Cuimhne air an fhear a bh' aig a h-uile Mòd bho 1947

Raibeart MacCaluim a' stiùireadh ghnothaichean aig deireadh Mòid ann an Dùn Omhain. Tha e na sheasamh os cionn an t-sluaigh is e a' stiùireadh nan còisirean is iad a' gabhail Sìne Bhàn. Tha ad dhubh is speuclairean air.
Fo-thiotal an deilbh,

Raibeart MacCaluim mar a bhios mòran ga chuimhneachadh is e a' stiùireadh nan còisirean air an là mu dheireadh den Mhòd is iad a' gabhail Sìne Bhàn

LeDòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bidh ionndrainn mhòr ann an Glaschu an t-seachdain seo air fear aig an robh fìor dhlùth cheangal ris a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail - fear nach robh air Mòd a chall idir bho 1947.

Chanadh Raibeart MacCaluim à Ceann Loch Chille Chiarain, a chaochail nas tràithe am-bliadhna aig aois 88, gun robh am Mòd "na fhuil".

'S e an fhìrinn a bha sin is athair Raibeirt uair gu math aithnichte ann an saoghal nan còisirean e fhèin.

Stiùir M.G. MacCaluim Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain gu Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain grunn tursan anns na 1950an, rud a bha ga mheas gu math sònraichte ann am baile far nach robh a' Ghàidhlig cho làidir sin.

San leabhar aige The GG and Me, tha Coinneach MacThòmais ag ràdh gu bheil clàradh den chòisir a' gabhail Nuair a thig oirnn an samhradh "am measg nam pìosan seinn a b' fheàrr riamh a rinn còisir Ghàidhlig".

Agus 's ann aig Coinneach a tha fios.

Raibeart MacCaluim aig Mòd Phàislig ann an 2023. Tha e maol is tha speuclairean air is seacaid mhòr.
Fo-thiotal an deilbh,

Raibeart MacCaluim aig Mòd Phàislig ann an 2023

'S beag an t-iongnadh ma-tha gun robh Raibeart MacCaluim òg air a bhogadh ann an seinn fhad 's bha e a' fàs suas ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Chaidh e chun a' Mhòid Nàiseanta 'son a' chiad uair ann am Peairt ann an 1947 aig aois naoi, a' tòiseachadh air sreath iongantach nach deach a bhriseadh fad a bheatha.

"Chaidh seinn a theagasg dhomh mus robh comas agam coiseachd," thuirt e ri BBC Naidheachdan aig Mòd Phàislig bho chionn trì bliadhna.

"Bha mi sa chòisir òg, an uairsin ann an còisir nan inbheach.

"S e teaghlach a th' ann an còisirean Gàidhlig".

A thuilleadh air a chliù mar fhìor dheagh sheinneadair e fhèin - bha e anns an dàrna àite ann am farpais a' Bhuinn Òir aig Mòd Shruighlea ann an 1961 - lean Raibeart cuideachd ann an ceumannan athar mar stiùiriche aig àrd-ìre.

Bha e treis os cionn an GG anns na 1960an aig àm a bha car doirbh dhan chòisir. Nach eil fiù 's teaghlaichean a' dol a-mach air a chèile uaireannan.

Raibeart MacCaluim na sheasamh os cionn an t-sluaigh aig Mòd Loch Abair ann an 2026 is e a' stiùireadh nan còisirean is iad a' gabhail Sìne Bhàn. Tha ad is speulairean air is seacaid mhòr.
Fo-thiotal an deilbh,

Raibeart a' stiùireadh ghnothaichean sa Ghearasdan an-uiridh. Bha e aig an àm sin air a bhith aig a h-uile Mòd Nàiseanta Rìoghail bho 1947

Às dèidh dha an GG fhàgail, stèidhich Raibeart còisir ùr Innse Gall Ghlaschu, còisir a ruigeadh fìor àrd-ìre iad fhèin air a' cheann thall.

"Bha tàlant aige gus fuaim ghlan, bhinn fhaighinn às a' chòisir aige agus thàinig cuid den t-seinn a b' fheàrr a bh' ann aig a' Mhòd Nàiseanta bhuapa - gu h-àraidh seinn shàmhach air leth grinn," sgrìobh Coinneach MacThòmais.

Fo stiùir Raibeirt, bhuannaich na Hebs Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain ann an 1985, 1986 agus 1992.

Chaidh Còisir Innse Gall Ghlaschu à bith beagan bhliadhnaichean às dèidh dha Raibeart a dhreuchd a leigeil dheth is e air gluasad dhachaigh a Cheann Loch Chille Chiarain.

Cha do chuir e fhèin cùl riamh ri seinn ge-tà, agus 's e am Mòd Nàiseanta Rìoghail an-còmhnaidh an t-seachdain a b' fheàrr leis den bhliadhna.

Nuair a ràinig e Mòd Loch Abair an-uiridh, bha Raibeart air a bhith aig 78 dhiubh ann an sreath, 79 nam biodh sinn a' cunntadh a' Mhòid air-loidhne a bha ann aig àm Covid.

"Cha b' urrainn dhomh am Mòd a leigeil seachad," thuirt Raibeart.

"'S e am Mòd na làithean-saora a th' agam, an t-àm a tha mi a' coinneachadh ris na caraidean a rinn mi thairis air na bliadhnaichean".

Cairistìona Nic an t-Saoir na seasamh ann am baile Inbhir Aora. Tha geansaidh ghorm oirre is speuclairean, is tha Loch Siora air a cùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Cairistìona Nic an t-Saoir glè eòlach air Raibeart

Bidh na caraidean sin is gu leòr eile a' cuimhneachadh air Raibeart an t-seachdain seo, gu seachd àraid, tha fios, nuair a ghabhas na còisirean uile Sìne Bhàn còmhla air an là mu dheireadh den Mhòd.

Bhiodh Raibeart an-còmhnaidh gan stiùireadh. Bha ceangal pearsanta aige fhèin ris an òran is athair air a' cho-sheirm ainmeil a sgrìobhadh.

Bha an ceangal sin ann bho chionn fhada is bha e cumhachdach, mar a tha Cairistìona Nic an t-Saoir a' cuimhneachadh.

"B' àbhaist dha na britheamhan a bhith a' toirt gu sìorraidh airson a bhith a' dèanamh suas nan comharran ron Lovat agus bhiodh daoine a' fàs caran an-fhoiseil," tha Cairistìona ag ràdh.

"Dh'èireadh Raibeart suas ann an teis-meadhan an talla agus bha fios aig a h-uile mac duine a bha san talla dè bha a' dol a thighinn agus thòisicheadh Sìne Bhàn.

"Sheinneadh a h-uile duine a' phàirt aca fhèin, ge b' e càite an robh iad san talla, agus thigeadh deòir dha na sùilean agad."

'S iongantach mura bi deòir gu leòr ann nuair a thèid Sìne Bhàn a ghabhail Disathairne, is daoine a' smaointinn air duine dòigheil à Ceann Loch Chille Chiarain a bhiodh air roghnachadh a bhith ann an Glaschu an t-seachdain seo air thoiseach air àite sam bith eile fon ghrèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo