CalMac a' gluasad an Glen Sannox gu seirbheis Steòrnabhaigh

Tha innleadairean ag obair air an Loch Seaforth ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun gluais iad an Glen Sannox bho sheirbheis Eilean Arainn gu tuath airson an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul a thoirt seachad an dèidh mar a bhris an soitheach àbhaisteach air an t-slighe.
Tha innleadairean ag obair air an Loch Seaforth ann an Steòrnabhagh an dèidh trioblaidean le ramp a' chinn-toisich aice nuair a ràinig i Leòdhas Là na Sàbaid.
Bha luchd-siubhail còrr is uair de thìde a' feitheamh airson faighinn far an t-soithich.
Dhearbh CalMac nach bi an còrr sheòlaidhan ann Diluain, seirbheisean bathair nam measg.
Tha dùil ris an fhiosrachadh as ùire mu staid an Loch Seaforth aig 11:00m madainn Dimàirt.
Trioblaidean ChalMac a' leantainn 's soitheach Steòrnabhaigh a-nis briste
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 uairean
Seo an dùbhlan as ùire do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a dh'innis an t-seachdain a chaidh gun robh faisg air an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis.
Aig aon àm, bha 10 bàtaichean an dàrna cuid briste neo a' faighinn na seirbheis bliadhnail aca.
B' fheudar dhaibh soithichean a ghluasad air feadh an lìonra airson 's gum faigheadh gach coimhearsnachd, thuirt iad, seirbheis air choireigin.
Dh'fhoillsich iad clàran-ama eadar-amail a mhaireas chun an 17mh là den Ghiblean.
Thuirt Àrd-oifigar ChalMac Donnchadh Mackison: "Ged a tha grunn sheirbheisean a' dol mar as còir, tha sinn duilich airson an troimh-chèile a tha seo ag adhbharachadh do dh'eileanan agus coimhearsnachdan air feadh an lìonra agus gu h-àraid an fheadhainn far an deach seirbheisean a lùghdachadh."
Dè na h-aiseagan ChalMac a tha a-mach à seirbheis?
An MV Hebrides - seirbheis bhliadhnail - dùil rithe air ais Disthathairne 18mh den Ghiblean
An MV Loch Seaforth - ramp a' chinn toisich briste
An MV Isle of Arran - couplings ùra a dhìth air a' bhow thruster
An MV Lord of the Isles - prìomh einnsean briste
An MV Lord of the Isles - obair stàilinn a bharrachd a dhìth an dèidh a càraidh bliadhnail - dùil rithe air ais ron 31mh den Chèitean
An MV Loch Frisha - deuchainnean mara gan dèanamh an dèidh na seirbheis bliadhnail aice - dùil rithe air ais ann an seirbheis air an 15mh den Ghiblean
An MV Loch Bhrusda - pàirt a dhìth airson crìoch a chur air obair-chàraidh - dùil rithe air ais air an 15mh den Ghiblean
An Loch Tarbert - ramp air a mhilleadh
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
