Call an Kilda is an triùir air bòrd innte a' fàgail "cridhe trom aig a h-uile duine"

Bha Dùghlas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgach far chosta tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Tha Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gun robh call bàta-iasgaich far chosta tuath Leòdhais agus an triùir fhear a bha ag obair oirre na "bhriseadh-cridhe dha na teaghlaichean agus dha na coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar air fad".
Bha Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn seachdain an dèidh dhan Kilda a dhol a dhìth far chladaich Nis.
Chaidh corp Dùghlas Craigie, 49, fhaighinn tràth sa mhadainn air an 14mh den Dàmhair; cha d' fhuaireadh lorg fhathast air Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23.
Thuirt Mgr MacAonghais: "Tha an tubaist a thachair an seo air tè cho dona 's a tha sinn air fhaicinn an gnìomhachas an iasgaich ris an linn sa bheil sinn beò, agus tha sinn ag ùrnaigh gu h-àraid airson an dithis a th' air chall fhathast agus gun tèid am faighinn."
Thug Mgr MacAonghais taing do Phoileas Alba, na maoir-chladaich agus dhan a h-uile buidhinn a th' air a bhith "an lùib na h-èiginn seo".
Thuirt e: "Bhithinn-sa an dòchas gun coimheadar sna coimhearsnachdan air fad g' eil na buidhnean a th' air a bhith an sàs san rannsachadh seo air a bhith a' dol air leth seachad air na h-obraichean aca a h-uile là bho thachair seo."
MAIB gus co-dhùnadh co-dhiù nì iad rannsachadh air call bàta-iasgaich
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Dàil air an iomairt lorg fhaighinn air bàta is dithis iasgairean a tha a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
"Latha dorcha do Leòdhas" is aon iasgair air bàsachadh agus dithis a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gu bheil "cridhe trom aig a h-uile duine" sna coimhearsnachdan dham buineadh an triùir iasgairean.
Thòisich an Comann iomairt gus airgead a chruinneachadh do na teaghlaichean aca agus tha iad a' còmhradh ri riochdairean coimhearsnachd mu dheidhinn sin.
Tha Mgr MacAonghais a' gabhail ris gu bheil cunnart an lùib gnìomhachas an iasgaich ach thuirt e gu bheil an sgìre air a bhith fortanach nach eil mòran air a bhith air am bàthadh bho chionn timcheall air 12 bliadhna.
Tha e ag ràdh gu bheil an gnìomhachas an-còmhnaidh a' feuchainn ri adhartas a dhèanamh le innealan a chuireas a-mach brath-èiginn ma thachras tubaist.
"Ge b' i dè an teicneòlas a th' ann tachraidh rudeigin neo-àbhaisteach ann an tubaistean agus 's ann coltach ri gur e rudeigin mar sin a thachair an seo," thuirt e.
Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gu bheil e air a bhith a' còmhradh gach là le oifigearan bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB).
Thuirt e: "Bidh iadsan a' coimhead air na tachartasan agus a' tighinn le molaidhean aig deireadh an rannsachaidh airson faicinn an ionnsaich sinn càil bho na thachair airson 's nach tachair tubaist mar seo a chaoidh tuilleadh."