Plana 'son Ionad Hiort an Uibhist air a leigeil seachad an-dràsta co-dhiù

Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a bhiodh Sealladh Hiort coltachTùs an deilbh, FRASER ARCHITECTURE/COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

'S e an làrach far am biodh Sealladh Hiort as fhaisge air Hiort sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh

Tha an fheadhainn air cùl pròiseict airson ionad mu eachdraidh agus dualchas Hiort a stèidheachadh ann an Uibhist a Tuath ag ràdh gu bheil iad a' cur an cuid planaichean an dàrna taobh.

Thòisich a' bhuidheann Sealladh Hiort an iomairt bho chionn 10 bliadhna. B' e an t-amas aca goireas a thogail a bhiodh a' taisbeanadh nan ceanglaichean eadar an sgìre sin agus Hiort.

Ge-tà, tha cathraiche Sealladh Hiort, Alasdair MacEachainn ag ràdh gum feum iad co-dhiù dàil a chur air air sgàth 's gu bheil cosgaisean a' sìor èirigh agus buaidh Bhrexit.

"Pròiseact a thòisich aig beagan agus £2m a-nis air leum gu £6m agus a' dol suas a h-uile bliadhna.

"Saoilidh mi fhèin nach eil e cho fìor fhurasta a-nis a bhith a' faighinn airgid airson an t-seòrsa rud seo agus a bha nuair a bha sinn sinn a' faighinn airgid às an Roinn Eòrpa," thuirt e.

Hiort
Fo-thiotal an deilbh,

'S e eileanan Hiort, Sòthaigh, Dùn agus Boraraigh an sgìre as iomallaich am Breatainn

Tha "staid nan aiseagan" cuideachd na dhùbhlan dhaibh, tha e ag ràdh, leis gu bheil "rud mar seo crochte gu ìre mhòir air seusan goirid turasachd".

Bhiodh an t-ionad ùr air Beinn Riabhach a' coimhead tarsaing air Scolpaig, le sealladh math ann de Hiort.

Fhuair Sealladh Hiort cead-dealbhachaidh airson a' phròiseict ann an 2022.

'S e an làrach as fhaisge air Hiort sna h-Eileanan an Iar le astar mu 40 mìle.

Tha Alasdair MacEachainn ag ràdh gu bheil iad airson Hiort a "ghlèidheadh gu ìre nas fheàrr seach na mìltean de luchd-turais a bhith a' coiseachd air feadh an àite a h-uile bliadhna".

Bha Uibhist a Tuath agus na Hearadh am measg na bha a' farpais airson ionad fiosrachaidh ùr mu Hiort anns na h-Eileanan Siar, ach aig a' cheann-thall chaidh co-dhùnadh gur ann an Ùig Leòdhais a dheadh sin a thogail.

On uair sin tha buidheann na Hearadh air taisbeanadh a chruthachadh ann an Hebrides People san Taobh Tuath.

Tha iad fhathast ag obair air plana cur ris an togalach ma gheibh iad maoineachadh air a shon.

Chan fhada bho dh'innis buidheann Ùige mu na dùbhlain aca taic-airgid fhaighinn.

Dhearbh Mgr MacEachainn nach robh iad a' cur às buileach do phlan Uibhist a Tuath ach nach urrainn dhaibh mar "bhuidhean saor-thoileach a dhol air adhart agus an gnothach cho fìor mhì-chinnteach".

Tuilleadh air an sgeulachd seo