Sgaradh bheachdan mu bhùth Tesco do Phort Rìgh

Bùth Tesco Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh taisbeanaidhean co-chomhairleachaidh a chumail ann am Port Rìgh agus san Àth Leathann Disathairne agus Tesco am beachd bùth mhòr fhosgladh san Eilean Sgitheanach.

'S ann aig Bealach nan Dròbhairean, air iomall Phort Rìgh, a bhiodh a' bhùth ùr.

Tha iarrtas air a bhith ann am measg an t-sluaigh airson ùine mhòir ge-tà, airson bùth mhòr eile seach an Co-op aig a bheil trì bùithdean san Eilean Sgitheanach.

Tha teagamh ge-tà, air feadhainn leis a bheil bùithdean beaga neo-eisimeileach san eilean mun uallach a dh'fhaodadh a bhith orrasan.

Am measg an luchd-gnothachais air a bheil dragh tha Gillian Brown bho Bhùth Rankin ann an Ùige.

Thuirt i: "'S e companaidh mhòr luach nam billeanan notaichean a th' ann an Tesco.

"Bidh iad a' tighinn a-steach gu sgìrean agus tha sin a' fàgail gun dùin gnothachasan beaga."

Tha gu leòr de Sgitheanaich mar-thà a' roghnachadh gum faigh iad biadh is eile a bhios bùithdean mòra air tìr-mòr a' lìbhreagadh chun an eilein.

"Tha feum mòr air Tesco", am beachd Anna NicFhearghais a bha aig taisbeanadh na bùtha air an deireadh-sheachdain agus i air aon den fheadhainn a bu mhiann seirbheis lìbhrigidh gu dachaighean an luchd-ceannaich.

Tha dùil gun cuir Tesco iarrtas dealbhachaidh a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd ro dheireadh na bliadhna.

Ma thèid leotha, tha iad an dùil gun tòisich an obair togail an ceann bliadhna agus gum bi a' bhùth a' fosgladh ro dheireadh 2027.