Ràinig bàta oideachaidh Barraigh an dèidh bhòidse à Maine is Talamh an Èisg

Balach beag le seacaid liath agus fireannach le seacaid ghorm nan seasamh ri taobh bàta beag le seòl air cladach creagach air là glas. Tùs an deilbh, TEAGHLACH MACNÌL
Fo-thiotal an deilbh,

Calum Iain agus athair air an tràigh far an tàinig an soitheach air tìr

  • Air fhoillseachadh

Tha clann-sgoile am Barraigh an dòchas caraidean ùra a dhèanamh le sgoilearan sna Stàitean Aonaichte agus Canada a chuir air bhog bàta beag a thàinig gu tìr san eilean.

Fhuair balach san sgìre i air taobh siar an eilein, agus mar a thachair tha ceangalaichean teaghlaich aige ris an sgoil às an tàinig i ann an Canada.

Tha Calum Iain agus na sgoilearan eile am Bun-sgoil Bhàgh a' Chaisteil a-nis an dòchas an soitheach a chàradh aguus a chur air bhog a-rithist agus iad an dòchas gun ruig i an Nirribhidh.

Tha an soitheach mar phàirt de Phrògram nam Meanbh-bhàtaichean, taobh a-muigh, sgeama oideachaidh a tha a' stèidheachadh cheanglaichean eadar sgoiltean agus coimhearsnachdan.

Clann-sgoile air an èideadh ann an geansaidhean uaine dorcha ann an seòmar-teagaisg
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' chlann-sgoile air a bhith ag ionnsachadh mu na coimhearsnachdan às an tàinig an soitheach

Chaidh am bàta a ràinig Barraigh a thogail agus a chur air bhog le clann-sgoile ann am Maine. Thàinig i air tìr ann an Talamh an Èisg (Newfoundland) an-uiridh, agus san Ògmhios chuir clann bho Bhun-sgoil an Naoimh Eòsaph air bhog a-rithist i.

Am broinn an t-soithich chuir iad dealbhan dhiubh fhèin agus leabhar-là.

B' urrainn dhaibh a slighe thar a' Chuain Shiar a leantainn leis an tracair GPS a th' oirre.

An dèidh faisg air 100 là agus bhòidse còrr is 2,000 mìle, landaig i am Barraigh far an deach a lorg le Calum Iain, a bhuineas do Bhatarsaigh agus a tha a' dol gu Bun-sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Mar a thachair ge-tà, tha ceanglaichean teaghlaich mar-tha eadar Calum agus tè de sgoilearan Bun-sgoil an Naoimh Eòsaph.

Ceanglaichean teaghlaich

'S ann à Uibhist a Deas agus Èirisgeigh a tha pàrantan Mary, ach tha an teaghlach air a bhith a' fuireach ann an Talamh an Èisg airson ceithir bliadhna.

Tha a màthair, Gemma NicFhionghain, ag ràdh gun do dh'innis ceannard na sgoile rithe mu bhàta le tracair oirre a thàinig gu tìr am Barraigh.

Tha a bràthair agus piuthair Chaluim Iain a' suirghe agus chuir i fiosrachadh bhon tracair thuca a dh'innis dhaibh càite an robh an soitheach.

Thuirt Gemma: "Na sgoilearan na bu shine, na tidsearan agus daoine sa bhaile seo, bha e a' cur iongnadh orra a bhith a' smaoineachadh gun do ràinig am bàta seo an t-àite às a bheil sinne.

"Chan eil iad eòlach idir air Alba neo na h-Eileanan an Iar ach on uair sin tha iad air tòrr ionnsachadh mu dheidhinn nan eilean agus a thaobh seo tha mi a' smaointinn gu bheil iad a' dol a dhèanamh tòrr cheanglaichean co-dhiù eadar sgoil Bhàgh a' Chaisteil agus St Joseph's."

Boireannach le falt fada bàn agus speuclairean air a ceann. Tha i ann an sgoil agus chìthear postairean oideachaidh air a cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Eileen O' Carroll ag ràdh gun cuir iad rudan a tha ag innse mu chultar Bharraigh is Bhatarsaigh san t-soitheach

Tha a' chlann air a bhith air an rèidio ann an Canada ag innse mun bhàta agus na tha anns an amharc aca.

Thuirt tè de na tidsearan aca, Eileen O'Caroll: "Bha sinn a' faighinn a-mach dè cho coltach agus a bha na trì àitichean ri chèile agus a' coimhead air na h-obraichean agus mu dheidhinn iasgairean is bàtaichean agus dè bhios a' chlann a' dèanamh."

Tha na sgoilearan aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a-nis an dòchas pròiseact a dhèanamh mu na meanbh-bhàtaichean.

Thuirt an leas-cheannard, Michelle NicIllEathain: "Rinn sinn rannsachadh air dè an dleasdanas a bh' oirnn, dè bh' againn ri dhèanamh."

Nì iad beagan obair càiridh air an t-soitheach mus cuir iad air bhog a-rithist i leis an dòchas gun ruig i Nirribhidh.

Cuiridh iad fiosrachadh mun deidhinn fhèin agus mun eilean na broinn.

Thuirt Ms NicIllEathain: "Bu mhath leinn a dhèanamh stèidhichte air Barraigh, obair ealain leis a' chaisteal agus 's dòcha am pleana againn, ìomhaigh shnaidhte an Naoimh Bàrr agus 's dòcha teachdaireachdan bhon chloinn mus cuir sinn air falbh e gus am faic sinn càite an tèid e."

Tuilleadh air an sgeulachd seo