Fhuair CnES £315,000 bho mhaoin Sgìrean Cànain Sònraichte

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun d' fhuair iad £315,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh leis a' phròiseas oifigeil Sgìrean Cànain Sònraichte (SCS) a stèidheachadh.
Tha Sgìrean Cànain Sònraichte (SCS) nam pàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach 2025.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh gum faigh an sgìre gu lèir an t-inbhe seo leis gu bheil còrr is 20% den t-sluagh anns gach sgìre le sgilean Gàidhlig.
Ge-tà, tha moladh gum bi sgìre Comhairle na Gàidhealtachd air fad air a chomharrachadh mar SCS "maslach" a rèir luchd-iomairt cànain.
Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal gam moladh far a bheil a' Ghàidhlig as làidire
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal
Co-chomhairle gu bhith ann mu inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd thathar a' moladh SCS a stèidheachadh far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh le sgilean sa Ghàidhlig no far a bheil FtMG air a thabhann.
Air a thuras a dh'Uibhist as t-samhradh, dh'ainmich am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, stòras £1.5m do chomhairlean airson an dleastanas reachdail ùr a th' orra a choileanadh.
Bha Comhairle nan Eilean Siar air iarrtas airson £350,000 a chur a-steach, agus chuala Comataidh na Gàidhlig Diluain, taobh a-muigh gun d' fhuair iad £315,000.
Bhòt comhairlichean airson Oifigear Leasachaidh Gàidhlig fhastadh leis an airgead ùr, agus airson plana Gàidhlig a dhèanamh ann an seachd sgìrean - neo 'àrainnean'.
A rèir na h-aithisg a chaidh air beulaibh chomhairlichean, "cha bu chòir do dh'àrainn a bhith nas lugha na meud ùard Comhairle ach faodaidh àrainn a bhith nas motha".
Tha planaichean mar-tha aig dà sgìre - Àrainn Uibhist is Àrainn Iar-Thuath Leòdhais - mar phàirt de phròiseact pìleat air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh.
"Ceumannan beaga" le amas mòr Gàidhlig a neartachadh an Uibhist
- Air fhoillseachadh4 An Gearran
Na bu mhiann leis na daoine - Plana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh1 An t-Iuchar 2025
Adhartas le Plana Gàidhlig Uibhist
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt 2024
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt leas chathraiche Comataidh Gàidhlig CnES, Ùisdean Robasdan, gu bheil iarrtas air tighinn mar-tha bho dhà sgìre eile 'son plana a dhèanamh.
Thuirt e gum faodadh barrachd na seachd àrainnean a bhith ann ma bhios iarrtas ann.
Thuirt an Comh Robàsdan gu bheil e fhèin air a mhisneachadh leis an obair a tha a' dol air adhart ann an Uibhist le oifigear-leasachaidh is plana ionadail.
"Ma dh'obraicheas e cho math sin dhuinne, chanainn gun dèan e an aon rud anns na sgìrean eile".