Loch an Dùin a' tighinn beò gu bhiortail

Tha Loch an Dùin faisg air Pabail Iarach san Rubha
- Air fhoillseachadh
Tha làrach bhiortail ùr a' toirt 5000 bliadhna de dh'eachdraidh timcheall air loch ann an Leòdhas beò.
Tha an goireas air an app arc-eòlais Ulaidhean Innse Gall, taobh a-muigh a' sealltainn mar a bhiodh daoine air a thighinn beò aig Loch an Dùin san Rubha bho Nua-linn na Cloiche gu na Meadhan Aoisean.
Tha i mar phàirt den iomairt Ulaidhean Leòdhais a tha a' tighinn às dèidh an leithid ann an Uibhist, Barraigh agus Na Hearadh.
Faodaidh luchd-cleachdaidh rùrach a dhèanamh ann an togalaichean a tha gan ath-chruthachadh gu bhiortail, a' sealltainn mar a dh'atharraich beatha dhaoine aig an làraich thairis air na mìltean bhliadhnaichean.
Chaidh a chur air bhog aig tachartas aig Ionad Stoodie san Rubha Dimàirt, mus do ghabh iad sin a bha an làthair cuairt gu Loch an Dùin.
Chaidh iarraidh air a' bhàrd Anna Frater bàrdachd a dhèanamh airson a' phròiseict, agus leugh i sin 'son a' chiad uair mar phàirt den tachartas.

Sgrìobh am bàrd Anna Frater dàn ùr airson a' phròiseict
Tha an t-app air a leasachadh le sgioba arc-eòlais UHI a Tuath, an Iar, agus Innse Gall ann an co-bhann le Urras an Rubha agus Shanndbhaig agus Comann Eachdraidh an Rubha.
Thuirt An Dr Rebecca Rennell bho UHI: "Bha sinn air ar dòigh nuair a thàinig Urras an Rubha agus Shanndbhaig thugainn is iad a' tabhainn taic airson na slighe arc-eòlais seo ann an Leòdhas.
"Tha a bhith a' conaltradh leis a' choimhearsnachd a-riamh air a bhith cudromach dhuinn ach 's e modh-obrach gu tur ùr a tha seo dhuinn, agus am pròiseact air a thòiseachadh agus air a stiùireadh le buidheann coimhearsnachd."

Tha UHI ag ràdh gur e modh-obrach ùr a th' aca leis a' phròiseact, is e air a stiùireadh le buidheann coimhearsnachd
Tha am maoineachadh airson Ulaidhean Leòdhais a' tighinn bho Urras an Rubha agus Shanndbhaig, le taic bhon bhuidhinn Interface Standard Innovation Voucher Scheme.
"Tha e mar aon dha na prìomhachasan sa phlana leasachaidh againn gum bi cothrom agus tuigse nas fheàrr aig daoine air arc-eòlas an Rubha agus Shanndbhaig", thuirt manaidsear na buidhne, Dòmhnall Iain MacSuain.
"Tha sinn an dòchas gur e toiseach tòiseachaidh a th' ann an Loch an Dùin ann a bhith a' dèanamh sin.
"Tha sinn air ar dòigh gu bheilear mar-thà a' rannsachadh na h-ath ìre math dh'fhaoidte aig Eaglais na h-Aoidhe, agus a' coimhead air adhart ri mar a thèid Ulaidhean Leòdhais a leasachadh bho seo a-mach."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh12 An Gearran 2025
