Dhiùlt Ministearan cead do raon-goilf an Cataibh airson an dàrna turas

Talamh machrach ruadh agus buidhe agus am muir fad às agus an t-adhar gorm le sgòthan Tùs an deilbh, COULL LINKS
  • Air fhoillseachadh

Tha Ministearan Albannach air cead a dhiùltadh airson an dàrna turas do phlanaichean connspaideach airson raon goilf a thogail aig a' Chùil faisg air Dòrnach.

'S e fear-gnothaich Aimeireaganach, Todd Warnock, a chuir planaichean air adhart sa chiad dol a-mach ann an 2015.

Bha e fhèin a' cumail a-mach gum biodh buannachdan mòra eaconomach ann, ged a bha draghan mòra air buidhnean-glèidhteachais mun bhuaidh air an àrainneachd.

Às dèidh rannsachaidh phoblaich, chaidh an leasachadh a dhiùltadh ann an 2020.

Ann an 2021 ge-tà, thàinig planaichean ùra bho bhuidhinn air a bheil Communities for Coul (C4C).

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead do mholaidhean ùra na buidhne bho bhionn trì bliadhna.

Tha co-dhùnadh a-nise air tighinn bho Mhinistearan Albannach gun toireadh an leasachadh fhathast droch bhuaidh air an àrainneachd agus air fiadh-bheatha.

Thuirt C4C gur e buille mhòr a bh' anns a' cho-dhùnadh dhan sgìre agus do dheamocrasaidh ionadail.

Tha grunn chomharran àrainneachdail aig an làraich agus bha grunn bhuidhnean glèidhteachais air draghan a thogail mun phlana airson cùrsa le 18 tuill.

Ged nach robh oifigearan planaidh air a shon, bhòt comhairlichean airson cead a thoirt seachad san Dùbhlachd 2023, agus chaidh an co-dhùnadh sin a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba.

Tha C4C ag ràdh gu bheil an dàrna diùltadh "na naidheachd fìor dhona do dh'eaconamaidh agus àrainneachd Taobh Sear Chataibh".

Thuirt stiùiriche C4C Gòrdan Mac an t-Surlanaich: "Bha cothrom an cois a' phròiseict againn a' Chùil ùrachadh agus a dhìon, agus buannachdan eaconamach is cosnaidhean a chruthachadh ann an sgìre a tha a' sìor fhulang crìonadh air na tha de dhaoine de dh'aois obrach."

Thuirt a' bhuidheann nach robh iad den bheachd gun tigeadh an cothrom an-àirde a-rithist.