Dùinidh Halifax Banca na h-Alba meuran sna Hearadh is Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh

Tha Halifax Banca na h-Alba air innse gu bheil an dà bhanca aca ann an Loch nam Madadh agus air an Tairbeart gu bhith a' dùnadh anns a' Ghearran.
Fàgaidh seo nach bi ach dà mheur de Bhanca na h-Alba sna h-Eileanan an Iar air fad, ann an Steòrnabhagh agus ann am Beinn nam Faoghla.
Tha muinntir na Hearadh feargach nach deach conaltradh a dhèanamh leotha mun seo.
Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air an co-dhùnadh a chàineadh agus thuirt e gum bi e a' sireadh barrantais bhon bhanca air dè an taic a bheir iad gus a' bheàrn san t-seirbheis a lìonadh.
Fearg sa choimhearsnachd
Thuirt Iain MacLeòid bho Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh gun tàinig an naidheachd mar chlach às an adhar.
"Seo an rud a tha a' tachairt, mura h-eil na goireasan ann dè math obraichean a bhith ann. A bheil daoine a' dol a thighinn a dh'àite aig nach eil banca ann?
"Tha e dìreach do-chreidsinneach sa là sa bheil sinn beò gu bheil seo a' tachairt gun banca eile ann. Nam biodh banca eile ann cha bhiodh a' chùis cho dona ach 's e an aon bhanca a tha sna Hearadh an-diugh.
"Tha e a' cur bacadh air gnothaichean agus obraichean. Chan eil rian nach eil, agus cha bhi daoine toilichte agus tha e nàir gu beil seo a' tachairt."
Barrantas mu sheirbheis
Tha BPA na sgìre, Alasdair Allan, air iarraidh air Banaca na h-Alba barrantas a thoirt seachad air dè an taic a bhios ann dha oifisean a' phuist ionadail gus a' bheàrn san t-seirbheis a lìonadh.
"Tha Banca na h-Alba a' moladh do luchd-cleachdaidh meur an Tairbeirt turas dà uair a thìde uile gu leìr à Steòrnabhagh ann an càr neo bus, agus (gu h-iongantach) turas a bheir trì uairean a thìde air a' bhàt-aiseig agus air an rathad a Phort Rìgh.
"Tha iad cuideachd ag innse do dhaoine ann an Uibhist a Tuath gur e meur Phort Rìgh am fear as fhaisge orra.
"An deigheadh gabhail ri moladh airson turas sia uairean de thìde neo fiù's dà uair de thìde do luchd-cleachaidh am Meadhan an h-Alba?", dh'fhaighnich Mgr Allan.