Duaisean cliùiteach nan còisirean sgìreil a' dol do na GGs agus Port Rìgh

'S e Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a thàinig am bàrr am farpais Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn
- Air fhoillseachadh
'S iad Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu, air là mòr nan còisirean sgìreil.
Fhuair na GGs 378 comharran leis an òrain ainmichte Siubhal a' Choire, agus an taghadh aca fhèin Gura Muladadh Sgìth Mi/Thèid mi lem Dheòin.
'S e seo an dàrna bliadhna ann an sreath a bha an GG air an duais a bhuannachadh.
Thàinig Còisir Ghàidhlig Lodainn san dàrna àite le 377, agus san treas àite bha Eadarainn le 375.

'S e Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh le Iain MacCarmaig aig an stiùir a ghlèidh Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh
Bha seachd còisirean ag amas air an duais, agus bha deich a' farpais airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh a chaidh gu Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh.
Fhuair na Sgitheanaich comharra de 368, 's iad a' seinn an òrain ainmichte Òran an Eiseirean agus an taghadh fhèin Fàgail Viewfield.
Thàinig Còisir Ghàidhlig Obair Pheallaidh san dàrna àite le 367, agus san treas àite le 366 bha Còisir Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn.
Thàinig seo às dèidh do stiùiriche Còisir Phort Rìgh, Iain MacCarmaig, Bonn Òir an t-Seann Nòis a bhuannachadh oidhche Dhiardaoin.

'S e Eadarainn a rinn a' chùis am farpais a' Phuirt à Beul sa mhadainn
Na bu thràithe den là bha farpaisean chòisirean sgìreil nam ban 's nam fear air an cumail.
'S iad boireannaich Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich an fharpais acasan, le Còisir Ghàidhlig an Òbain san dàrna àite agus Còisir Ghàidhlig Lodainn san treas àite.
Aig na fir 's iad fireannaich Eadarainn a rinn a' chùis san fharapis acasan. Bha fireannaich Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu san dàrna àite, agus Còisir Lodainn san treas àite.
Ann am farpais a' Phuirt à Beul do na còisirean sgìreil 's e Eadarainn a thàinig am bàrr, le Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu san dàrna àite agus Còisir Ghàidhlig an Òbain agus Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh co-ionann san treas àite.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair 2025
