BP nan Eilean Siar a' cur fàilte air ath-sgrùdadh air seirbheisean bancaireachd

- Air fhoillseachadh
Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster air fàilte a chur air ath-sgrùdadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air seirbheisean bancaireachd aghaidh ri aghaidh, a dh' fhaodadh cuideachadh ann a bhith a' cumail seirbheis dha sheòrsa ris na h-eileanan.
Tha Torcuil Crichton air a bhith ag iomairt airson atharrachadh sna riaghailtean gus hubaichean bancaidh a stèidheachadh, an dèidh mar a dh'innis Banca Llloyds bho chionn ghoirid gu bheil iad dol a dhùnadh meur de Bhanca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich.
Dh'fhàgadh sin dìreach aon bhanca ann an Uibhist gu lèir - Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail, nach eil fosgailte ach dà là san t-seachdain.
Tha còrr air 1,500 neach air ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh nam planaichean sin, ach tha Mgr Crichton ag ràdh gu bheil e air a bhith a' conaltradh ri Banca na h-Alba is gu bheil e soilleir nach atharraich iad am beachd a thaobh meur a' bhanca a dhùnadh.

Tha còrr air 1,500 duine air ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh nam planaichean gus meur Bhanca na h-Alba ann am Beinn na Faoghla a dhùnadh
Tha e a' moladh hub bancaidh a stèidheachadh mar fhuasgladh dhan t-suidheachadh. Le sin, bhiodh cuid de sheirbheisean bancaireachd gan toirt seachad aig làrach cho-roinnte.
Ach a-rèir nan riaghailtean an-dràsta, chan urrainnear an leithid a thoirt gu bith ach ann an àitichean far a bheil co-dhiù 10,000 duine a' fuireach, agus chan eil ach mu 4,500 duine a' fuireach ann an Uibhist.
Fon ath-sgrùdadh a chaidh ainmeachadh an-diugh, thèid fianais a thrusadh mun bhuaidh air coimhearsnachdan nuair a thèid bancaichean a dhùnadh agus na ceumannan a dh'fhaodadh a bhith a dhìth gus seirbeisean bancaireachd a dhìon.
Thuirt Mgr Crichton: "Tha mi toilichte gun do dh'èist an riaghaltas ri draghan a chaidh a thogail sa phàrlamaid agus le ministearan.
"Le seirbheisean bancaireachd gan tarraing bho bharrachd sgìrean, tha e cudromach gum bi na riaghailtean airson hubaichean bancaidh a stèidheachadh a' toirt feart dha suidheachaidhean eileanan agus sgìrean dùthchail", thuirt e.
"Dh'iarrainn air duine sam bith air a bheil dùnadh a' bhanca ann am Baile a' Mhanaich a' toirt buaidh, no air a bheil an leithid a' toirt buaidh ann an àitichean eile, am beachdan a thoirt seachad dhan ath-sgrùdadh seo."
Thuirt Lucy Rigby BP, Rùnaire Eaconamach Roinn an Ionmhais: "Tha seirbheisean bancaireachd deatamach do choimhearsnachdan.
"Seallaidh an t-ath-sgrùdadh seo dhuinn càite a bheil duilgheadasan, agus, far a bheil an fhianais ag innse dhuinn gu bheil e a dhìth, gabhaidh sinn ceumannan san aithghearrachd gus reachdas a chur an sàs."
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadh19 An t-Iuchar 2023

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2019
