Naidheachdan 10:00m
An Ungair
Chaidh prìomhaire na h-Ungaire, Viktor Órbán, a chur à cumhachd ann an taghadh choitcheann an dèidh sia bliadhna deug. Bidh sàr-mhòr-chuid aig partaidh Tisza, fon phrìomhaire ùr Peter Magyar, a tha a' taobhadh barrachd leis an EU na tha Mgr Orbán ged nach eil e buileach air an aon ràmh riutha. Tha Mgr Órbán air a bhith a' trod ris a' Bhruiseil mu ghrunn phoileasaidhean Eòrpach o chionn bhliadhnaichean, agus e air a bhith bàidheil ri Vladimir Putin.
Iran
Tha prìs na h-ola air èirigh gu mòr an dèidh mar a thàinig còmhraidhean eadar Washington agus Tehran gu ceann gun aonta, agus Aimeireaga air innse gu bheil iad a' bacadh phort Iràinianach air Caolas Hormuz. Tha prìs baraille de Bhrent Crude air èirigh còrr air 7% gu $102. Tha Iran air rabhadh a thoirt gun tèid dèiligeadh gu làidir ri soithichean armaichte sam bith a sheòlas a dh'ionnsaigh Chaolas Hormuz, 's iad ag ràdh gu bheil na tha Washington an dùil a dhèanamh mì-laghail, agus gur e "spùinneadaireachd" a th' ann.
Tuathanaich
Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ag iarraidh gun tèid prìomhachas a thoirt do thuathanaich air connadh, agus tuilleadh taice a thoirt dhaibh airson biadh a dhèanamh fhad 's a leanas an cogadh san Ear-Mheadhanach. Tha NFU na h-Alba ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' cur thuathanasan ann an cunnart, agus gun cuir e cosgaisean bìdh suas, le cuid de thuathanaich an dùil gearradh air ais air na bhios iad a' dèanamh ri linn na tha e a' cosg. Tha mar a tha malairt ola ga tachdadh ann an Caolas Hormuz air cosgaisean gach cuid connadh agus todhair ghallta a chur suas gu mòr aig àm cur an Earraich.
Margaidh Shingilte an EU
Tha Sir Keir Starmer ag ullachadh lagh a leigeas leis an Riaghaltas riaghailtean margaidh shingilte an Aonaidh Eòrpaich a thoirt a-steach gun bhòt a bhith ga cumail sa Phàrlamaid. Tha seo mar phàirt de bhile a tha ag amas air riaghailtean Bhreatainn a dhèanamh co-ionnan ri riaghailtean ùra Eòrpach air leithid inbhean bìdh 's an Riaghaltas ag ràdh gun lùghdaich sin prìsean. Tha na Tòraidhean agus Reform air gearan làidir a thogail na aghaidh ge-tà, ag ràdh gu bheil e "a' trèigsinn toradh referendum Bhrexit".
Sealladh Hiort
Tha planaichean airson ionad mu eachdraidh agus dualchas Hiort ann an Uibhist a Tuath, Sealladh Hiort, gan cur a dhàrna taobh. Tha an fheadhainn air cùlaibh nam planaichean ag ràdh nach tèid am pròiseact sin air adhart an-dràsta, le Brexit agus cor an t-saoghail san fharsainneachd air cosgaisean a phutadh suas agus a dhèanamh ro chaochlaideach.
MV Loch Seaforth
Agus tha dùil ri fios anns na mionaidean a tha air thoiseach oirnn co-dhiù seòl an MV Loch Seaforth à Steòrnabhagh an-diugh aig 2:00f. Tha i air a bhith ga càradh agus trioblaid air rampa a' chinn-toisich aice. Chaidh seòladh an-diugh sa mhadainn à Steòrnabhagh a chur dheth, agus cha sheòl i mar sin à Ullapul aig 10:30m.