Bho Care for a Cèilidh gu Talla Ghaisgeach a' Chiùil Thraidiseanta

- Air fhoillseachadh
'S iomadh cèilidh a chuir Donnie 'Maroot' MacLeòid air dòigh thairis air na bliadhnaichean.
Còrr is 300 dhiubh, creid no nach creid, bho chaidh a' chiad Care for a Cèilidh a chumail san Lùnastal 2013.
Tron phròiseact bidh seinneadairean Gàidhlig agus luchd-ciùil traidiseanta a' cumail chonsairtean goirid, gu saor-thoileach, ann an dachaighean-cùraim, ospaisean agus sgoiltean do chloinn le feumalachdan a bharrachd.
Tha Donnie, a bhoineas do Leòdhas bho thùs ach a tha a' fuireach ann an Glaschu, a-nis air àite fhaighinn ann an Talla Ghaisgeach a' Chiùil Thraidiseanta airson a chuid sheirbheisean dhan choimhearsnachd ann a bhith a' stèidheachadh agus a' ruith a' phròiseact.
An 300mh tachartas aig Care for a ceilidh
- Air fhoillseachadh18 An Dùbhlachd 2025
Bliadhna shoirbheachail do "Care for a Ceilidh" Bhideo, 00:02:21
- Air fhoillseachadh21 An Dùbhlachd 2016
Tha e moiteil às na cèilidhean ach aig a' cheart àm iriseal mun obair a tha e air a dhèanamh.
"'S ann mu dheidhinn nan daoine a bhios a' gabhail pàirt annta a tha na cèilidhean fhèin. Cha bhi mise ach gan toirt ri chèile."
"Mura biodh iadsan, cha bhiodh ann ach trì chairteal na h-uaireach dhomhsa a' seinn "You Are My Sunshine".
Bidh fhios aig a h-uile duine a th' air a bhith an làthair aig tè de chèilidhean Donnie gu bheil barrachd air sin aige air a theangaidh agus gu bheil na h-òrain aige a' còrdadh glan ris an luchd-èisteachd.

Donnie a' dannsa aig cèilidh ann an dachaigh-cùraim
'S ann an Glaschu a tha a' mhòr-chuid de na cèilidhean air a bhith agus Donnie fhèin stèidhichte anns a' bhaile.
Ach tha e air a dhol air chuairt agus air nochdadh ann am pàirtean eile den dùthaich cuideachd.
'S iomadh cuimhne prìseil a th' aig Donnie thar nam bliadhnaichean.
Tha cuimhne aige gu h-àraid air seann bhodach nach robh ag aithneachadh na h-ighne aige nuair a thàinig i a shealltainn air san dachaigh-cùraim.
Bha e rudeigin troimh-chèile ach fhuair e togail nuair a thòisich an ceòl.
"Feumaidh gur e tidsear ciùil no rudeigin mar sin a bh' ann," thuirt Donnie. "Thòisich e a' stiùireadh a' chiùil."
"Nuair a chì thu rudan mar sin - daoine a' dèanamh ceangal no feadhainn aig a bheil trioblaidean len cuimhne, ach spot a thòisicheas òran tha fhios aca air na facail agus 's urrainn dhaibh fhèin an seinn cuideachd."
"Tha sin a' dèanamh diofar mòr."

Feadhainn dhen luchd-ciùil a th' air a bhith an lùib Care for a Cèilidh
Luchd-ciùil
Tha iomadach neach air a bhith an lùib Care for a Cèilidh bho thòisich am pròiseact - eadar proifeiseantaich bho na còmhlain Trail West, Skerryvore agus Tidelines agus feadhainn a tha a' dèanamh ceòl mar chur-seachad.
Chan eil a dhìth ach guth seinn no ionnsramaid.
Tha Ruairidh MacCarmaig air nochdadh aig grunn chèilidhean agus tha e a' faicinn luach mòr sa phròiseact.
Thuirt e: "Tha e gu math cudromach dhomhsa gu bheil seo a' toirt tòrr chuimhneachan agus beagan toileachais 's togail dhaibh ann an àite a dh'fhaodadh aig amannan a bhith, tha mi cinnteach, gu math dorcha."
"Oir chan eil thu a' faighinn craic fad na h-ùine. Chan eil thu a' faighinn ceòl beò fad na h-ùine."
Tha buaidh nan cèilidhean air luchd-còmhnaidh nan dachaighean-cùraim cuideachd a' toirt togail do Donnie.
"Tha iad an-còmhnaidh air bhioran ro làimh agus às dèidh làimhe, tha iad làn toileachais," thuirt e.
Ron phandemic, bha e a' feuchainn ri cèilidh a chur air dòigh gach seachdain.
Thug Covid buaidh ge-tà agus an-diugh, thathas a' cumail timcheall air 12 sa bhliadhna.
Ach ma bhios luchd-ciùil Ghlaschu leth cho deònach 's a tha iad air a bhith thairis air na 13 bliadhna mu dheireadh, tha a h-uile coltas ann gun lean na cèilidhean aig Donnie airson greis mhath fhathast.