Fhuair ionad taisbeanaidh Hiort an Uibhist a Tuath cead-dealbhachaidh

  • Air fhoillseachadh
Hiort
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Leòdhas, na Hearadh agus Uibhist a Tuath a' farpais airson ionad fiosrachaidh Hiort.

Tha a' bhuidheann 'Sealladh Hiort' air cead-planaidh fhaighinn airson ionad do luchd-tadhail a thogail ann an Uibhist a Tuath.

Bidh an t-ionad ùr a bhios a' taisbeanadh nan ceanglaichean eadar an sgìre sin agus Hiort air a thogail air Beinn Riabhach.

Thuirt cathraiche 'Sealladh Hiort', Alasdair MacEachainn: "Tha sinn an dùil gum bi sealladh math air deagh là ann an sin far a bheil an t-astar as giorra eadar na h-Eileanan an Iar agus Hiort.

"Sin aon rud tha sinn a' coimhead air anns mar a chuir sinn air dòigh an togalach, gum bi cothrom ann sealladh fhaighinn le ur sùil a' coimhead tarsainn, agus air làithean nuair nach bi na h-eileanan cho nochdte bidh uidheaman far an toir iad rudan nas fhaisge air làimh."

Farpais

Bha Uibhist a Tuath am measg na bha a' farpais airson ionad fiosrachaidh ùr mu Hiort anns na h-Eileanan Siar, ach aig a' cheann-thall chaidh co-dhùnadh gur ann an Ùig Leòdhais a bhitheadh e.

Bidh an t-ionad ùr ann an Uibhist a Tuath ag obair ann am compàirteachas le ionad Leòdhais.

Tha a' bhuidheann Uibhisteach an dòchas gum faigh iad airgead calpa airson a' phròiseict bho Aonta Fàs nan Eilean.

"Feumaidh an t-airgead maireachdainn greis ùine gun teagamh agus tha e air a roinn eadar Arcaibh is Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar agus 's e sin obrachadh a-mach as duilghe", thuirt Alasdair MacEachainn.

"'S e cothrom a th' ann airgead calpa fhaighinn agus, a bharrachd air an sin, tha sgeamaichean eile a' tighinn suas eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn cuideachd.

"Cha dèan sinn adhartas as aonais gealltainn airgid airson gnothaichean a thoirt air adhart às an seo", thuirt e.