Ro-innleachd nàiseanta "a dhìth le cabhag" a thaobh theintean fiadhaich

Loidhne de lasraichean a' gabhail fada tarsainn air cruth-tìre chnocail, ceò ag èirigh às agus an talamh dorchaTùs an deilbh, RSPB NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn droch theintean fiadhaich sgrios mòr ann an grunn àitichean san RA, a' Ghàidhealtachd nam measg, as t-samhradh am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha ro-innleachd ùr nàiseanta, agus uidheamachd ùr shònraichte a dhìth ron earrach an ath-bhliadhna airson freagairt a thoirt air teintean fiadhaich anns an Rìoghachd Aonaichte, a rèir aithisg ùir.

Am measg na mhol Buill-Phàrlamaid air Comataidh na h-Àrainneachd, a' Bhìdh 's nan Cùisean Dùthchail aig Westminster bha casg air BBQan beaga nach cleachdar ach aon uair aig diofar amannan, itealain ùra agus iomairtean poblach airson fiosrachadh is tuigse a bhrosnachadh am measg an t-sluaigh.

Thuirt an aithisg gun robh na thachair le teintean fiadhaich as t-samhradh am-bliadhna air laigsean mòra a nochdadh ann an deiseileachd na RA airson dèiligeadh ri teintean fiadhaich.

Chaidh sgrìoban mòra fearainn a losgadh ann an droch theintean as t-samhradh, eadar teine mòr ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, teintean ann an Suffolk agus Staffordshire ann an Sasainn, agus teintean sa Chuimrigh far am b' fheudar an t-arm a chur an sàs.

Alasdair MacIlleMhìcheil BPTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt cathraiche na comataidh, Alasdair MacIlleMhìcheil gu bheil "atharrachadh cultarail" a dhìth mu choinneimh theintean fiadhaich anns an Rìoghachd Aonaichte

Chaidh càineadh a dhèanamh air cho fada 's a thug e smachd a chur air an teine a thachair sa Ghleann Mhòr, faisg air an Aghaidh Mhòir ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, a bha a' gabhail mu chòig seachdainean.

'S ann fo stiùir Riaghaltas na h-Alba a tha na seirbheisean a dhèiligeas ri teintean ann an Alba.

"Bu chòir rabhadh a thoirt aig Westminster à dà shamhradh sreath a chèile a bha na bu mhiosa na riamh roimhe a thaobh theintean fiadhaich," thuirt cathraiche na comataidh, Alasdair MacIlleMhìcheil.

"Mura tachair sin, bidh sinn uile ann an cunnart gun tachair a leithid an ath-bhliadhna agus a h-uile bliadhna gus an dèiligear ris ann an da-rìribh.

"Tha an aithisg seo a' tabhann roghainn de ghnìomhan dham feum an riaghaltas prìomhachas a thoirt ... agus e cuideachd ag innse sgeòil mu mar a dh'fhàgas na tachartasan eagallach seo lotan mòra, chan e a-mhàin air cruth na tìre, ach ann an inntinn dhaoine ann an coimhearsnachdan dùthchail nach eil a' faighinn èisteachd gu math tric. Feumaidh atharrachadh tighinn às an tròma aca."

Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gu bheil atharrachadh cultarail a dhìth airson 's gum bi an dùthaich a' coimhead ri teintean fiadhaich san aon dòigh 's am bi dùthchannan leithid Astràilia.

Thog e cuideachd air cho cudromach 's a tha solar uisge math gu leòr a bhith ri fhaighinn do smàladairean, agus gum bi maoir - air am maoineachadh - ann airson faire a chumail sna monaidhean.

Tha dragh ann cuideachd, thuirt e, nach eil earbsa aig feadhainn a bhios san loidhne-aghaidh ann an structar an t-siostaim airson dèiligeadh ri teintean fiadhaich.

"Tha trioblaidean structarail ann cuideachd, a thuilleadh air feadhainn obrach," thuirt Mgr MacIlleMhìcheil.

"Tha mòran air an loidhne-aghaidh nach eil a' faireachdainn gu bheil pròiseasan soilleir aig an riaghaltas, no loidhnichean cunntachaileachd.

"Tha sinn a' gabhail ris gu bheil Whitehall air leasachaidhean a dhèanamh, ach tha ro-innleachd nàiseanta a dhìth.

"Bu chòir gun neartaich seo dàimhean air an talamh, 's fàgail nach eil teagamh idir ann cò, eadar tallaichean baile agus àirde an riaghaltais, air a bheil an t-uallach."

BBQan nach gabh cleachdadh ach aon uair
Fo-thiotal an deilbh,

Mhol an aithisg gum biodh e na b' fhasa casg a chur air chleachdadh BhBQan aon-chleachdach aig amannan nuair a bha cunnart mòr ann bho theintean fiadhaich

Dh'iarr an aithisg gun èistear ri coimhearsnachdan air a bheil na teintean a' toirt buaidh.

"Ro thric, chan eil feart ga thoirt air na dh'fhiosraich iad, no tha riaghaltas agus na buidhnean aca a' sealltainn seachad air. Mura h-atharraich sin, cha bhi ar freagairt do theintean fiadhaich math gu leòr," thuirt Mgr MacIlleMhìcheil.

Mhol a' chomataidh cuideachd gun coimheadar às ùr air riaghailtean a thaobh falaisgearan agus ath-fhiadhachadh agus "deasbad daingeann" ann eadar dà thaobh a tha a' coimhead ris a' chùis dàrna cuid mar rudan a chuireas smachd air teintean, no a nì iad nas miosa.

Dh'iarr iad cuideachd gun deadh cur às do bhacaidhean sam bith a th' air tuathanaich bho bhith a' dèanamh lochanan agus amaran-uisge air an fhearann aca airson bacadh a chur air teintean.