Fear a bhàsaich a' ruith Slighe a' Phairbh air ainmeachadh

David ParrishTùs an deilbh, DAVID PARRISH
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fear a bhàsaich fhad 's a bha e a' feuchainn ris an t-slighe choiseachd an Cape Wrath Trail, 234 mìle de dh'fhaid eadar an Gearasdan agus am Parbh, a ruith san ùine as luaithe ainmeachadh.

Bha David Parrish, 35, 's a bha roimhe na Shaighdear Mara Rìoghail, air iomadh ultramarathon a ruith.

Chaidh an corp aige a lorg mu Chinn Tàile mu 10:25f oidhche Shathairne, 's thuirt na Poilis nach eil càil amharasach ann mu na thachair.

Bhuannaich Mgr Parrish rèis slighe a' Phairbh ann an 2023 a dh'aindeoin 's nach robh e air a bhith a' ruith gu farpaiseach ach beagan bhliadhnaichean.

Thathas a' faicinn na slighe, a tha a' dol tro Loch Abar, Cnòideart, a' Chomraich agus Toirbheartan, mar thè de na slighean coiseachd as dùbhlanaiche anns an Rìoghachd Aonaichte.

Nuair a bhàsaich e bha Mgr Parrish a' ruith na slighe airson airgead a thogail dha Seirbheis Teasairginn nam Beann mar chuimhneachan air dlùth-charaid dha, Luke Ireland.

Bhàsaich Mgr Ireland, a bha 20 's na Shaighdear Mara Rìoghail, nuair a bha esan a' ruith ann am beanntan Ghlinn Chlòbha ann an Aonghas san t-Samhain 2014.