Luaidh ga dhèanamh air an Dr Urr. Ruairidh MacLeòid

An t-Dr. Urr. Ruairidh MacLeòid a' searmonachadh sa chùbaid
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Dr. Urr. MacLeòid na mhinistear am Beàrnaraigh agus mu dheireadh an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air an Dr Urr. Ruairidh MacLeòid a bha bliadhnaichean na chomhairliche agus na mhinistear anns na h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal.

Bha e air fear de na ciad chomhairlichean a bha air Comhairle nan Eilean nuair a chaidh an t-ùghdarras ionadail a stèidheachadh an toiseach ann an 1974.

A bharrachd air sin bha an Dr MacLeòid fad bhliadhnaichean na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig ann am mìosachan Eaglais na h-Alba, Life and Work.

Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh aig àm an Dàrna Cogaidh. Lean e foghlam, 's thug e a-mach a' mhinistrealachd agus rinn e ceum PhD ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus san Oilthigh Fhosgailte.

Thug e 21 bliadhna na mhinistear ann an eilean Bhèarnaraigh gus an do dh'fhàg e ann an 1985.

Chaidh e an uairsin os cionn co-thional ann an Earra-Ghàidheal - Cùm Lodainn agus Taobh Loch Fìn. Chuir e seachad an còrr de a mhinistrealachd an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012.

Chaochail e ann an Earra-Ghàidheal Disathairne aig aois 84.

Bha an Dr MacLeòid gu math aithniche anns na h-eileanan, ann am beatha na h-eaglaise gu nàiseanta agus an lùib coimhearsnachd is cultar na Gàidhlig.

Bha ùidh mhòr aige ann an dualchas na Gàidhlig, anns a' chànan agus ann an sgrìobhadh. 'S e a bha a' ruith na h-iris Gàidhlig Crùisgean, agus chaidh e na dheasaiche air Duilleagan Gàidhlig mìosachan na h-Eaglaise ann an 1981.

Fhad 's a bha e na mhinistear ann am Bèarnaraigh, sheas e airson Comhairle nan Eilean nuair a chaidh an t-ùghdarras a stèidheachadh an toiseach ann an 1974, agus thug e ochd bliadhna na bhall dhith.

Bhruidhinnn e tric air an ùrachadh a thug an t-ùghdarras ionadail ùr air na h-eileanan, agus an t-eadar-dhealachadh a bh' ann eileanaich a bhith a' riaghladh am beatha fhèin seach a bhith air an ruith le comhairlean air tìr-mòr.

Ghlèidh e a cheangal agus a chuid obrach a thaobh na Gàidhlig an dèidh dha a dhol a dh'Earra-Ghàidheal. Bhiodh e tric a' searmonachadh sa Ghàidhlig, an dà chuid ann an co-thionalan feadh na dùthcha agus air an rèidio, far am biodh e ri chluinntinn air Dèanamaid Àdhradh air Radio nan Gàidheal agus air Smuain na Maidne air Aithris na Maidne.

Ann an 2017 chaidh urram MBE a bhuileachadh air airson seirbheis dhan Ghàidhlig agus dhan roinn shaor-thoilich ann an Earra-Ghàidheal.