Iarrtas gus faraidhean aiseig Uibhist a Deas a ghearradh 50%

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt ann an Uibhist a Deas ag iarraidh gun tèid faraidhean aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail a ghearradh 50% airson a' chòrr den t-samhradh.
Thàinig an t-iarrtas bho Bhuidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) às dèidh dhan MV Lord of the Isles mu dheireadh thall tilleadh chun na slighe an t-seachdain seo.
Tha na trioblaidean mòra aig CalMac anns na seachdainean mu dheireadh air buaidh mhòr a thoirt air seirbheis Loch Baghasdail gu sònraichte is an t-slighe gu Malaig air a tarraing bho dheireadh a' Mhàirt.
Thàinig faochadh an t-seachdain seo is an Hebrides a' tilleadh gu seirbheis agus LOTI air a saoradh 'son tilleadh gu Loch Baghasdail.
Thuirt SUBIG gur e faochadh mòr a tha sin ach tha iad ag ràdh nach eil an gnothach idir seachad.
Aiseagan Uibhist: Carson sinne daonnan?
- Air fhoillseachadh14 An Giblean 2025
"Pian air a sgaoileadh" le matrix ùr ChalMac
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2023
Cùmhnant airson LOTI ùr gus a dhol a-mach gu tairgse
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil e aithnichte gu bheil Uibhist a Deas air fulang barrachd na àite sam bith eile ri linn duilgheadasan aiseig anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Thuirt iad gu bheil seo a' dol an aghaidh ghealltanasan a fhuair iad roime.
"Carson 's e Uibhist a Deas an-còmhnaidh a' chiad àite a tha a' call aiseag nuair a tha bàta a' briseadh sìos àiteigin?" thuirt John Daniel Peteranna bho SUBIG.
"Dè thachair dha na gealltanasan gum biodh am pian air a sgaoileadh tron lìonra?
"Feumaidh sinn gealltanas bho ChalMac agus bho Riaghaltas na h-Alba nach e Uibhist a Deas a bhios a' fulang an toiseach an ath thuras."
Prìomh sheirbheisean ChalMac air ais agus an Hebrides a' tilleadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Luchd-gnothachais Uibhist ag iarraidh bàta-aiseig èiginneach sa bhad
- Air fhoillseachadh8 An Giblean
CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
A thuilleadh air sin, tha SUBIG cuideachd airson is gun tèid faraidhean a ghearradh air an t-slighe anns na mìosan ri tighinn mar dhìoladh airson na tha air tachairt.
'S e lùghdachadh 50% a tha iad ag iarraidh eadar seo is deireadh an t-samhraidh.
"Às dèidh dhaibh an t-aiseag a thilleadh, feumaidh CalMac a-nise an cron a rinneadh air cliù na slighe seo a chur ceart le a bhith a' gearradh nam faraidhean agus a' dèanamh cinnteach gum bi seirbheis againn anns an gabh earbsa a chur," thuirt Mgr Peteranna.
Tha SUBIG cuideachd ag ràdh "gu bheil iad a' cumail sùil" air gealltanas bhon SNP gun rachadh stòras aiseig £10m fhoillseachadh taobh a-staigh 20 là nam biodh iad air an taghadh às ùr.
Ann am brath, thuirt CalMac gu bheil iad toilichte gu bheil seirbheis Uibhist a Deas air tòiseachadh às ùr leis gu bheil an Hebrides air ais.
"Ged a tha sinn ag aithneachadh gun robh turas nas fhaide ann, bha e comasach do dhaoine is gnothachasan ann an Uibhist a Deas faighinn gu tìr-mòr tro Loch nam Madadh no Bàgh a' Chaisteil," thuirt neach-labhairt.
"Bha na roghainnean eile a chuir sinn air dòigh a' ciallachadh gum b'urrainn dhan mhòr-chuid a bha air ticeadan a cheannach siubhal fhathast.
"Ghabh sinn ceumannan cuideachd airson sheirbheisean air Caolas Bharraigh a leasachadh gus am b'urrainn do dhaoine ceangal ri seirbheisean eadar Bàgh a' Chaisteil is an t-Òban.
"Rinn sinn cinnteach cuideachd gum faigheadh daoine airgead a bharrachd a phàigh iad 'son a dhol taobh Loch nam Madadh is Bàgh a' Chaisteil air ais".
Tha BBC Naidheachdan cuideachd air beachd iarraidh bho Chòmhdhail Alba, a' bhuidheann a tha a' stèidheachadh faraidhean aiseig.