"Dìth tuigse" mun Ghàidhlig an Alba fhathast

Màiri NicAilein
LeAilean Peutan
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha Rùnaire na Gàidhlig airson 's gum bi barrachd Gàidhlig anns a' churraicealam nàiseanta mar dhòigh air dèiligeadh ris an "dith thuigse" th' ann an Alba fhathast mun chànan.

Thuirt Màiri NicAilein gu bheil seo cudromach an dà chuid airson miann a nochdadh gus an cànan ionnsachadh agus airson taic a bhrosnachadh 'son cheumanan leasachaidh eile.

Thug Ms NicAilein rabhadh cuideachd do Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir an cuid mholaidhean 'son Sgìre Cànain Shònraichte a dhèanamh nas mionaidiche, is cunnart gur e "cothrom caillte" bhiodh ann nan rachadh an t-inbhe a bhuileachadh air an sgìre air fad.

Sa chiad agallamh aice air cuspair na Gàidhlig, dh'aithnich Ms NicAilean gu bheil diofar dhùbhlan mu choinneimh a' chànain ann an diofair phàirtean de dh'Alba, is i mothachail gu bheil àireamhan luchd-labhairt ann an sgìrean traidiseanta a' crìonadh fhad 's a tha fàs ann an àitichean eile.

'S e Achd nan Cànanan Albannach a chur an gnìomh prìomhachas Riaghaltas na h-Alba a thaobh na Gàidhlig, thuirt i, ged tha i a' faicinn chothroman eile le ath-sgrùdadh air a' churraicealam nàiseanta a' leantainn.

"Tha mi smaointinn gu bheil dìth tuigse ann, agus 's e seo aon de na dòighean a thèid againn air fàs a' chànain a bhrosnachadh."

"Fiù 's ma thathas ag ionnsachadh sa Bheurla, feumaidh muinntir na h-Alba ionnsachadh mu leasachadh na Gàidhlig, mu eachdraidh na Gàidhlig, agus mun Ghàidhlig san àm ri teachd.

"Às aonais sin, cha bhi am miann ann 'son an cànan ionnsachadh chun na h-ìre a bu toil leinn."

Dh'fhaodadh e fiù 's taic a bhrosnachadh 'son cheumanan leasachaidh eile ann an roinnean cultarail is eaconamach, thuirt i.

Màiri NicAilein na suidhe sa Phàrlamaid AlbannaichTùs an deilbh, Andrew Cowan/Scottish Parliament/PA Wire
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Màiri NicAilein a chuir na Rùnaire an Fhòghlam, Cultar is a Ghàidhlig as deidh taghadh Albannach a Cheitein

Sgìrean Cànain "ro thana" na chall

Bha rabhadh aig Ms NicAilein do Chomhairle na Gàidhealtachd a thaobh Sgìre Cànain Sònraichte a stèidheachadh.

Tha connspaid air a bhith ann mu mholadh an ùghdarrais ionadail an t-inbhe a chur air an sgìre gu lèir.

"Tha cunnart ann, ma thèid a sgaoileadh ro thana gur e cothrom caillte a bhiodh ann," thuirt i.

"Feumaidh e a bhith amasaichte, 's a' riochdachadh na tha de luchd-labhairt anns an sgìre, agus nan dùbhlan eile a th' ann timcheall air sin.

Thuirt i gum bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air a bhith "nas cumhainge" nan amas gus a' bhuaidh as fheàrr fhaighinn às a' phoileasaidh.

Thuirt neach-labhairt 'son Comhairle na Gàidhealtachd "nach deach co-dhùnadh a dhèanamh" fhathast - ged a gabh comhairlichean ri moladh gus modail "làn-sgìre" a leantainn san Ògmhios.

Ge-tà, thuirt iad gum biodh barrachd fiosrachaidh air an ath-cheum ga fhoillsicheadh ro dheireadh na mios.

Mhol Ms NicAilein an t-adhartas a tha Comhairle nan Eilean Siar a' dèanamh gus Sgìre Cànain Sònraichte a dhealbh, is plana acasan 'son 'àrainnean' nas lugha taobh a-staigh aona Sgìre Cànain.

Chan eil e soilleir fhathast dè seòrsa taice no dè an ìre de mhaoineachadh a gheibh na Sgìrean Cànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' sgaoileadh maoineachaidh do chòig comhairlean gus obair deasachaidh a dhèanamh.

Còmhla ri CNES is Comhairle na Gàidhealtachd, 's iad comhairlean Earra-Ghàidheal is Bhòid, Dhùn Èideann is Ghlaschu a fhuair airgead.

Fon Achd, bidh cumhachdan aig Riaghaltas na h-Alba bun-inbhean a chur air buidhnean a tha ag obair anns na Sgìrean Cànain.

Dh'fhaodadh seo fiù 's taic a chumail ri oidhirpean gus barrachd thaighean aig prìsean reusanta a thogail ann an sgìrean dùthchail, thuirt Ms NicAilein.

Suidheachadh ionmhais doirbh

A dh'aindeoin uallaich air an sporan phoblach, gheall Ms NicAilein sabaid a dhèanamh 'son maith na Gàidhlig.

"Tha mi glè chleachte ri argamaid a chur air adhart 'son maoineachaidh nam roinnean fhèin," thuirt i.

"Cha chuir mise a' Ghàidhlig air adhart mar ghnothach fa-leth, a gheibh criomag an siud 's an seo."

Dh'aithnich i an t-iarrtas a th' ann bho MG ALBA 'son barrachd maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba 'son nam meadhanan Gàidhlig.

Cha tug i gealladh sam bith air suimean airgid ge-tà, is dùil ri buidseat an riaghaltais san Dùbhlachd.

"Tha e ceart - agus tha MG ALBA ceart - an dùbhlan a chur air Riaghaltas na h-Alba gus am maoineachadh àrdachadh," thuirt i.

Ach chùm i a-mach gur e "faoineas" a bhiodh ann an t-uallach a chur orrasan a-mhàin, seach coimhead ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus am BBC 'son barrachd maoineachaidh, mar a th' aig saoghal craolaidh sa Chuimris.

San fharsaingeachd, bhruidhinn Ms NicAilein mun fheum a th' ann "prìomhachasan" a dhèanamh aig àm nuair nach eil cùs airgid san roinn phoblaich.

Le leasachadh roinne poblaich na amas aig a' Phrìomh Mhinistear Iain Swinney, thuirt Ms NicAilein gum feumar a bhith mothachail air a' bhuaidh a bheir lùghdachadh dhreuchdan ann am buidhnean poblach air sgìrean dùthchail.

Ach thuirt i gum bi Bòrd na Gàidhlig sàbhailte san àm ri teachd.

"Misean" foghlaim agus leasachaidh eaconomaich

Dh'aidich Ms NicAilein gu bheil "neo-ionnanachd" ann eadar suidheachadh foghlaim àrd-sgoile tron Ghàidhlig an coimeas ri foghlam bun-sgoile.

Seo is draghan air an togail às ùr mu dhìth chothroman ionnsachaidh tron chànan do dheugairean, is Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich ag ràdh gu bheil "ceumanan mòra" a dhìth gus piseach a thoirt air.

Thuirt Ms NicAilein gur e barrachd thidsearan fhastadh a "misean" 'son seo, ged a dh'aidich i nach eil targaid aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh àireamhan fastaidh.

Dhiùlt i "figear tuirmeasach" a chur air is i ag ràdh gu bheil an siostam stèidhichte air iarrtas.

Tha buidhnean leithid Chomann nam Pàrant Nàiseanta air moladh dhan riaghaltas làmh nas motha a ghabhail ann a bhith a' toirt fàs air foghlam Ghàidhlig, leithid a bhith ga aithneachadh mar chòir laghail - rud nach eil san Achd.

Thuirt Ms NicAilein gum biodh i toilichte "èisteachd ri molaidhean" air mar a dhèanadh an riaghaltas barrachd, ach gur e barrachd phàrantan thall 's a-bhos a bhrosnachadh am prìomhachas a th' aice.

"Chan eil mi a' feitheamh air coimhearsnachdan a bhith a' co-dhùnadh eil iad ag iarraidh foghlaim Ghàidhlig sna sgìrean aca, tha mi a' feuchainn ri ùidh is tuigse mu dheidhinn a leudachadh cuideachd," thuirt Ms NicAilein.

Ged tha a' Ghàidhlig a-nis a' suidhe còmhla ri foghlam agus cultar ann an roinn an riaghaltais, thuirt Ms NicAilein gu bheil i fhathast mothachail air cho cudromach 's a tha leasachadh eaconamach do sgìrean Gàidhealach.

Thuirt i gu bheil molaidhean na h-aithisg air cothroman eaconamach na Gàidhlig gu mòr air biathadh a-steach gu cruth Achd nan Cànanan Albannach.

Tha i "a' coimhead gu dlùth" ri cho freagarrach 's a tha an iomairt 'Tog', a stèidhich an seann Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis, an-uiridh.