Goireas ùr 'son eachdraidh bhailtean a chumail beò

Tha Clach an Truiseil ann an sgìre Airidhantuim
- Air fhoillseachadh
Tha tasglann didseatach agus làrach-lìn ùr a' dol beò airson eachdraidh sgìre Airidhantuim air taobh siar Leòdhais a thaisbeanadh agus a ghlèidheadh.
Tha an sgìre a' toirt a-steach nam bailtean eadar Gabhsann a Tuath agus Baile an Truiseil air Oighreachd Ghabhsainn.
Bha dragh air Roddy Màrtainn, a stèidhich am pròiseact, gun rachadh tòrr den eachdraidh a bha uair air a cumail beò tro bheul-aithris seach tro chunntasan sgrìobhte a chall.
Thuirt e: "'S e pròiseact leis a' choimhearsnachd a tha seo.
"'S e an t-amas againn spèis a shealltainn don fheadhainn a thàinig romhainn le bhith a' glèidheadh an sgeulachdan, thraidiseanan agus an cuid eòlais."
Bidh comataidh ùr air a stèidheachadh a dh'aithghearr airson Tasglann Coimhearsnachd Airidhantuim, taobh a-muigh a leasachadh.
Bidh fiosrachadh mun chiad choinneimh agus air mar a thèid aig daoine air a dhol an sàs san obair air a sgaoileadh air na meadhanan-sòisealta sna beagan sheachdainean ri thighinn.
Tha an sgioba ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air dealbhan, pàipearan, litrichean, clàraidhean agus cuimhneachain phearsanta dhaoine airson cur ris an tasglann.