Beachdan muinntir Eilean Èisdeil gan sireadh mu chabhsair

Eilean Èisdeil on adhar air là grianach samhraidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil rathad ann an Èisdeal, ach tha coimhearsnachd bheag bheòthail

LeSeonaidh MacCoinnich
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan mhuinntir Eilein Èisdeil ann an Earra-Ghàidheal - eilean air nach eil rathad - gan sireadh mu bhith a' cur cabhsair eadar iad agus Eilean Saoil.

An-dràsta, chan eil ach aiseag do luchd-coise a-mhàin a' dol thar a' chaolais eadar an dà eilean.

'S e eathar fosgailte a th' anns a' bhàt-aiseig sin, gun chòmhdach.

Fear le barra-roth a' toirt stuth dhachaigh ann an Èisdeil

Bidh an t-eilean a' tàladh mòran a h-uile bliadhna airson Farpais Loisg-brà-teine na Cruinne, far an cuir daoine spitheagan beaga sglèata cho fada 's as urrainn dhaibh, leis na 's urrainn de leuman, tarsainn air lòn ann an seann chuaraidh sglèata an eilein.

Tha diofar roghainnean gan cur air adhart airson an t-eilean a cheangal ri Saoil san àm ri teachd, agus chaidh an taisbeanadh aig coinneimh fhosgailte a chum Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid san eilean an t-seachdain seo.

Caolas Èisdeil on adhar, le Eilean na Beithich ann an Saoil air a chùlaibh

'S iad a' chompanaidh Stantec UK a chaidh fhastadh leis a' Chomhairle airson coimhead ri cùis-ghnothachais a thogail airson cheanglaichean Èisdeil, agus cuideachd Eilean Luinn.

"Nì sinn beagan a bharrachd obrach leasachaidh leis na beachdan a gheibh sinn an-diugh," thuirt Stephen Canning aig a' chompanaidh.

"Thèid iad an uair sin tro phròiseas mheasaidh, a' coimhead riutha bho dhiofar thaobhan."

Tha beachdan mhuinntir an àite air na molaidhean gu bhith aig cridhe na thachras, ge b' e dè an roghainn a bhios ann, thuirt a' chompanaidh.

Fear a' cur cloich ann am Farpais Loisg-brà-teine na CruinneTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh mòran dhaoine a' tadhal air Èisdeal as t-samhradh airson Farpais Loisg-brà-teine na Cruinne a chluich

A thuilleadh air cabhsair, thathas a' moladh bàta le còmhdach airson luchd-siubhail a chumail tioram.

'S e roghainn eile, bàta-aiseig beag a tha comasach air aon charbad a ghiùlan, coltach ris na th' aig Eilean Chearrara.

Leigeadh sin le làraidh an sgudail agus ambaileansan is eile a dhol ann, ged nach rachadh iad fada air taobh thall an aiseig.

Bàt-aiseig Èisdeil
Fo-thiotal an deilbh,

'S e eathair beag fosgailte a bhios ag aiseag dhaoine a-null 's a-nall thar a' chaolais chumhaing eadar Èisdeil agus Saoil

Chan e seo a' chiad turas a chaidh cabhsair a mholadh, agus is coltach nach e sin a tha muinntir an eilein ag iarraidh.

"Bidh iad a' tilleadh thugainn leis a' bheachd seo a h-uile deich bliadhna no mar sin, agus ged a bhios iad an-còmhnaidh a' bruidhinn air roghainnean, 's e a th' ann ach gu bheil ùidh aca san ùine fhada cabhsair a chur ann," thuirt Mike MacCoinnich, a th' air a bhith a' fuireach an Èisdeal a' mhòr-chuid de a bheatha.

"A h-uile turas canaidh a' choimhearsnachd riutha gu h-aona-ghuthach - agus cha thachair sin le càil eile ma 's math mo chuimhne - 'chan eil sinn ag iarraidh cabhsair'."

Stephen Canning bho Stantec UK
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' chompanaidh Stantec UK air am fastadh airson beachdan mhuinntir Èisdeil a thrusadh air na molaidhean a th' aca

Chan e gnothach sìmplidh sam bith a bhiodh ann cabhsair a chur thar a' chaolais, a rèir Mhgr MhicCoinnich.

"Bidh a' Chomhairle a' feuchainn ri ar n-iompachadh, ach nuair a thuigeas iad cho toinnte 's a tha a' chùis, chan e dìreach gnothach sìmplidh a th' ann cabhsair a chur ann."

Mike MacCoinnich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mike MacCoinnich ag ràdh nach eil muinntir an eilein idir ag iarraidh cabhsair, 's gun toireadh e droch bhuaidh air beatha an eilein

Bidh muinntir Èisdeil a' cleachdadh barran-roth airson stuth a chur eadar an t-aiseag agus na dachannan aca.

Tha cuid den bheachd gun toireadh cabhsair droch bhuaidh air dòigh-beatha an eilein.

"Tha an suidheachadh a th' ann ag obair reusanta math," thuirt Mgr MacCoinnich.

Raon-parcaidh nam barran-roth ann an Èisdeal. Barran-roth bun-os-cionn san fheurTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cleachdaidh muinntir Èisdeil barran-roth airson stuth a thoirt eadar an cidhe agus an dachannan

"Tha an t-eilean seo a' dèanamh caran math. Tha taigh-seinnse beag againn, tha talla coimhearsnachd againn, agus tha sàr-sheirbheis aiseig againn - agus tha a' Chomhairle ri am moladh airson sin.

"Cuideachd, tha ceathrar sàr-fhear-aiseig againn. Niste, 's e a' chiad droch rud a thachradh, gun cailleadh iadsan an cosnadh, agus chailleadh an t-eilean ceithir teaghlaichean òga."

Tuilleadh air an sgeulachd seo