Dithis san ospadal an dèidh tubaist le bus air an A9

- Air fhoillseachadh
Tha dithis a' faighinn lèighis san ospadal an dèidh mar a chaidh bus far an A9 beagan tuath air an Aghaidh Mhòir agus le bruaich.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich aig Ceann-rathaid Ghrèanais mu 09:40m madainn na Sàbaid.
Thuirt Poileas Alba gun deach dithis den luchd-siubhail a thoirt dhan ospadal ach chan eil fios ann mu cho dona 's a chaidh an leòn.
'S e bus dealain leis a' chompanaidh Ember a bh' ann agus e a' dèanamh a shlighe a Dhùn Èideann às Inbhir Nis.
Chaidh am prìomh rathad a dhùnadh airson faisg air dà uair de thìde.
Dhearbh neach-labhairt Ember gun robh fear de na busaichean aca an sàs ann an tubaist aon charbaid air an 12na là den Ghiblean.
Thuirt e: "Bu mhath leinn taing a thoirt do na seirbheisean èiginn airson an cuideachaidh, agus tha sinn a' cumail ar làn-taice ris na Poilis leis an sgrùdadh aca."