Fireannach air bàsachadh an dèidh tubaist rathaid an Uibhist a Tuath

Thachair an tubaist air a' phrìomh-rathad eadar An Clachan agus Loch nam Madadh
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach air a bheatha a chall an dèidh tubaist eadar dà chàr air a' phrìomh-rathad eadar Loch nam Madadh agus An Clachan an Uibhist a Tuath oidhche Chiadain.
Chuireadh fios chun nan seirbheisean èiginn mu 9:00f.
Chaidh fireannach, 43, a sgèith a dh'Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu far an do bhàsaich e goirid an dèidh sin.
Chaidh fireannach, 36, a thoirt a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Faoghla.
Tha an A867 eadar Loch nam Madadh agus An Clachan fhathast dùinte fhad 's thathar a' dèanamh sgrùdaidh air làrach na tubaiste.
Faodaidh draibhearan rathad eile, an A865, a ghabhail.