Sreath choinneamhan mu Sgìre Cànain Shònraichte sna h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Bidh coinneamhan ann an sia sgìrean sna h-Eileanan an Iar feuch am bu chòir plana Gàidhlig sònraichte a bhith aca mar phàirt de dh'inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a bhith aig na h-eileanan.
Tha Sgioba Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar air na coinneamhan a chur air dòigh agus iad airson 'àrainnean' a stèidheachadh a bheireadh smachd do choimhearsnachdan air mar a thèid taic-airgid a chleachdadh agus air obair Ghàidhlig san sgìre.
Tha seo mar phàirt de reachdas Achd nan Cànanan Albannach far a bheilear ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh gum faigh na h-Eileanan an Iar air fad an inbhe seo, agus gum biodh àrainnean fa leth taobh a-staigh na Sgìre Cànain Sònraichte.
Bile nan Cànanan Albannach air Aonta Rìoghail fhaighinn
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar 2025
Fhuair CnES £315,000 bho mhaoin Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain
Thuirt aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar air a' mhìos seo chaidh "nach bu chòir do dh'àrainn a bhith nas lugha na meud ùard comhairle ach faodaidh e a bhith nas motha, a rèir miann na coimhearsnachd".
Chuala a' chomataidh cuideachd gun d' fhuair an t-ùghdarras ionadail £315,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh leis a' phròiseas oifigeil Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh.
Chaidh innse gun rachadh an t-airgead sin a chur gu feum gus oifigear-leasachaidh fhastadh, is gus coimhearsnachdan a chuideachadh le planaichean a dhealbh airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Tha planaichean mar-tha aig dà sgìre - Àrainn Uibhist is Àrainn Iar-Thuath Leòdhais - mar phàirt de phròiseact pìleat air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh.
Thuirt leas chathraiche Comataidh Gàidhlig CnES, Ùisdean Robasdan, air a' mhìos a chaidh gu bheil iarrtas air tighinn mar-tha bho dhà sgìre eile airson plana a dhèanamh.
Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
Co-chomhairle gu bhith ann mu inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal gam moladh far a bheil a' Ghàidhlig as làidire
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal
Tha a' chiad choinneamh mu Àrainn Bharraigh is Bhatarsaigh ga cumail ann an togalach CNES ann am Bàgh a' Chaisteil aig 7f Diardaoin, agus an fheadhainn eile air na làithean a leanas:
Àrainn na Hearadh - Dihaoine 2mh an Dàmhair aig 14:00 - Air loidhne a-mhàin
Àrainn Steòrnabhaigh - Diciadain 7mh an Dàmhair aig15:00 - Togalach CNES Steòrnabhagh – Rùm Comataidh 3
Àrainn an Rubha - Diardaoin 8mh an Dàmhair aig 11:00 - Air loidhne a-mhàin
Àrainn Ùig' is Bheàrnaraigh - Diardaoin 8mh an Dàmhair 14:00 - Air loidhne a-mhàin
Thuirt fear-labhairt na comhairle gu bheil coinneamh air a bhith air a' Bhac mar-tha agus gum bi tèile air a cumail ann an Sgìre nan Loch nan Loch fhathast.
Tha fiathachadh aig daoine sa choimhearsnachd agus riochdairean bho bhuidhnean aig a bheil ùidh a bhith an làthair no tighinn a-steach tro Teams.
Bu chòir do dhuine sam bith a bhios a' cleachdadh Teams fios a chur gu Sgioba Gàidhlig CNES.