"Latha dorcha do Leòdhas" is aon iasgair air bàsachadh agus dithis a dhìth

'S ann sna h-uisgeachan far Phort Nis an ceann a tuath Leòdhais a tha an iomairt teasairginn air a bhith a' dol air adhart
- Air fhoillseachadh
Tha dithis fhathast a dhìth às deidh mar a chaidh bàta-iasgaich a chall far cheann a tuath Leòdhais oidhche Mhàirt.
Fhuaireadh corp aon duine den triùir a bha air bòrd an t-soithich Kilda, agus bha obair teasargainn a' leantainn tron là Diciadain feuch an dithis eile a lorg.
B' fheudar an iomairt a leigeil seachad oidhche Chiadain agus an dorchadas agus droch shìde a bha air leantainn air feadh an là a' toirt buaidh.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo cuin a thòisicheas an iomairt às ùr.
Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich ag ràdh gun deach fios a chur thuca mu 21:20 oidhche Mhàirt nuair nach do thill an soitheach agus an triùir a bh' air bòrd innte gu cala.
Thuirt iad gun robh plèana agus dà heileacoptar a' rannsachadh nan uisgeachan far Phort Nis an ceann a tuath an eilein.
Tha sia sgiobannan teasairginn leis na Maoir-Chladaich, dà bhàta-teasairginn leis an RNLI, soitheach ionadail agus Poileas Alba cuideachd air a bhith an sàs san iomairt.
Tha an comhairliche ionadail, Coinneach MacLeòid, ag ràdh gur e "latha glè dhorcha" do dh'eileanaich a bh' ann, agus gu bheil an smuaintean le teaghlaichean nan iasgairean.
Dhearbh Poileas Alba gun deach corp fireannaich a thoirt às an uisge aig mu 2.45 sa mhadainn Diciadain, ach nach deach aithneachadh foirmeil a dhèanamh air fhathast.
Tha an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney, comandair nam poileas sna h-Eileanan an Iar, ag radh gu bheil iad "glè mhothachail air a' bhuaidh a bhios aig a' chùis air coimhearsnachdan nan Eilean Siar, agus nas fhaide air falbh".
Thuirt e gun robh teaghlaichean nam fireannach a' faighinn taic bho oifigearan.
Thuirt e: "Tha fios againn gum bi a' choimhearsnachd airson taic a thoirt seachad. Ge-tà, tha an t-sìde gu math dùbhlanach agus dh'iarrainn air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart."
Ann an teachdaireachd air X, thuirt am Prìomh Mhinistear John Swinney: "'S e naidheachd air leth duilich a tha seo.
"Tha mo chridhe a' dol a-mach do chàirdean an trìuir iasgairean ann an Nis, agus na coimhearsnachdan ann an Leòdhas."
"Smuaintean agus co-fhaireachdainn le na teaghlaichean"
Thuirt Meur Rannsachadh nan Tubaistean-Mara (MAIB) gur e Kilda ainm an t-soithich air nach eil sgeul.
Thuirt neach-labhairt: "Tha an MAIB air iarraidh air sgioba de luchd-sgrùdaidh measadh a dhèanamh air call a' bhàta-iasgaich Kilda, a tha clàraichte san Rìoghachd Aonaichte, faisg air Leòdhas.
"Nì sinn co-dhùnadh mu am bu chòir rannsachadh a bhith ann aon uair 's gu bheil sinn air ath-sgrùdadh a dhèanamh air an fhianais bhon ro-mheasadh."
Thuirt an RNLI gun deach bàta-teasairginn Steòrnabhaigh a chur air bhog aig mu 21.42 oidhche Mhàirt airson feuchainn ri lorg fhaighinn air a' bhàta-iasgaich.
Thuirt neach-labhairt gun deach bàta-teasairginn à Loch an Inbhir a ghairm a-mach cuideachd airson taic a thoirt don luchd-teasairginn.
Dh'innis an Comh MacLeòid, a tha cuideachd na Fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar, dhan BhBC: "'S e latha glè dhorcha a th' ann do choimhearsnachd Nis agus dhan choimhearsnachd air fad ann an Leòdhas.
"Tha ar smuaintean agus co-fhaireachdainn le na teaghlaichean air a bheil seo a' toirt buaidh.
"Chan urrainn dhuinn gabhail a-steach na tha teaghlaichean an triùir iasgairean a' dol troimhe an-dràsta."
Thuirt Mgr MacLeòid gun robh heileacoptaran à Steòrnabhagh agus à Sealtainn, cho math ri na maor-cladaich agus soithichean ionadail, air a bhith a' cuideachadh leis an iomairt.
Tha droch shìde air a bhith a' bualadh air an sgìre, agus thàinig rabhadh bho Oifis na Sìde do phàirtean den Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar mu uspagan gaoithe cho làidir ri 70msu Diciadain.