Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith

Dealbh poilis de Dhaibhidh MhicGilleDhuinnTùs an deilbh, BUIDHEANN NAIDHEACHD MEADHAN NA H-ALBA
  • Air fhoillseachadh

Cha bu chòir draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a bha a' siubhal sa chàr aige a chead airson a bhith a' ruith thagsaidhean a chumail, a rèir chathrannais èigneachaidh.

Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan a chur air Daibhidh Brown, 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air nighean, 18, san Dùbhlachd 2023.

Thuirt Seirbheis Èigneachaidh agus Droch-dhìol Feiseil na Gàidhealtachd (RASASH) gu bheil an co-dhùnadh gun cead a thoirt bhuaithe a' toirt "teachdaireachd mhillteach" do bhoireannaich.

An t-seachdain seo chaidh, bhòt Comataidh Ceadachais Comhairle na Gàidhealtachd gu prìobhaideach leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.

Sin a dh'aindeoin 's gun robh Poileas Alba air cur na aghaidh.

Ann am brath feasgar Dhiardaoin, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach bi iad mar as trice a' toirt seachad beachd air cùisean ceadachaidh fa leth, gu h-àraidh feadhainn a tha air an cluinntinn gu prìbhideach, ach gun robh iad mothachail gu bheil ùidh mhòr aig a' phoball sa chùis seo.

Thuirt iad gun dèach òrdugh sònraichte a chur air adhart às dèidh co-dhùnadh na comataidh is gun tèid an gnothach a-nise a dheasbad aig coinneamh de bhuill Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir.

Thuirt Àrd-oifigear RASASH, Romy Rehfeld: "Tha sinn a' smaoineachadh air an tè a dh'fhulaing agus a teaghlach anns a' chiad àite."

"Cha bu chòir do dh'fhear a chaidh a dhìteadh airson èigneachadh agus a chleachd a sheasamh proifeasanta airson ionnsaigh a thoirt air boireannach òg a bhith a' faighinn air a chead airson fuireach sa ghnìomhachas sin a chumail."

Thuirt i gur e adhbhar uallaich a th' ann gun deach an co-dhùnadh a dhèanamh gu prìobhaideach.

"Tha boireannaich agus clann-nighean air a' Ghàidhealtachd airidh air faighinn a-mach carson nach deach èisteachd ri Poileas Alba," thuirt i.

Iarrtas teaghlaich

Thug Brown còmhdhail don bhoireannach, 18, an dèidh dhi a bhith air oidhche a-muigh an Inbhir Nis agus i airson a dhol air ais dhachaigh.

Chaidh e seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre.

Dh'fhàg e an uairsin a-muigh ann an Inbhir Pheofharain i san fhuachd fo ìre-reòthaidh.

Chaidh Brown às àicheadh na casaid gun dh'èignich e i ach chaidh fhaighinn ciontach sa Ghiblean.

Chaidh a chead airson tagsaidh a dhraibheadh a stad rè ùine san Fhaoilleach 2024.

Tha cead fa leth ann airson gnìomhachas tagsaidh a ruith agus chaidh sin ath-sgrùdadh le comataidh cheadachais na comhairle air 23mh den Ògmhios.

Chan urrainn an cead a thoirt seachad do neach eile.

Tha am BBC a' tuigsinn gun do nochd ball do theaghlach MhicGilleDhuinn air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a thoirt bhuaithe.

Bhòt a' chomataidh gun càil a dhèanamh. Dh'fhaodadh iad a bhith air an cead a stad rè ùine no a thoirt bhuaithe gu tur.

Chan eil e ceadaichte do chomhairlichean bruidhinn gu poblach mu chùisean ris a bheilear a' dèiligeadh gu prìobhaideach.

Ach dh'innis ball dhen chomataidh dhan BhBC gun do rinn esan co-dhùnadh stèidhichte air na chaidh a chur air a bheulaibh.

Thuirt Iain Grafton: "Gu mì-fhortanach chan urrainn dhomh an còrr a ràdh. Tha mi toilichte ceistean dhaoine a fhreagairt nuair nach e cùis phrìobhaideach a th' ann tuilleadh."

A rèir tè de bhuill na Gàidhealtachd aig Holyrood, Maree Todd, 's e fìor dhroch cho-dhùnadh a tha seo.

Thuirt i: "Chan eil fhios agam dè bhiodh an lùib an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chur an ainm chuideigin eile."

"Leugh mi sna pàipearan gun robh feadhainn air a' chomataidh a' faireachdainn nach robh e cothromach an teaghlach air fad a pheanasachadh airson eucoirean aon dhuine."

"Tha mi a' tuigsinn sin ach 's e rud uabhasach a tha seo."

"Tha mi an dòchas gun atharraich iad an co-dhùnadh agus an dòigh anns a bheil iad a' dèanamh nan co-dhùnaidhean seo gus nach tachair an leithid a-rithist."