Dh'fhailich air oidhirp Steòrnabhaigh cur airson inbhe Bhaile Chultarail

Bha Steòrnabhagh am measg còrr air 400 àite a bha a-staigh airson na h-inbhe ùire
- Air fhoillseachadh
Tha e air faileachadh air Steòrnabhagh faighinn air a' gheàrr-liosta airson inbhe Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte 2028.
Bha Steornabhagh am measg còrr air 400 baile a bha a-staigh airson na h-inbhe uile gu lèir.
Gheibh am baile a gheibh an tiotal sin ann an 2028 £3m airson sreath de thachartasan cultarail thairis air sia mìosan a thoirt seachad.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nuair a chuir iad airson na h-inbhe gum biodh an t-airgead sin mar dhòigh air roinn na h-ealain sna h-eileanan ath-bheothachadh, agus gearradh air tighinn air maoineachadh ann am buidseat an ùghdarrais ionadail.
Thuirt Leas-Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, aig an àm gun robh "cothrom mòr againn tòrr adhartais a dhèanamh".
Tha trì roinnean san fharpais do bhailtean de dhiofar mheudan - feadhainn le sluagh nas lugha na 20,000, bailtean meadhanach mòr le eadar 20,000 agus 75,000 duine agus feadhainn mhòra sa bheil còrr agus 75,000 luchd-còmhnaidh.
Inbhir Nis
Chaidh dà àite an Alba a chur air a' gheàrr-liosta ann an roinn nam Bailtean Beaga - Eilean Bhòid agus Lèaruig.
Chaidh cuideachd Lìte ann an Dùn Èideann a chur air an liosta ann an roinn nam Bailtean Meadhanach.
Tha 15 àite air a' gheàrr-liosta uile gu lèir:
Bailtean Beaga: Ilfracombe, Eilean Bhòid, Lèaruig, Sandown, an Srath Bán, agus Uàrd Meadhan Bhaile Stockton
Bailtean Meadhanach: Corby, Great Yarmouth, Lìte, Pontypridd, agus Port Talbot
Bailtean Mòra: Basildon, Birkenhead, Grimsby agus Rotherham
Thuirt rùnaire a' chultair Lisa Nandy gun robh na bha iad air fhaighinn de thagraidhean a' sealltainn cho pròiseil 's a tha daoine anns na bailtean aca.
Thèid aon bhaile à gach roinn air adhart gu cuairt dheireannaich, mus tèid am baile a bhuannaicheas ainmeachadh tràth an ath-bhliadhna.
Aig a' cheart àm tha farpais a' dol airson inbhe Cathair-Bhaile a' Chultair 2029, le Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd a-staigh airson na h-inbhe.