Suirbhidh air buaidh staing nan aiseagan air gnothachasan nan Eilean Siar

Tha an MV Glen Sannox gus seòladh dà thrup san là eadar Steòrnabhagh is Ullapul rè ùine
- Air fhoillseachadh
Tha Turasachd Innse Gall air suirbhidh ùr fhoillseachadh feuch measadh a dhèanamh air a' bhuaidh a tha an troimhe-chèile le aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a' toirt air na h-Eileanan an Iar.
Tha iad airson dealbh fhaighinn air an t-seòrsa call a tha coimhearsnachdan agus gnothachasan eileanach air fulang sna seachdainnean mu dheireadh.
Seo agus an t-slighe aiseig as trainge eadar na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr, aiseag Steòrnabhaigh, air a bhith dheth dà là ri linn trioblaid le rampa cinn-toisich an MV Loch Seaforth.
Chiadh sin a-niste a chàradh agus thill i gu seirbheis Dimàirt, ach a' giùlain 25 nas lugha charbadan.
Chaidh an MV Glen Sannox a chur gu tuath à Eilean Arainn airson dà sheòladh san là a dhèanamh airson dèiligeadh ris na th' ann de thrafaig.
Dh'innis CalMac cuideachd gu bheil an MV Loch Bhrusda air ais air an t-slighe thar Chaolas na Hearadh Diciadain, 's tha an Loch Frisa air tilleadh chun na slighe eadar an t-Òban is Creag an Iubhar ann am Muile.
Tha an suidheachadh a' fàgail nam bùithdean gann de stuth agus a' toirt buaidh air turasachd.
Tha e "do-chreidsinneach" a rèir Àrd-oifigear Buidheann Turasachd Innse Gall, Sarah NicIllEathain.
"Tha sinn a' crochadh air an Loch Seaforth a bhith na shoitheach as earbsaiche a th' ann.
"Leis gu bheil i sin cuideachd a-mach à seirbheis aig an aon àm 's a tha troimh-chèile mòr air na slighean eadar-eileanach 's e suidheachadh gu math dùbhlanach a th' ann," thuirt i.
Staid nan aiseagan: "Duilgheadas a bh' ann agus cha do dh'èist iad"
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Tillidh an Loch Seaforth an dèidh càradh gu ìre a dhèanamh oirre
- Air fhoillseachadhBho chionn 22 uair
Tha Turasachd Innse Gall a' riochdachadh còrr is 400 gnothachas air feadh nan eileanan, 's gam brosnachadh le bhith a' leasachadh a' ghnìomhachais agus a' margaidheachd na sgìre.
Tha an t-suirbhidh ag amas air fianais a chruinneachadh mu na duilgheadasan a tha bualadh air na h-eileanan nuair a tha bàtaichean-aiseig air an cur dheth, le staing cion-aiseagan aig CalMac fhathast a' leantainn.
Thathas ag iarraidh fianais bho dhaoine air call sam bith a tha iad air fhulaing ri linn an t-suidheachaidh a th' ann.
Thuirt ceannard na buidhne, Sarah NicIlleathain, nach eil iad a' cur a-mach suirbhidh mar seo gach turas a tha bàta dheth, ach gu bheil cùisean cho dona an-dràsta agus gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil e iomchaidh.