Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta

David Brown, fear maol a' coimhead ris a' chamaraTùs an deilbh, CENTRAL SCOTLAND NEWS AGENCY
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Daibhidh Brown ionnsaigh air an deugaire agus dh'fhàg e i a-muigh san fhuachd fo ìre-reòthaidh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn sia bliadhna agus naoi mìosan sa phrìosan air draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire air oir an rathaid mus do dh'fhàg e i a-muigh san fhuachd fo ìre-reòthaidh.

Thug Daibhidh Brown, 50, còmhdhail don bhoireannach, 18, an dèidh dhi a bhith air oidhche a-muigh an Inbhir Nis agus i airson a dhol air ais dhan bhaile aice san Dùbhlachd 2023.

Chaidh Brown seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre. Dh'fhàg e an uairsin ann an Inbhir Pheofharain i.

Thuirt am britheamh am Morair Renucci ri Brown gun tug e ionnsaigh eagalach air an deugaire.

Chuala cùis-lagha roimhe fianais chlàraichte bhon bhoireannach a dh'innis mar a dh'aontaich Brown a toirt dhachaigh ged nach robh airgead gu leòr aice airson a phàigheadh.

Seach sin a dhèanamh, chaidh Brown gu àite dùthchail far an do stad e an càr agus far an tug e ionnsaigh dhrabasta oirre.

Chaidh am boireannach dha na poilis an dèidh sin, agus chaidh aca air lorg fhaighinn air Brown agus fianais gu leòr a thrusadh airson a thoirt gu lagh.

Bha siostam-lorgaidh a' charbaid aige a' sealltainn na slighe a ghabh e chun na làraich far an dh'èignich e an deugaire.

Chaidh a fàgail a-muigh an sìde reòta

Thuirt am Morair Renucci gun do dh'fhàg Brown i ann an Inbhir Pheofharain an uairean beagan na maidne ged a bha e cho fuar ri -4C.

Bha truas aig neach-obrach Tesco a chunnaic an deugaire agus dh'fhosgail iad a' bhùth gus am faigheadh i a-mach às an fhuachd.

Thuirt am Morair Renucci: "Nuair a chaidh i dhan tagsaidh agad an oidhche ud, bha còir aice a bhith a' smaoineachadh gun dèanadh tu na chaidh aontachadh - a toirt dhachaigh gu sàbhailte, a bha pìos air falbh.

"Seach a bhith a' dèanamh sin, chaidh thu seachad air far a bheil i a' fuireach, ga toirt a dh'Inbhir Pheofharain, agus tha siostam-lorgaidh a' chàir agad a' sealltainn gun do dhràibh thu timcheall a' bhaile agus iomall a' bhaile mus do stad thu an àite iomallach agus fallaichte faisg air tuathanas.

"'S ann an sin a dh'èignich thu i. Cha robh i ach 18. Bha thusa mòran na bu shine, 47 aig an àm.

"Feumaidh gur e suidheachadh eagalach a bh' ann don neach-fulaing agad, a bha so-leònta agus an deoch oirre - agus ghabh thu brath air an sin."

Nochd Brown, a bhuineas do Chrothaidh, faisg air Inbhir Nis, san Àrd-chùirt ann an Sruighlea tro cheangal bhideo bhon phrìosan.

Bha e air a dhol às àicheadh gun do dh'èignich e an deugaire agus e ag ràdh gur ann le a toil fhèin a bha i ri feise leis, ach fhuair diùraidh ciontach e an dèidh cùis-lagha ann an Dùn Èideann a mhair trì là air a' mhìos a chaidh.

Thuirt am fear-lagha aige Bill Adam gur e sin fhathast an seasamh aig Brown.

Thuirt am Morair Renucci: "[B' e seo] mìneachadh nach deach gabhail ris an diùraidh."

A bharrachd air a' bhinn-phrìosain, chaidh Brown a chur air clàr nan drabastairean airson a' chòrr de a bheatha.