Clàr ùr BBC Radio nan Gàidheal a' tòiseachadh a dh'aithghearr

Linda NicLeòid, Preasantair Radio nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Linda NicLeòid a' toirt thugaibh A' Mire ri Linda gach madainn Diluain

  • Air fhoillseachadh

Thèid crathadh a thoirt air clàr-ama Radio nan Gàidheal le prògram ùr ga thoirt a-steach agus soraidh slàn ga fhàgail aig fear eile.

Tha Tiompan a' tighinn gu crìch an dèidh còrr is 25 bliadhna ach bidh Mairead NicIllInnein fhathast ri cluinntinn trì là san t-seachdain air Caithream Ciùil.

Bidh prògram ùr Ceòl Ùr Gun Sgur a' tòiseachadh air an 28mh den Ghiblean, ga chraoladh aig 7:00f.

Mairead NicIllInnein, Preasantair Radio nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Tiompan aig Mairead NicIllInnein a' tighinn gu crìch ach bidh i fhathast ri cluinntinn

Cluinnidh luchd-èisteachd ath-chraoladh de A' Mire ri Mòir is A' Mire ri Linda aig 9:00f Diluain gu Diardaoin.

Tha uairean-craolaidh ùra gu bhith ann do phrògraman leithid Mo Chuairt Chiùil, Rapal is Crùnluath.

Tha Deasaiche Coimiseanaidh Radio nan Gàidheal, Calum MacConaill, ag ràdh gu bheil leasachadh an-còmhnaidh a dhìth airson "dèanamh cinnteach gu bheil an t-seirbheis cho làidir 's a ghabhas airson ar luchd-èisteachd dìleas".

Mòrag Dhòmhnallach, Preasantair Radio nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Cluinnear ath-chraoladh de A' Mire ri Mòir gach oidhche

Thuirt Mgr MacConaill: "O chionn ghoirid, tha sinn air prògraman ùra is ùr-nòsach a chruthachadh leithid Fonn is Co-Sheirm is tha sinn a' dèanamh fiughair ri Ceòl Ùr Gun Sgur aig deireadh na mìos seo.

"Cuideachd, tha sinn an dòchas leis a' chlàr ùr seo gum bi e nas fhasa do dhaoine cluinntinn ceòl is òrain Ghàidhlig air an oidhche le ath-chraoladh de A' Mire ri Mòir is Linda aig 9f Diluain gu Diardaoin," thuirt e.

Faodaidh daoine èisteachd ri prògraman air BBC Sounds mura bi cothrom aca èisteachd riutha beò.

Bidh an clàr-ama ùr aig Radio nan Gàidheal a' tòiseachadh Diluain an 27mh là den Ghiblean.