Comhairliche Gàidhealach air a chur a-mach às an SNP rè ùine

An Comh Chris BirtTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Mgr Birt a chur a-mach à buidheann an SNP rè ùine

  • Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh gun deach an Comh Chris Birt a chur a-mach à buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha Mgr Birt am measg bhall de Chomataidh na Ceadachd a bhòt airson cead tacsaidh a chumail aig fear a chaidh a dhìteadh airson èigneachadh.

Dh'èignich David Brown boireannach a bha 18 bliadhna de dh'aois a bha a' siubhal san tacsaidh aige mus do dh'fhàg e i a-muigh san fhuachd ann an Inbhir Pheofharain san Dùbhlachd 2023.

Chaidh sia bliadhna agus naoi mìosan sa phrìosan air Brown, a tha 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean am-bliadhna.

Thugadh cead tacsaidh a dhraibheadh bhuaithe, ach aig coinneimh de Chomataidh na Ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh, chaidh co-dhùnadh leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.

Bha sin a dh'aindeoin 's gun do chuir Poileas Alba an aghaidh sin.

Bha bhall dha teaghlach Brown air nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a tharraing.

An ceathrar chomhairlichean eile a dh'fhàg a' chomataidh cheadachd: Uilleam MacAoidh (clì) a th' air a' chomhairle fhàgail an dèidh dha a' chomataidh fhàgail còmhla ri Sean Ceanadach, Donnchadh Mac a' Phearsain agus John GraftonTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD

Dh'adhbharaich sin ùpraid mhòr mun teachdaireachd a bha e a' cur mu shàbhailteachd bhoireannach air Ghàidhealtachd.

Chaidh Mgr Birt, a tha a' riochdachadh uàrd Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse, a chur a-mach à buidheann an SNP an dèidh do cheathrar chomhairlichean eile a' chomataidh cheadachd fhàgail, le fear aca a' fàgail na Comhairle buileach glan.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, agus ceannard buidheann an SNP air a' Chomhairle, Rèamonn Bremner:

"Faodaidh mi dearbhadh gun deach an Comh Chris Birt a chur a-mach à buidheann an SNP aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh, Dimàirt an 7mh là den Iuchar.

"'S e gnothach am broinn na buidhne a th' ann, agus thèid dèiligeadh ris a rèir phoileasaidhean agus phròiseasan na buidhne."

Dh'innis Mgr Bremner Diluain gur e a bheachd phearsanta gum bu chòir do Mhgr Birt a' chomataidh fhàgail.