Balach a' togail aire mu bhuaidh eczema air sean is òg

- Air fhoillseachadh
Tha eczema a' toirt buaidh air aon duine cloinne anns gach còignear agus air aon inbheach anns gach deichnear san Rìoghachd Aonaichte.
'S e tinneas craicinn a tha a' fàgail gum faodadh craiceann dhaoine a bhith tioram, tachaiseach, sgrathach agus dearg.
Tha eczema air Adam, 9, à Inbhir Nis, agus tha e ag ràdh gu bheil e "gu math itchy, agus feumaidh mi cur orm creama dà turas no trì gach latha".
Tha e tric duilich gun a bhith a' sgrìobadh a' chraicinn agus leis an sin tha cunnart ann gum bris e, gun tig fuil às agus gum bi cunnart ann bho ghalarachadh.
Thuirt Adam: "Uaireannan ann an uisge bidh e goirt is bi mi brònach."
Tha Adam gu bhith a' ruith 10 cilemeatair air an deireadh-sheachdain seo tighinn airson aire a thoirt do thinneas a dh'fhaodadh a bhith "falaichte" am beachd na buidhne-taice Eczema UK.

Tha Aileen Elder ag ràdh gu bheil eczema a' toirt buaidh oirre gu fiosaigeach agus air a cuid misneachd cuideachd
Tha eczema air a bhith air mo phiuthar, Aileen Elder, 32, bhon rugadh i ged nach eil e a-nis ach air a làmhan.
Thuirt i: "Nuair a tha mo làmhan dona, dona, cha tig agam air na soithichean a dhèanamh, cha tig agam air cuid de rudan timcheall an taighe a dhèanamh, cha tig agam air a bhith a' geàrradh mheasan no dad sam bith mar sin gun miotagan a chur orm."
Chan e a-mhàin gum bi comharran faicsinneach ann, dh'fhaodadh eczema buaidh a thoirt air misneachd dhaoine cuideachd.
Thuirt Aileen: "Tha mi a' fulang leis an t-sac cuideachd ach chan eil duine sam bith a' faicinn nan sgamhan.
"Tha daoine a' faicinn do chraicinn ge-tà ma tha thu a' cur ort briogais ghoirid agus do chraiceann dona tha seòrsa de nàir ann."
'S iomadh rud a tha ga adhbharachadh agus e dualtach a bhith a' ruith am measg theaghlaichean.
Thuirt Suzi Holland bho Ezcema Outreach Support: "Tha sinn ag amas air taic a thoirt do chloinn agus daoine òga gus am bi roghainnean aca san àm ri teachd, gun urrainn dhaibh a dhol dhan sgoil, caraidean a dhèanamh agus fios a bhith aca nach eil iad leotha fhèin leis gum faod e a bhith gu math falaichte."
Sin an dearbh amas a th' aig Adam agus e air dùbhlan mòr a chur roimhe le bhith a' ruith astar 10 cilemeatair, neo sia mìle.
Thuirt e: "Tha mise a' dèanamh seo air sgàth 's gu bheil fios agam mun bhuaidh a tha eczema a' toirt air daoine agus tha mi airson airgead a thogail airson an cuideachadh."
Gheibhear taic agus comhairle air làrach-lìn Eczema UK an seo., taobh a-muigh