Naidheachdan 11:00m

An Loch Seaforth

Tha am bàta-aiseag an Glen Sannox air a slighe gu tuath a chuideachadh a' dèiligeadh le na tha de thrafaig air eireadh air slighe Steòrnabhaigh seach mar a tha an Loch Seaforth briste. Tha dùil ri fios bho Chal Mac an ceann leth-uair a thìde no mar sin an tèid seòladh dà uair à Steòrnabhagh an-diugh air adhart no nach tèid. Bha iad air a ràdh ron seo gun innseadh iad aig aon uair deug, ach tha iad a-nis ag ràdh gum bi e leth-uair.

Buidheann-mara an UN

Thuirt buidheann-mara nan Dùthchannan Aonaichte nach eil còir aig dùthaich sam bith stad a chur air soithichean ann an caolasan a thathas a' cleachdadh airson loingeas eadar-nàiseanta. Tha na Stàitean Aonaichte an-dràsta a' dèanamh blocèid air soithichean bho phuirt Irànianach Caolas Hormuz a chleachdadh. Bha Iran roimhe air soithichean à diofar dhùthchannan a chasg às a' Chaolas.

Manifesto nan Uaineach

Dh'fhoillsich Pàrtaidh Uaine na h-Alba am manifesto aca airson an taghaidh. Thuirt co-cheannard a' phàrtaidh, Gillian NicAoidh, gu bheil iad a' cur fòcas air dèiligeadh le cosgaisean bith-beò. Tha iad cuideachd a' gealltainn an leasachadh as motha air cùram-chloinne an-asgaidh airson ginealach - tha iad a' cur air adhart còrr air 1,100 uair a thìde do gach leanabh aig dà bhliadhna a dh'aois.

Teine an Obair Dheathain

Tha luchd-smàlaidh air a bhith ag obair bho an-raoir a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine ann an seann togalach ospadail ann an Obar-Dheathain. Chaidh an gairm gu Ospadal Woodend dìreach ro dheich uairean an-raoir. Tha NHS Roinn a' Mhonaidh ag ràdh gu bheil seirbheisean a' ruith mar as àbhaist 's gum bu chòir do dhaoine aig a bheil àm-coinneimh an-diugh aig an ospadal a dhol ann.

Cainb

Bidh fireannach anns a' chùirt an-diugh co-cheangailte ri mar a chaidh cainb luach £800,000 fhaighinn a' fàs ann an Tòm an t-Sabhail. Fhuair na poilis an druga ann an togalach air a' Phrìomh Shràid, 's chaidh fireannach, 26 bliadhna a dh' aois, a chur fo chasaid.

Bàs Moya Brennan

Bhàsaich an seinneadair Moya Brennan, a bh'anns a' chòmhlan ainmeil Clannad. Bha i 73. Bha an t-òran aca Harry's Game air leth ainmeil anns na h-ochdadan, 's chaidh a chleachdadh mar cheòl airson nam prògraman telebhisean dhen aon ainm.