Iarrtas 'son CCTV an tacsaidhean Inbhir Nis

TacsaidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann de chompanaidhean tacsaidh ann an Inbhir Nis ag iarraidh gun tèid CCTV a chur ann an tacsaidhean a' bhaile air fad gus an urrainn barrachd sùil a chumail air draibhearan.

Tha seo a' tighinn an dèidh do dhraibhear tacsaidh à Crothaidh a bhith air a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh anns an tacsaidh aige.

Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan a chur air Daibhidh Brown, 50, airson na h-ionnsaigh.

A-nis tha na companaidhean Inverness Taxis, Capital Taxis Inverness agus Inverness City Taxis air gealltainn obrachadh còmhla gus luchd-siubhail a chumail sàbhailte.

Tha iadsan airson 's gun tèid camarathan CCTV nach gabh milleadh a chur ann an tacsaidhean agus tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba siostam sgrùdaidh nas mionaidiche air draibhearan a thoirt a-steach.

Tha iad ag ràdh gu bheileas ag iarraidh earbsa a' phobaill ann an draibhearan a neartachadh agus gum bi a h-uile turas ann an tacsaidh cho sàbhailte 's a ghabhas.

Tha connspaid air a bhith a' leantainn anns na làithean mu dheireadh an dèidh do Chomataidh na Ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd leigeil le Daibhidh Brown a chead airson tacsaidh a ruith a chumail.

Sin a dh' aindeoin 's gun robh Poileas Alba an aghaidh seo.

Bha bhall dha teaghlach Brown air nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a tharraing.

Tha ceathrar chomhairlichean air a' chomataidh fhàgail bho chaidh an co-dhùnadh a ruighinn, le fear dhuibh air seasamh sìos mar chomhairliche.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an gnothach a dheasbad às ùr aig coinneimh den làn-chomhairle.