Naidheachdan 10:00m
Bùird Slàinte
Tha dotairean ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cur às do na planaichean aca air a bhith a' gearradh na h-àireimh de bhùird slàinte san dùthaich. Na bu tràithe air a' mhìos dh'fhoillsich ministearan planaichean gus na bùird slàinte air tìr-mòr a ghearradh bho 14 gu dhà, le aonan chun an ear agus aonan air taobh siar na dùthcha. Ach tha Comann Meadaigeach Bhreatainn a-nis ag ràdh gu bheil iad an aghaidh seo agus iad ag ràdh nach robh co-chonaltradh gu leòr ann le luchd-obrach an NHS. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, gum biodh na planaichean a' fàgail na dòigh sa bheil daoine a' faighinn cùraim nas sìmplidhe.
Tennessee
Tha boireannach a fhuair binn bàis an dèidh dhi tè a mhurt bho chionn 30 bliadhna fhathast beò an dèidh mar a dh'fhaillich air dà oidhirp a cur gu bàs aig prìosan ann an Nashville. Tha cuid a bha an làthair ag aithris gun cuala iad Christa Pike fhathast a' gabhail anail mus do nochd carbadan èiginneach aig a' prhìosan. Bha i ga cur gu bàs an dèidh mar a chuir Prìomh Chùirt nan Stàitean Aonaichte às do dhàil a bha air a cheadachadh le cùirt nas ìsle beagan uairean de thìde ron seo.
Plèana
Thuirt Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, gu bheil e ro thràth a ràdh cò bh' air cùl oidhirp an là an-dè gus itealan a bha a' sgèith bho Dhubai gu Tel Aviv a thoirt a-nuas. Thuirt e gun robh an neach a tha fo amharas - co-phìleat an itealain - ga cheasnachadh ann an Saudi Aràibia far an deach a chur an grèim an dèidh dhan phlèana a thighinn gu talamh gu sàbhailte.
Prìsean Cumhachd
Tha prìsean cumhachd ann an Alba, Sasainn agus anns a' Chuimrigh ag èirigh chun na h-ìre as àirde ann an trì bliadhna agus cuibhreachadh prìse ùr Ofgem ga chur an sàs bho an-diugh. Chì dachannan aig a bheil taraifean a tha ag atharrachadh na prìsean aca ag àrdachadh timcheall air £60 sa bhliadhna. Cha toir seo buaidh air daoine aig a bheil aonta prìse stèidhichte. A dh'aindeoin gearradh VAT a tha ag amas air cosgaisean do dhaoine a lùghdachadh tha dùil ri àrdachadh eile sa phrìs anns an Fhaoilleach.
Stailc
Tha luchd-obrach aig Oilthigh Chaileannach Ghlaschu air stailc an-diugh agus eas-aonta a' leantainn mu ghearraidhean obrach. Airson a' chiad turas tha na trì aonaidhean oilthigh a' coiseachd a-mach còmhla. Tha luchd-oideachaidh agus luchd-obrach eile ag ràdh gum bi an stailc an-diugh a' fàgail an oilthigh an ìre mhath dùinte. Tha ceannardan ag ràdh gu bheil gearraidhean a dhìth airson adhbharan ionmhais.
Uibhist a Tuath
Tha rathad an A867 eadar An Clachan agus Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath dùinte an dèidh tubaist-rathaid. Tha slighe eile ann do dhràibhearan a' gabhail rathad an A865 an-dràsta.