80 bliadhna bhon Victory Mòd nuair a choinnich Ear is Iar

A' Bhanrigh aig Mòd 1946. Bhiodh mòran eòlach oirre sna bliadhnaichean às dèidh seo mar Mhàthair na Banrigh. Bha A' Bhana-phrionnsa Ealasaid, a ghabhadh àite a màthar an 1953, cuideachd an làthair. 'S i Sheila R. Lessels à Coatbridge a tha a' faighinn na duais.
- Air fhoillseachadh
Do chuid 's e bliadhna gu math fada a th' ann eadar Mòdan.
Bho chionn 80 bliadhna ge-tà, bha Gàidheil a' cruinneachadh ann an Obar Dheathain agus ochd bliadhna fhada, fhuilteach air a bhith ann bhon Mhòd mu dheireadh.
Bha an oidhirp gus am Mòd Nàiseanta a thoirt chun an Ear-Thuath 'son a' chiad uair air tòiseachadh grunn bhliadhnaichean ro làimh.
Chaidh tagradh a-steach is chaidh aontachadh gun tigeadh am Mòd gu Baile na Cloiche-gràin ann an 1939.
Cha robh e buileach gun chonnspaid. Nuair a chruinnich am meur ionadail den Chomunn Ghàidhealach gus comataidhean a stèidheachadh, nochd beachd bho thè aca gun robh "gràin air na Gàidheil ann an Obar Dheathain".
Bhiodh e glè dhoirbh Mòd soirbheachail a chur air dòigh sa bhaile seach Glaschu, thuirt i, oir bha Glaschu làn Ghàidheal is cha robh ach "glè bheag" dhiubh ann an Obar Dheathain.
Air a' cheann thall ge-tà, chan e beachd sam bith a bha aig muinntir Obar Dheathain air na Gàidheil a chuir às dhan Mhòd ann an 1939 ach na gluasadan mòra a bha a' tachairt san Roinn Eòrpa.

Am Prìomhaire Neville Chamberlain air an 3mh là den t-Sultain 1939 is e ag innse gun robh Breatainn a' dol an sàs sa chogadh
Bha a' Ghearmailt air a dhol an sàs dhan Phòlainn aig toiseach na Sultain - air an dearbh là a dh'innis Dùghall Dòmhnallach bhon Chomunn Ghàidhealach dha na pàipearan gum biodh Mòd 1939 ann aig deireadh na mìos "cho fad 's nach biodh cogadh ann."
Dà là às dèidh sin bha Breatainn a' cogadh ris a' Ghearmailt is ro dheireadh na seachdain bha am Mòd air a chur dheth.
'S e "buille mhòr" bh' ann dha luchd na Gàidhlig, a rèir aithris, ach bhathar an dòchas tilleadh gu Obar Dheathain ann an ùine nach biodh ro fhada agus ann an aimsir na b' fhàbharaiche.
'S beag fios gum biodh sia bliadhna fada de chogadh ann - aig cosgais uabhasach - agus seachd bliadhna mus tilleadh am Mòd.
Nuair a thàinig e air ais bha tiotal sònraichte air - The Victory Mòd - agus cò bhiodh an làthair ach a' Bhanrigh fhèin.
Bha na pàipearan mothachail gun toireadh tilleadh a' Mhòid togail nach beag do shluagh a bha sgìth às dèidh bhliadhnaichean de chogadh agus de chall.
"Anyone who had been going through the Highlands during the past five years would have noticed how much the lack of the Mòd had affected people," sgrìobh Tìm an Òbain nuair a chaidh am Victory Mòd a dhearbhadh.

Cuid de dh'urchraichean mòra a' Chomuinn Ghàidhealaich a' deasbad ghnothaichean ann an Obar Dheathain ann an 1946
Agus 's e togail dha-rìribh a fhuair daoine ann an seachdain ghrinn ann an Obar Dheathain aig deireadh na Sultain 1946.
Thachair Ear is Iar 'son a' chiad turas, chaidh aithris, agus abair gur e aonadh soirbheachail a bh' ann.
Chaidh bonn òir nam fear gu Dòmhnall MacBhiocair à Glaschu ach a rugadh ann an Luinn.
Bha Mgr MacBhiocair bho chionn ghoirid air tilleadh dhachaigh bhon chogadh san Roinn Eòrpa far an robh e na phàirt den Royal Artillery nuair a shaor iad Campa Bàis Bhelsen.
Bha Iain Dùghlas is Ailig Dòmhnallach san dàrna is treas àite san fharpais iad fhèin dìreach air tilleadh bhon chogadh.
'S i Rose NicDhonnchaidh à Cinn Tìre a bhuannaich bonn òir nam ban.
'S ann à Cinn Tìre cuideachd a bha fear den dithis bhàrd a bha air an crùnadh - rud eile a bha sònraichte mu Mhòd 1946.
Bha Edward Pursell mar-tha air a thaghadh mar bhàrd 1939 mus do chuir an cogadh am Mòd dheth.
Chaidh an t-urram a bhuileachadh air Mgr Pursell mu dheireadh thall ann an Obar Dheathain còmhla ri bàrd 1946 fhèin, Iain A MacLeòid.
Bha Mgr MacLeòid, a bhuineadh dha Dail Beag ach a bha na thidsear ann an Sunderland, air cliù a chosnadh airson Macbeth a chur dhan Ghàidhlig.

Bha an dithis a bhuannaich na buinn òir ann an 1946 air a bhith faisg air an duais roimhe ron chogadh
'S e faochadh a bha san urram a fhuair e do Ghaseat Steòrnabhaigh, a bha car tùrsach nach robh Leòdhasaich no Hearaich am measg na bhuannaich farpaisean mòra.
Bha e gu sònraichte goirt dhaibh gu do ghlèidh Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Gilb duaisean le 'Eilean Leòdhais' is 'Eilean Mo Ghaoil'.
Bha togail eile ann dhan Ghaseat gun robh sgrìobhaiche òg à Pabail air duais mhòr litreachais a bhuannachadh.
Bha coltas ann, thuirt iad, gun robh fear dham b' ainm Derick MacThòmais a' leantainn ann an ceumannan athar mar bhàrd.
A thuilleadh air sin, bha dragh ann mu chion àitichean-fuirich do mhuinntir a' Mhòid, rabhadh mu chrìonadh na Gàidhlig ann an sgìrean far an robh i uair glè làidir, deasbad mu dhaoine aig nach robh a' Ghàidhlig a bhith ann an còisirean, ceist mun t-slighe air an robh Roinn Ceiltis Oilthigh Dhùn Èideann, agus teachdaireachd nach sàbhaileadh am Mòd leis fhèin an cànan idir.
Mar as motha a tha rudan ag atharrachadh...

Còmhraidhean eadar oifigich a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Victory Mòd 1946
Thàinig gnothaichean gu ceann le consart mòr ann an Talla Ciùil Obar Dheathain is a' Bhanrigh an làthair còmhla ris na bana-phrionnsachan òga Ealasaid is Mairead.
'S iad a bha air an dòigh is a' Bhanrigh a' togail air an turas a bh' aice gu Mòd 1935 ann an Dùn Èideann.
"Cha do shaoil mi gun gabhadh piseach a thoirt air ìre na seinn - ach tha e fiù 's nas fheàrr", thuirt i ri J.M. Bannerman bhon Chomunn.
Bha an Comunn fhèin fìor thoilichte is an ceann-suidhe, Dòmhnall Dòmhnallach, a' meas mar a bha a' Bhanrigh an làthair aig a' Victory Mòd mar fhear de na rudan as cudromaiche ann an eachdraidh na buidhne.
Chaidh togail cuideachd air mar a bha iarrtasan a-nise a' sìor thighinn a-steach aig oifisean a' Chomuinn ann an Inbhir Nis airson meòir a bha air a bhith nan tàmh a stèidheachadh às ùr.
Air cùl seo, chaidh aithris, bha fireannaich òga a bha air tilleadh dhachaigh às a' bhlàr is a bha a-nise 'son "oidhcheannan toilichte a chur seachad a' seinn is a' bruidhinn sa chànan aca fhèin, agus airson seann chleachdaidhean nan Gàidheal a chumail beo".
Bha sgòthan dorcha a' chogaidh ag èirigh. Bha am Mòd air ais.