Tillidh an Loch Seaforth an dèidh càradh gu ìre a dhèanamh oirre

Thuirt CalMac gun deach an Loch Seaforth a chàradh gu ìre
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach obair-chàraidh gu leòr a dhèanmh air an Loch Seaforth a leigeas leatha seòladh à Steòrnabhagh a dh'Ulapul feasgar Dimàirt.
Tha innleadairean air a bhith ag obair air ramp a' chinn-toisich aice an dèidh dha a bhriseadh feasgar na Sàbaid.
Ge-tà, chan fhaighear ach deireadh an t-soithich fhosgladh a' fàgail nach tèid aice ach na h-uimhir de charbadan a ghiùlain leis gum feum iad rùm a bhith ann dhaibh tionndaidh air bòrd airson faighinn dhith.
Mar sin, thig an Glen Sannox à slighe Eilean Arainn gu tuath fhathast airson cuideachadh leis na tha de thrafaig a tha a-nis a' feitheamh airson faighinn a-null agus a-nall.
Trioblaidean ChalMac a' leantainn 's soitheach Steòrnabhaigh a-nis briste
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Staid nan aiseagan: "Duilgheadas a bh' ann agus cha do dh'èist iad"
- Air fhoillseachadhBho chionn 13 uairean
Tha trioblaidean mòra air a bhith aig CalMac o chionn ghoirid agus cha mhòr an treas cuid den chabhlach aca dheth aig an àm.
Tha an t-Àrd-oifigear aca, Donnchadh Mackison, ag iarraidh air coimhearsnachd a tha an eisimeil an cuid seirbheisean an leisgeul a ghabhail.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimairt, thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gur e Riaghaltas na h-Alba as coireach ri staing nan aiseagan.
Thuirt an Comhairliche Ùisdean Robasdan gun deach rabhaidhean rabhaidhean gu leòr a thoirt thairis air 20 bliadhna mura rachadh barrachd airgid a chur ri bàtaichean-aiseig ùra.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil airgead a chaidh a chur ri sia aiseagan mòra ùra agus seachd bàtaichean beaga a' ciallachadh gu bheil iad a' cur airgead ri aiseagan.