Naidheachdan 11:00m
Ioran
Thuirt Ministearachd na Slàinte ann an Ioran gun deach 24 duine a mharbhadh anns an dà oidhche mu dheireadh de dh'ionnsaighean adhair Aimeireaganach. Dh'innis am Pentagon gun tàinig iad air 90 targaid ann an Ioran tron oidhche a-raoir. Thug Ioran ionnsaigh air làraichean Aimeireaganach ann am Bahrain agus Kuwait.
Gas
Thuirt a' chompanaidh Adura, dham buin crann gas Jackdaw sa Chuan a Tuath gu bheil e fìor chudromach gun toir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead dhaibh gus nach bi connadh gann air a' gheamhradh seo. Tha riaghladair a' ghnìomachais a' coimhead an-dràsta air cead dealbhachaidh às ùr dhan leasachadh còmhla ri Raon Rosebank an iar air Sealtainn, an dèidh riaghladh cùirte nach robh a' chiad chead dhaibh laghail. Tha buidhnean àrainneachd a' cur an aghaidh an leasachaidh.
Dùn Èideann
Chuir luchd-smàlaidh seachad a' mhòr-chuid den mhadainn a' strì ri teine mòr ann an togalach falamh air Sràid nam Prionnsachan ann an Dùn Èideann. Thuirt oifigich gu bheil an teine an ìre mhath às. Ach tha Sràid nam Prionnsachan, Sràid Frederick agus Sràid a' Chaisteil ann am meadhan a' bhaile dùinte fhad 's a tha rannschadh a' dol air adhart, 's chaidh iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh. Tha sin a' toirt na h-uimhir de bhuaidh air seirbheisean trèana, bus agus tram a' bhaile.
Dùn Bhlàthain
Chaidh iarraidh air a' Bhall-Phàrlamaid Rupert Lowe, ceannard a' phartaidh Restore Britain, mathanas iarraidh an dèidh dha a ràdh nach robh an ionnsaigh ghunna Dhùn Bhlàthain ach "aon mhurt". Chail 16 duine den chloinn bun-sgoile agus an tidsear am beatha san ionnsaigh ann an 1996.
Sizewell B
Thug an Riaghaltas cead airson 20 bliadhna eile, suas gu 2055, do stèisean chumhachd Sizewell B - aon de na stèiseanan niuclasach as motha an am Breatainn. Tha an t-ionad ann an Suffolk a' cruthachadh mu 3% den dealan anns an Rìoghachd Aonaichte, 's bha dùil gun dùineadh e ann an 2035.
Am Partaidh Làbarach
Thòisich an fharpais airson ceannas a' Phartaidh Làbaraich an àite Sir Keir Starmer gu foirmeil an-diugh. Tha làn-dùil aig an ìre seo nach cuir ach Andy Burnham ainm air adhart.
Bonnie Tyler
Chaochail an seinneadair Cuimreach Bonnie Tyler. Bha i 75 bliadhna de dh'aois agus bha i air a bhith san ospadal ann am Portagal bhon Chèitean le trioblaidean slàinte an dèidh obair-lannsa.