeulachdan gun innse aig Cùil Lodair."
Bidh cuirm ann air an 18mh den Ghiblean a' comharrachadh gu bheil 280 bliadhna on bha Blàr Chùil Lodair ann.