Co-chomhairle gu bhith ann mu inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd

Sgonnsar
  • Air fhoillseachadh

Chuir Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd taic ri aithisg a tha a' moladh inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur air an sgìre gu lèir.

Rinn buill soilleir ge-tà, nach e co-dhùnadh deireannach a tha seo is gum bi cothrom aig a' phoball am beachd a thoirt seachad ann am pròiseas co-comhairleachaidh.

Tha an inbhe ùr ann mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh le amas barrachd taice a thoirt dhan Ghàidhlig aig ìre ionadail.

Tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann bho chaidh an aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh na comataidh fhoillseachadh an toiseach an t-seachdain seo chaidh.

Anns an aithisg tha sgioba stiùiridh an ùghdarrais ionadail a' moladh an inbhe ùr a chur air an sgìre gu lèir.

Thuirt iad gur e seo an dòigh as èifeachdaiche inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur an sàs ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus gur ann air Comataidh na Gàidhlig fhèin a bhiodh dleastanas dèiligeadh ris a' ghnothach.

Tha an aithisg ag innse gum biodh "Frèam-obrach Lìbhrigidh Stèidhichte air Àite" ann, is gum biodh seo a' fàgail gum biodh e comasach taic is poileasaidhean eadar-dhealaichte a chur an sàs ann an diofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd a rèir suidheachadh na Gàidhlig gu h-ionadail.

Chuir buill aig a' choinneimh Diciadain taic ris na molaidhean a bha mun coinneamh is iad ag ràdh gur e am plana a th' ann an dòigh as fheàrr dèiligeadh ris an inbhe ùr aig an ìre seo is co-chomhairle a dhèanamh air feadh sgìre Comhairle na Gàidhealtachd.

Fàgaidh sin, thuirt iad, gum bi e comasach do dhaoine anns gach pàirt den Ghàidhealtachd am beachd a thoirt seachad.

Thuirt iad nach deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh mun mhodail a bhios ann air a' cheann thall.

Thuirt cathraiche na comataidh, an Comh Drew Millar, gur e seo tè na h-aithisgean as cudromaiche a chaidh air am beulaibh ann an grunn bhliadhnaichean is gu bheil cothroman mòra na cois.

Thog grunn de na buill - ceannard Comhairle na Gàidhealtachd Raymond Bremner nam measg - dragh mu chuid den deasbad a tha air a bhith ann timcheall air a' chùis air na meadhanan-sòisealta anns na làithean mu dheireadh.

Thug an Comh Bremner iomradh air mar a chaidh oifigich an ùghdarrais ionadail ainmeachadh air loidhne is e ag ràdh nach robh seo idir idir iomchaidh.

Thuirt ball eile, an Comh Ian Brown, gun robh cuid den chonaltradh a chunnaic e air loidhne mun chùis "maslach".

Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd am measg na tha air draghan a thogail mun aithisg anns na làithean mu dheireadh is iad ag ràdh gu bheil e "a' dèanamh cùis-mhagaidh de dh'amasan an reachdais".

Tha Misneachd ag iarraidh Sgìrean Cànain aig ìre gu math nas ionadaile, gu seachd àraidh tè 'son uard Eilean a' Cheò.

Nas tràithe Diciadain, chuir a' bhuidheann fios gu foirmeil air Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad fhein, Comann nam Pàrant Phort Rìgh, agus feadhainn à coimhearsnachd na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach a bha aig coinneamhan poblach a bh' aca, a' cur gu làidir an aghaidh mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' làimhseachadh Sgìrean Cànain Sònraichte.

Dh'iarr iad cuideachd gu foirmeil air Bòrd na Gàidhlig iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air Eilean a' Cheò a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte fo Achd nan Cànanan Albannach.

Thuirt Misneachd, mura tèid Eilean a' Cheò a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte fa leth, gun cleachd iad a h-uile roghainn a th' aca gus stad a chur air an inbhe 'son sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir.