Banca Bhrùra gus dùnadh
- Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann am Brùra is am banca mu dheireadh sa bhaile gus dùnadh.
Dh'innis Banca Dail Chluaidh gun dùin am meur aca ann am Brùra san Lùnastal.
Thuirt iad gu bheil seo ri linn is mar a tha cleachdaidhean dhaoine air atharrachadh agus bho nach eil uiread de dhaoine a' tadhal air a' mheur.
Bha am banca ag ràdh nach e co-dhùnadh furasta a th' ann uair sam bith meuran a dhùnadh.
Astar
Bidh aig daoine anns an sgìre a tha ag iarraidh tadhal air meur de Bhanca Dail Chluaidh siubhal 40 mìle gach taobh nuair a dhùnas e, is na meuran as fhaisge ann an Inbhir Pheotharain agus Inbhir Ùige.
Thuirt am banca ri luchd-cleachdaidh gum faodadh iad Oifis a' Phuist ann am Brùra a chleachdadh, ach i air dùnadh.
Thuirt an Cll. Deirdre NicAoidh nach deach co-chomhairleachadh sam bith dhèanamh.
"Cha do rinn Banca Dail Chluaidh rannsachadh sam bith - dhùin Oifis a' Phuist bho chionn còrr math air bliadhna, agus cha bhi bhan a' phuist a' tighinn ach aon uair anns an t-seachdain", thuirt i.