Craoladh Gàidhlig a' BhBC "sàbhailte an-dràsta co-dhiù"

Mairead Màiri Mhoireach
  • Air fhoillseachadh

Tha craoladh sa Ghàidhlig air a' BhBC "sàbhailte", aig an ìre seo co-dhiù, a rèir cheannard seirbheisean Gàidhlig na buidhne, Mairead Màiri Mhoireach.

Bha i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain an dèidh don BhBC innse gun tèid gearraidhean mòra eile a chur an sàs - leis an t-seanal BBC Scotland ga dhùnadh, ach a-mhàin air-loidhne, agus am prògram naidheachd aca, News at Seven, ga dhùnadh buileach.

Thèid cur às cuideachd don t-seanal telebhisein BBC Three, agus don stèisean rèidio BBC Radio 4 Extra.

Tha dùil ri tuilleadh chall-cosnaidh an lùib nan gearraidhean, a thuilleadh air na gearraidhean a chaidh ainmeachadh san Lùnastal, agus luach £500m de ghearraidhean ri dhèanamh.

Tha suas ri 2,000 cosnadh gan gearradh an lùib na chaidh ainmeachadh san Lùnastal, le 60 dhiubh ann an Alba.

"'S e atharrachadh mòr a th' ann agus tha mi a' creidsinn gu bheil dà phrìomh adhbhar air a shon," thuirt a' Bh-Ph Mhoireach.

"Tha am BBC a' mothachadh, an lùib chraoladairean eile air feadh an t-saoghail, gu bheil daoine a' cleachdadh agus a' coimhead ri prògraman ann an dòighean eadar-dhealaichte - ach cuideachd gu bheil airgead ri shàbhaladh."

Tha na gearraidhean air buaidh a thoirt air seirbheisean Gàidhlig na buidhne is na h-uimhir de chosnaidhean gan gearradh.

Oifisean a' BhBC ann an Inbhir Nis

Thuirt a' Bh-Ph Mhoireach gu bheil e follaiseach gu bheil cleachdaidhean luchd na Gàidhlig air atharrachadh cuideachd.

Tha i ag ràdh ge-tà, gu bheil BBC ALBA is BBC Radio nan Gàidheal ann an suidheachadh diofraichte an taca ri cuid de sheirbheisean eile a' BhBC.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an eadar-dhealachadh a th' againne, nach eil againn ach an aon seanal, chan eil ann ach an aon àite far an lorg thu susbaint ann an Gàidhlig.

"Ann an saoghal na Beurla, mar a tha fios againn uile, tha iomadach roghainn ann."

Tha sin a' fàgail, thuirt i, gu bheil BBC ALBA sàbhailte "an-dràsta co-dhiù" agus BBC Radio nan Gàidheal cuideachd sàbhailte "aig an ìre seo".

"Tha mi ag ràdh sin oir tha sinn anns a' chiad bhliadhna de thrì bliadhnaichean de ghearraidhean agus de shàbhalaidhean agus leis gu bheil an t-suim airgid a dh'fheumas a shàbhaladh cho mòr, tha dà bhliadhna eile againn ri bhith a' coimhead ri ciamar a ruigeas sinn an ceann-ùidhe a tha sin."

Gheall a' Bh-Ph Mhoireach gun tèid argamaid làidir a dhèanamh airson suidheachadh na Gàidhlig a dhìon.

Thog i air cho làidir 's a tha an ceangal eadar "fallaineachd ar cànain, fallaineachd ar meadhanan agus fallaineachd ar foghlaim".

"Tha na ceanglaichean a tha sin bunaiteach mar bhun-stèidh air fallaineachd a' chànain agus bidh mise is iomadach duine eile a' dèanamh nam puingean sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn".

Tha ceannard a' BhBC an Alba, Hayley Valentine, air a dhèanamh soilleir gu bheil tuilleadh ghearraidhean ri thighinn.

Tha mu 21,500 duine ag obair làn-ùine aig a' BhBC, a tha a' faighinn a' mhòr-chuid den mhaoineachadh aige bhon Chead Telebhisein, ach tha nas lugha dhaoine a' ceannach cead sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Air a' mhìos a chaidh, dh'innis Àrd-Stiùiriche ùr a' BhBC, Matt Brittin, gu bheil suidheachadh ionmhais na buidhne a' fàgail gur dòcha gum feum cuid de sheanalan agus stèiseanan rèidio dùnadh gus an teid maoineachadh a chur mu choinneimh sheirbheisean a chleachdas daoine air-loidhne.

Ann an agallamh air Sunday With Laura Kuenssberg, dhiùlt e gealltainn "gum mair prògram sam bith no seanal sam bith a bhith ann gu bràth".